Airson còrr air 25 bliadhna, tha am buidheann carthannais Trees for Life (Craobhan gu Deò) air a bhith ag obair gus a’ Ghàidhealtachd ath-fhiadhachadh.
Tha an carthannas ag ath-stèidheachadh na coille Chailleannaich ann an Gleann Afraig agus oighreachd Dhùl Dreagain de 10,000 acair ann an Gleann Moireastain, far a bheil iad a’ fàs nam mìltean de chraobhan dùthchasach bho shìol gach bliadhna. Ag obair còmhla ri uachdarain agus coimhearsnachdan ionadail, tha Craobhan gu Deò a’ meudachadh na h-obrach seo còmhla ri iomairt ùr na Gàidhealtachd ann an Gleann Afraig.
An ath-bhliadhna, bidh Craobhan gu Deò a’ fosgladh a’ chiad Àrainn Ath-Fhiadhachaidh air an t-saoghal aig Dùl Dreagain, far a bheil ath-fhiadhachadh air a bhith a’ gabhail àite bho 2008. Bidh an t-ionad dualchais nàdarra ioma-mhilleanan seo na bhealach gu cruth-tìre fhiadhaich na h-oighreachd, a’ ceadachadh do luchd-tadhail eòlas a chur air ath-fhiadhachadh ann an gnìomh, slighean is frith-rathaidean ruigsinneach a rùrach agus barrachd ionnsachadh mu fhiadh-bheatha, cultar agus dualchas ionadail. Bidh an t-ionad cuideachd a’ tabhann cafaidh, clasruman agus àite airson raon farsaing de thachartasan, ghnìomhachdan agus eòlasan uile-tharraingeach.