Sgrùdadh Cùise

Taigh-staile Bheinn na Faoghla

""

Blasad Baoghlach: Taigh-staile ùr mac na braiche

Read in English

Thàinig aisling eileanach a thaobh mac na braiche a chruthachadh ann an Innse Gall, gu bith ann an 2024 leis a’ chiad bhoinneig de spiorad a’ tòiseachadh air sruthadh ann an Taigh-staile Bheinn na Faoghla. Air a stèidheachadh leis an neach-gnìomhachais agus croitear ionadail, Aonghas Mac a’ Mhaoilein, tha an taigh-staile a’ cur ri chèile grìtheidean traidiseanta às na h‑eileanan, eòlas air dèanamh uisge-beatha agus ceangal làidir ris an àite fhèin.

Suidhichte ann an Gramasdal ann an ceann a tuath Bheinn na Faoghla, tha an taigh-staile air seann ionad giollachd bhradain atharrachadh gu bhith na àite-tadhail sònraichte. Tha an leudachadh sònraichte aige ann an stoidhle taigh-sholais na dhachaigh do phoit-dhubh chopair a rinneadh le làimh agus a’ tabhann seallaidhean farsaing thairis air Uibhist.

Tha grìtheidean ionadail aig cridhe a’ phròiseis riochdachaidh, le eòrna beàrnach air a fàs air croitean ionadail, còmhla ri mòine, fraoch agus feamainn, a’ cuideachadh le cruthachadh spioraid a tha a’ glacadh brìgh cruth-tìre agus dualchais Innse Gall. Ag obair còmhla ris an Àrd-ghrùdair Brèanann McCarron, tha Aonghas air gnìomhachas a thogail a tha a’ comharrachadh cultar nan eilean agus a’ cuideachadh le bhith a’ cur Beinn na Faoghla air mapa uisge-beatha na h-Alba.

Benbecula Distillery 18.jpg

Teisteanasan Uaine

Bha seasmhachd aig cridhe a’ phròiseict bhon fhìor thoiseach.

Tha an taigh-staile a’ gabhail a-steach theicneòlasan ùr-ghnàthach ìosal-charboin agus siostaman cumhachd ath-nuadhachail a chaidh a dhealbhadh gus sgaoilidhean a lùghdachadh agus taic a thoirt do dh’amasan neoni lom na h-Alba.

Thuirt Aonghas Mac a’ Mhaoilein:

“Tha lorg carboin ìosal bunaiteach don taigh-staile seo. Tha sinn air pròiseas toraidh spioraid a dhealbhadh a tha air a chumhachdachadh le stòrasan cumhachd ath-nuadhachail. Tha seo a’ lùghdachadh ar mach-chur carboin agus a’ cuideachadh le bhith a’ dèanamh cinnteach gu bheil sinn aig fìor thoiseach gluasad gnìomhachas an uisge-bheatha air falbh bho chleachdadh chonnaidhean fosail.”

Thug sinn taic do leasachadh a’ phròiseict, ag aithneachadh a chomais obraichean a chruthachadh, an eaconamaidh ionadail a neartachadh agus sealltainn mar as urrainn do ùr-ghnàthachadh taic a thoirt do fhàs seasmhach ann an coimhearsnachdan dùthchail agus eileanach.

""

Cruthachadh obraichean ionadail agus a’ tàladh dhaoine gu tilleadh dha na h‑eileanan

B’ e aon de phrìomh amasan an taigh-staile cothroman obrach àrd-inbhe a chruthachadh agus barrachd dhaoine a chuideachadh gus dreuchdan a thogail ann an Innse Gall.

Is e aon den fheadhainn a thill dhachaigh Màiri Mairead Connarty, a dh’fhàg Màiri Mairead Connarty, aon de na buill obrach as ùire san taigh-staile. An deidh PhD ann an ceimigeachd a chosnadh, lorg i i fhèin ag obair ann an Taigh-staile Bhreatainn a Tuath airson suas ri 20 bliadhna, air a fastadh an toiseach mar cheimigear agus às dèidh sin mar mhanaidsear an obair-lainn san taigh-staile gràin seo thar nan sia bliadhna mu dheireadh.  
 
Thuirt Màiri Mairead:

“Bha mi a-riamh airson tilleadh agus tha gràdh mòr aig mo chèile, a tha bho thìr-mòr, air an eilean cuideachd. Tha e mìorbhaileach gu bheil an taigh-staile a’ cruthachadh chothroman ùra. Tha sgioba iongantach an seo mar-thà agus tha e a’ còrdadh rium a bhith ag obair còmhla riutha agus sinn a’ leantainn oirnn a’ togail a’ ghnothachais ùir bhrosnachail seo.

"Tha sinn fìor thoilichte gum bi ar cuid chloinne comasach air tlachd fhaighinn à òige ann am Beinn na Faoghla agus foghlam Gàidhlig, mar a fhuair mise.”

Tha an sgeulachd aice a’ sealltainn a’ bhuaidh fharsaing a tha an taigh-staile a’ toirt air a’ choimhearsnachd ionadail. Le bhith a’ cruthachadh obraichean sgileil agus a’ tàladh dhaoine le eòlas air ais dha na h‑eileanan, tha an gnìomhachas a’ cuideachadh le tàlant a ghleidheadh, taic a thoirt do theaghlaichean agus cur ri seasmhachd choimhearsnachdan eileanach san fhad-ùine. Tha lèirsinn Aonghais Mhic a’ Mhaoilein a’ dol nas fhaide na saothrachadh uisge-beatha a-mhàin, a’ cruthachadh chothroman do ghinealaichean ri teachd agus a’ sealltainn mar as urrainn do dhaoine soirbheachadh le bhith a’ fuireach agus ag obair ann an Innse Gall.

Bha mi a-riamh airson tilleadh agus tha gràdh mòr aig mo chèile, a tha bho thìr-mòr, air an eilean cuideachd. Tha e mìorbhaileach gu bheil an taigh-staile a’ cruthachadh chothroman ùra.

Màiri Mairead Connarty, Manaidsear, Taigh-staile Bheinn na Faoghla

Related case studies

Read some more about who we work with.

Wee Studio Records

Keith Morrison, the owner of Wee Studio Records, established his music recording business in the Isle of Lewis in 2008.

Modular West

HIE has been supporting Modular West, based on the Isle of Barra, for a number of years. Read about their development and how they're plugging a vital gap in the Island housing market.

Benbecula Distillery

The dream of an islander to create a single malt whisky in the Outer Hebrides came to fruition in 2024 with the first spirit starting to flow at Benbecula Distillery. 

Where to next?

Have a look at our support programmes to see how we can help you.

Browse all support services

We support businesses, communities and social enterprises through a range of services, including advice, funding, events and property. Find out how we can help you.

Feedback

Did you find what you were looking for?

Feedback provided here is anonymous and cannot be replied to. If you have an enquiry and would like us to get back to you, please use our contact us form.

Newsletter

Sign up to our newsletter to stay up to date with the latest news, funding, investment and development opportunities from across the Highlands and Islands.

Please see our privacy policy for details on how we will use your data.

Thanks for signing up

A confirmation email has been sent to

Get updates that matter to you
Tell us what you're interested in to customise the emails we send you e.g. funding, community development, business support or local events.


Tailor my preferences