An àite a th'aig a' chànain sa Ghàidhealtachd is na h-Eileanan

Published 26/02/2026 by Joanna Peteranna 5 min read

Joanna Peteranna

Read in English

Anns a’ bhlog seo, tha Joanna Peteranna, stiùiriche obrachaidh sgìreil aig Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean (HIE), a’ rannsachadh mar a tha cudromachd cultarail is eaconamach na Gàidhlig a’ fàs, le taic bho iarrtas a tha a’ dol am meud, reachdas ùr agus dealas fad-ùine HIE do choimhearsnachdan na Gàidhlig.

Tha àite cudromach aig Gàidhlig air feadh na Gàidhealtachd ’s nan Eilean, a’ cur ri fulangas coimhearsnachd, leasachadh cultarach agus fàs eaconamach seasmhach.

Le suidheachadh cumhachdach sòisealta, cultarach agus eaconamach anns a’ Ghàidhealtachd ’s na h-Eileanan, chan eil a luach do mhuinntir na coimhearsnachd agus gnothachasan air a bhith a-riamh cho làidir.

Tha barrachd bhuidhnean a’ dlùth-ghabhail ri Gàidhlig gus dearbh-aithne a chomharrachadh, ceanglaichean a thogail le luchd-dèiligidh agus cothroman ùra brosnachail airson fàs a chruthachadh, uile aig àm nuair a tha iarrtas airson eòlasan cultarach ùghdarrail ag èirigh gu luath.

Aig HIE, tha sinn o chionn fhada air a bhith a’ tuigsinn comas eaconamch agus sòisealta na Gàidhlig. Thar sia dheicheadan de bhliadhnaichean, tha sinn air a bhith ag obair gu dlùth le coimhearsnachdan Gàidhlig. Tha an cànan air a thighinn gu bhith barrachd is barrachd na prìomh phàirt de ar modh leasachaidh.

Tha sinn air fàilte a chur air Achd nan Cànanan Albannach agus tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith ag obair gu dlùth le coimhearsnachdan agus buidhnean com-pàirteach mar a thèid reachdas a chur an gnìomh. Bheir an Achd comas do dh’ùghdarrasan ionadail Sgìrean Cànain Sònraichte, a’ neartachadh aithne na Gàidhlig taobh a-staigh dealbhadh agus leasachadh ionadail. 

On a chaidh a’ chiad Phlana Gàidhlig againn fhoillseachadh ann an 2009, tha sinn air leantainn a’ rannsachadh mar a tha Gàidhlig a’ cur taic ri prìomh roinnean leithid turasachd, biadh is deoch, meadhanan didseatach agus na gnìomhachasan cruthachail. San latha an-diugh, tha gnothachasan a’ cleachdadh Gàidhlig gus fìorachd brannd àrdachadh agus ceangal le luchd-èisteachd a tha a’ cur luach air dualchas.  

Ann an Innse Gall, tha fàs ann an eaconamaidh turasachd, le taic bho leasachaidhean mar am port uisge-domhainn ann an Steòrnabhagh, air cothroman ùra a chruthachadh do thachartasan fo stiùir na Gàidhlig. Tha gnìomharaichean thursan-mara agus solaraichean seirbheis a’ freagairt don iarrtas a tha a’ sìor fhàs airson eadar-mhìneachadh dà-chànanach, gnìomhachdan stèidhichte air sloinntearachd agus susbaint chultarach bogaidh.

Tha Gàidhlig cuideachd a’ tighinn gu bhith na pàirt nas fhaicsinniche de leasachadh gnothachais le taic bho chom-pàirtichean, a’ gabhail a-steach ar n-ùghdarrasan ionadail agus Leasachadh Sgilean Alba (SDS).

Mar a bhios fastaichean a’ rannsachadh mar as urrainn do Ghàidhlig an ro-innleachdan sgioba-obrach a neartachadh, tha SDS a’ cuideachadh leis na sgilean a thogail air a bheil feum airson fàs fad-amail, bho phreantasachdan ann an turasachd agus meadhanan cruthachail gu taic fastaiche le comasachd cultarach agus seirbheis dà-chànanach chustamairean.  

Tha a bhith a’ tarraing cànan, sgilean agus leasachadh eaconamach còmhla a’ neartachadh choimhearsnachdan dùthchail, a’ cruthachadh chothroman obrach ionadail agus a’ cur taic ri gleidheadh sluaigh ann an sgìrean far as motha a tha feum air.

Tha mòran ghnothachasan air feadh na roinne a’ fighe Gàidhlig a-steach do na h-obraichean làitheil, bho shoidhneachd agus eadar-mhìneachadh gu innse sgeulachdan didseatach agus leasachadh bathair.

Tha an ath-leasachadh air Ionad Tadhail Chalanais ann an Eilean Leòdhais na phrìomh eisimpleir. Aon uair ’s gum bi e deiseil, bidh e a’ nochdadh fiosrachadh luchd-tadhail a bhios dà-chànanach agus nua-aimsireil agus a tha freumhaichte sa chruth-tìre, cànan, cultar agus dualchas Leòdhais. Bidh a’ Ghàidhlig na pàirt den eadar-mhìneachadh a thuilleadh air pàirt den bheatha labhairteach làitheil ann an ruith an ionaid agus sa choimhearsnachd fharsaing, a’ cumadh mar a tha fàilte ga chur air luchd-tadhail agus mar a tha sgeulachdan ionadail gan lìbhrigeadh.

Nas tràithe an t-seachdain-sa, chuir sinn rannsachadh ùr air chois gus tuigse a dhoimhneachadh do bhuaidh eaconamach, sòisealta agus cultarach na Gàidhlig. Tha e air a stiùireadh le HIE, Riaghaltas na h-Alba, Bòrd na Gàidhlig agus VisitScotland agus a’ tional fianais bho ghnothachasan, coimhearsnachdan agus iomairtean sòisealta, a’ cleachdadh Gàidhlig air feadh Alba. Comharraichidh e far am faod inbheisteadh a’ bhuannachd as motha a bhuileachadh, agus measadh a dhèanamh air tabhartas eaconamach làithreach na Gàidhlig agus san àm ri teachd, gu h-àraid ann an turasachd. Cuidichidh na toraidhean sinn fhìn agus ar com-pàirtichean le cuimseachadh air taic far as motha a tha feum air.

Tarsainn na roinne, tha mi a’ faicinn gach latha mar a tha gnothachasan agus coimhearsnachdan a’ cleachdadh na Gàidhlig ann an dòigh fheumail agus bhrìgheil, bho riochdairean a’ neartachadh dearbh-aithne brannd gu aoigheachd agus buidhnean coimhearsnachd a’ cruthachadh eòlasan dà-chànanach agus sruthan teachd-a-steach a bharrachd.

Sin an t-adhbhar gu bheil HIE a’ cuimseachadh air a’ chànan taobh a-staigh ar modh leasachaidh. Mar a bhios ar n-eaconamidh a’ mean-fhàs, tha Gàidhlig a’ tighinn gu bhith na stiùiriche cudromach air misneachd, cruthachalachd agus cothrom.

Tha na bliadhnaichean ri teachd a’ tabhann comas cudromach airson fàs eaconamach air a stiùireadh le Gàidhlig, agus tha sinn dealasach a thaobh coimhearsnachdan agus gnothachasan tarsainn na roinne a chuideachadh gu an cothrom sin a thoirt gu bith.

Feedback

Did you find what you were looking for?

Feedback provided here is anonymous and cannot be replied to. If you have an enquiry and would like us to get back to you, please use our contact us form.

Newsletter

Sign up to our newsletter to stay up to date with the latest news, funding, investment and development opportunities from across the Highlands and Islands.

Please see our privacy policy for details on how we will use your data.

Thanks for signing up

A confirmation email has been sent to

Get updates that matter to you
Tell us what you're interested in to customise the emails we send you e.g. funding, community development, business support or local events.


Tailor my preferences
;