Read in English
Tha sinn air ‘Ar Cànan, Ar Cultar, Ar Beartas (Our language Our Culture Our Prosperity) fhoillseachadh – rannsachadh ùr air a dhealbhadh gus tuigse a dhoimhneachadh do thabhartas eaconamach, sòisealta agus cultarach na Gàidhlig air feadh Alba.
Comharraichidh am prìomh sgrùdadh seo le far am faod inbheisteadh targaidte air Gàidhlig, na buannachdan fad-amail as fheàrr a lìbhrigeadh do choimhearsnachdan is ghnothachasan.
Air a choimiseanadh le HIE ann an com-pàirteachas le Riaghaltas na h-Alba, Bòrd na Gàidhlig, VisitScotland agus Leasachadh Sgilean na h-Alba, tha an rannsachadh ga ghabhail os làimh le GC Insight còmhla ri Reference Economics agus Lasair Earranta.
Mu dheidhinn an rannsachaidh
Le iarrtas a’ meudachadh airson eòlasan cultarach a tha fìor, an fhaicsinneachd air Gàidhlig ann an gnothachas a’ sìor fhàs, agus leasachaidhean ùra leithid Achd nan Cànan Albannach, tha an rannsachadh seo a’ tighinn aig àm deatamach airson inbheisteadh a chumadh.
Bidh an sgrùdadh:
- dèanamh measadh air luach eaconamach làithreach na Gàidhlig
- coimhead ri a buannachd shòisealta agus chultarach
- comharrachadh chothroman ann am prìomh roinnean mu choinneamh an ama ri teachd, a’ gabhail a-steach turasachd, na gnìomhachasan cruthachail agus leasachadh coimhearsnachd
- togail air far am bi a’ bhuannachd as motha aig taic do luchd-labhairt, luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig agus gnothachasan