Drop in anytime between 2-5pm to connect, learn and help shape the future of cruise tourism in the Outer Hebrides.
Hosted by Stornoway Port, Highlands and Islands Enterprise (HIE), VisitScotland, Comhairle nan Eilean Siar (CnES) and Visit Outer Hebrides, the session will provide updates on the progress of the past year while offering an insight to the coming cruise season.
Attendees will hear from the cruise forum partners, gain practical guidance on working with the cruise market and dedicated opportunities to share experiences. The event also includes dedicated networking time, allowing businesses to connect with others working across the cruise tourism community.
An important focus of the afternoon will be hearing from local operators and organisations. Organisers are keen to gather local perspectives on how cruise engagement is working in practice and how future activity can be improved to benefit businesses and communities across the islands.
The event is free to attend, but spaces are limited and booking is essential.
Registration is available here
Donald Murray, senior development manager at HIE, said:
“We are looking forward to welcoming tourism operators and organisations from across the islands. Their knowledge and ideas play a vital role in building a strong, sustainable cruise offering for the Outer Hebrides.
“The new deep water terminal in Stornoway is already creating positive momentum for Lewis and Harris, and the opportunities it brings this season will be significant for local businesses and communities.”
Representatives from HIE, CnES, Stornoway Port, Outer Hebrides Tourism, VisitScotland will be on hand throughout the event to discuss the support available to help island businesses make the most of the anticipated increase in cruise visitors.
Ends.
Tachartas com-pàirteachaidh thursan-mara ann an Steòrnabhagh
Tha buidhnean air feadh Leòdhais agus Na Hearadh air cuireadh fhaighinn gu an Tachartas Com-pàirteachaidh Earraich a fhrithealadh ann an Taigh-òsta a’ Chalaidh ann an Steòrnabhagh air Diardaoin 5 Màrt.
Tadhailibh aig àm sam bith eadar 2-5f gus ceangal a dhèanamh, ionnsachadh mu dheidhinn agus cuideachadh le turasachd mara a chumadh mu choinneamh an ama ri teachd ann an Innse Gall.
Air aoigheachd bho Phort Steòrnabhaigh, Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean (HIE), VisitScotland, Comhairle nan Eilean Siar (CnES) agus Visit Outer Hebrides, bheir an seisean seachad ùr-fhiosrachadh air adhartas sa bhliadhna a dh’fhalbh agus in-shealladh air an ath sheusan de thursan-mara.
Cluinnidh an luchd-frithealaidh bho chom-pàirtichean fòraim nan tursan-mara, gheibh iad stiùireadh feumail air a bhith ag obair leis a’ mhargaid crùsaidh agus cothroman sònraichte air am fèin-eòlasan a roinn le càch. Tha an tachartas cuideachd a’ gabhail a-steach ùine shònraichte airson lìonraidheadh, a’ ceadachadh do ghnothachasan ceangal a dhèanamh le càch a bha ag obair tarsainn coimhearsnachd turasachd nan tursan-mara.
Bidh àm cudromach air a chur mu seach feasgar airson cuimseachadh air a bhith a’ cluinntinn bho ghnìomharaichean agus bho bhuidhnean ionadail. Tha luchd-eagrachaidh dealasach mu bheachdan ionadail a thional air mar a tha com-pàirt le tursan-mara ag obair ann an da-rìribh, agus mar a dh’dhaodas gnìomhadh a leasachadh san àm ri teachd gus buannachd fhaotainn do ghnothachasan agus coimhearsnachdan tarsainn nan eileanan.
Tha an tachartas an-asgaidh a fhrithealadh ach tha àiteachan cuibhrichte agus tha e riatanach àite a ghlèidheadh.
Tha clàradh ri fhaotainn an seo.
Thuirt Dòmhnall Moireach, àrd-mhanaidsear leasachaidh aig HIE:
“Tha sinn a’ coimhead air adhart ri fàilte a chur air gnìomharaichean turasachd agus buidhnean bho air feadh nan eilean. Tha àite deatamach aig an cuid eòlais agus am beachdan ann an tairgse crùsaidh sheasmhach a thogail dha Innse Gall.
“Tha am port ùr uisge-domhainn ann an Steòrnabhagh mar-thà a’ cruthachadh suidheachadh deimhinneach do Leòdhas agus Na Hearadh, agus bidh na cothroman a tharraingeas e air an t-seusan seo, fìor chudromach do ghnothachasan agus do choimhearsnachdan ionadail.”
Bidh riochdairean bho HIE, CnES, Port Steòrnabhaigh, Turasachd Innse Gall, agus VisitScotland ri làimh tron tachartas air fad gus conaltradh mu thaic a tha ri fhaotainn, gus gnothachasan nan eilean a chuideachadh gu an fheum as fheàrr fhaighinn às a’ mheudachadh ris a bheil dùil ann an luchd-tadhail thursan-mara.
Deireadh.