Sgrùdadh Cùise

Wee Studio Records

Tabhann chothroman aig ìre chruinneil do thàlant ùr

Read in English

Chuir Keith Moireasdan aig a bheil Wee Studio Records, a ghnothachas an lùib a bhith a’ clàradh ciùil, air bhonn air Eilean Leòdhais ann an 2008. Tha an gnothachas a’ tabhann sheirbheisean co-cheangailte ri innleadaireachd stiuidio, a’ gabhail a-steach clàradh, measgachadh, maighstireadh, agus clàradh bhidio proifeiseanta. 

Stèidhichte ann an Steòrnabhagh bho thùs, thug Keith an stiuidio a Nis – aig fìor cheann a tuath Leòdhais – ann an 2022. B’ e dìreach aon chomharra a bha sin de dhealas a’ ghnothachais a thaobh taic do leasachadh coimhearsnachd. 

Bha an togalach a b’ àbhaist a bhith le HIE, a’ tabhann 351 meatair ceàrnagach de fharsaingeachd, a bha dìreach foirfe airson seirbheisean an Wee Studio.  Bha e comasach dhuinn Keith a chuideachadh le a phlana gnothachais agus a lèirsinn a chur an gnìomh, le tabhartas de dh’airgead a dh’ionnsaigh uidheamachd agus atharrachaidhean a dhèanamh air an àite chruthachail agus air leth a tha e air a leasachadh.

Coinnich ri Keith san stiuido aige ann an Nis, sa film ghoirid againn.

Feartan uaine

Tha Keith ag ràdh gun tug ath-nuadhachadh air an togalach, cothrom fìor mhath dha air raon de cheumannan a ghabhail gus dèiligeadh ris an rangachadh cumhachd aige. Dhèilig e ri stuth-ghlèidhidh teas, riarachadh dealain, thug e a-steach bolgan sàbhalaidh cumhachd agus chuir e pannalan grèine an sàs.

Tha planaichean aige cuideachd airson coimhead ri mar as urrainn do sholas grèine taic a chur ri feumalachdan còmhdhail a’ ghnothachais. Tha an gnothachas air a bhith ag obair le Climate Hub Hebrides gus coimhead ri mar a dh’fhaodas saoghal a’ chiùil, gigeachan agus ionnsachadh a bhith air a lìbhrigeadh ann an dòigh eadar-dhealaichte, a’ cleachdadh teicneòlas bhiortail agus fìorachd mheasgaichte.  

Faigh a-mach tuilleadh mu thuras uaine a’ ghnothachais sa chliop againn.

 

Wee Studio

Fuaim milis adhartais  

Tha cliù làidir soirbheachaidh aig an Wee Studio ann an cuideachadh tàlant ionadail, gu h-àraid sna tràth-ìrean de chlàradh agus leasachadh ciùil.  Is e aon nì a tha cudromach a bhith ag obair còmhla ris an luchd-ciùil Albannach, Peat & Diesel, a’ cur ri an clàran stiuido ainmeil agus an gnìomhaidhean beò.

A’ coimhead air adhart, tha an Wee Studio ag amas air a ruigsinneachd a leudachadh a-mach le bhith ag obair còmhla ri luchd-dèiligidh taobh a-muigh an eilein, a’ sìreadh tàlant do Wee Studio Records, agus a’ sgaoileadh shruthan teachd-a-steach tro shruthadh air-loidhne, dèanamh bhidiothan ciùil de dh’àrd-chàileachd, agus seirbheisean do chuairtean. A thuilleadh air sin, tha na planaichean a’ gabhail a-steach urras ciùil ionadail a chruthachadh gus taic a thoirt don choimhearsnachd chruthachail nas fharsainge, agus cidsin gnìomhachasail a stèidheachadh.

Tha lèirsinn Keith a’ gabhail a-steach chan e a-mhàin fàs gnothachais ach cuideachd saidhbhreachadh coimhearsnachd, le planaichean aison àite-fuirich do luchd-cruthachail a tha a’ siubhal, dèanamh ùrachadh air goireasan airson seasmhachd, agus fastadh luchd-obrach ionadail gus taic a thoirt don t-suidheachadh obrach. Le bhith ag àrach cho-obrachaidhean, tasgadh ann am bun-structar, agus toirt prìomhachas do chom-pàirt coimhearsnachd, tha an Wee Studio deiseil airson a’ bhuaidh dheimhinneach a tha aige air Eilean Leòdhais, a thoirt chun na h-ìre as àirde.  

Sgrùdaidhean cùise co-cheangailte

Leugh mu chuid de na gnìomhachasan agus coimhearsnachdan eile a tha sinn a’ toirt taic.

Benbecula Distillery

The dream of an islander to create a single malt whisky in the Outer Hebrides came to fruition in 2024 with the first spirit starting to flow at Benbecula Distillery. 

Modular West

HIE has been supporting Modular West, based on the Isle of Barra, for a number of years. Read about their development and how they're plugging a vital gap in the Island housing market.

Wee Studio Records

Keith Morrison, the owner of Wee Studio Records, established his music recording business in the Isle of Lewis in 2008.

Feedback

Did you find what you were looking for?

Feedback provided here is anonymous and cannot be replied to. If you have an enquiry and would like us to get back to you, please use our contact us form.

Newsletter

Sign up to our newsletter to stay up to date with the latest news, funding, investment and development opportunities from across the Highlands and Islands.

Please see our privacy policy for details on how we will use your data.

Thanks for signing up

A confirmation email has been sent to

Get updates that matter to you
Tell us what you're interested in to customise the emails we send you e.g. funding, community development, business support or local events.


Tailor my preferences