Trì buill ùra gan sireadh le bòrd-stiùiridh Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean

Tha Ministearan na h-Alba a’ coimhead ri trì dreuchdan stiùirichean neo-ghnìomha a lìonadh air bòrd Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean (HIE), a’ sùileachadh gum bi na buill ùra a’ tòiseachadh teirm de thrì bliadhna san t-Sultain.

Published 23/03/2026 in HIE corporate Economy

Tha Ministearan na h-Alba a’ coimhead ri trì dreuchdan stiùirichean neo-ghnìomha a lìonadh air bòrd Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean (HIE), a’ sùileachadh gum bi na buill ùra a’ tòiseachadh teirm de thrì bliadhna san t-Sultain.

Tha am buidheann leasachaidh ag obrachadh tarsainn roinn a tha gu cruinn-eòlasach eadar-mheasgte, a tha na dachaigh do mu 470,000 neach agus a’ còmhdach còrr air leth de mheall-fearainn na h-Alba, a’ gabhail a-steach 94 eileanan le sluagh.

Le timcheall air 250 cosnaiche, tha HIE a’ cur taic ri gnothachasan agus coimhearsnachdan gus roinn nas uaine, nas cothromaiche, agus nas seasmhaiche a thogail, a tha na buannachd do na h-uile agus a’ cur tabhartas làidir ri eaconamaidh na h-Alba.

Tha an ro-innleachd làithreach còig-bliadhna co-thaobhaichte le poileasaidhean nàiseanta agus a’ mìneachadh lèirsinn airson roinn de neoini lom a’ stiùireadh, le eaconamaidh sunnd a tha fiùghantach.  

Thuirt Aonghas Caimbeul, Cathraiche HIE: “’S e cothrom mìorbhaileach a tha seo do bhuill a thighinn air bòrd-stiùiridh buidhinn àrd-amasail aig a bheil dleastanas deatamach ann a bhith a’ cur taic ri gnothachasan agus coimhearsnachdsan air feadh na Gàidhealtachd ’s nan Eilean.

“Ged a tha na h-amannan seo dùbhlanach do dh’eaconamaidhean air feadh an t-saoghail, tha sinn a’ tuigsinn nan cothroman air leth a tha rim faotainn an seo mar stiùirichean air fàs, soirbheachadh, agus obair chothromach don Ghàidhealtachd ’s na h-Eileanan agus do dh’Alba.

“Gu làithreach, tha iad sin a’ gabhail a-steach comas àibheiseach lùtha ath-nuadhachail, an eaconamaidh ghorm, fànas, saidheansan beatha agus calpa nàdarra na roinne, còmhla ri earrannan fad-stèidhichte leithid turasachd, gnìomhachasan cruthachail, agus biadh is deoch.

“Tha e cudromach gum bi am bòrd againn a’ gabhail a-steach raon de sgilean, fiosrachadh, agus eòlas gus iomadachd ar roinne a nochdadh agus na cothroman is dùbhlain leis a bheil am pàirt seo de dh’Alba a’ cothachadh gu làithreach.”

Tha am bòrd 12-buill aig HIE cunntachail airson stiùireadh ro-innleachdail a shuidheachadh,  prìomh cho-dhùnaidhean a ruighinn, agus riaghladh èifeachdach, le buill aig a bheil raon de sgilean, fiosrachadh, agus eòlas, a tha a’ nochdadh iomadachd na roinne agus leud raon-dleastanais HIE.

Bithear a’ sùileachadh do thagraichean uile sa chuairt trusaidh seo gum bi cleamhnas dlùth aca ris a’ Ghàidhealtachd ’s na h-Eileanan, agus mothachadh làidir do na cothroman agus na dùbhlain ris a bheil gnothachasan agus coimhearsnachdan tarsainn na roinne a’ dèiligeadh.

Bu chòir dhaibh cuideachd fiosrachadh agus eòlas air co-dhiù aon de thrì phrìomh earrannan a thaisbeanadh – is iad sin biadh is deoch, turasachd, agus lùth gu h-àraid far-thìre.

Bidh fiosrachadh agus eòlas air cànan is cultar na Gàidhlig agus air togail beairteas coimhearsnachd nam buannachd.

Tha Ministearan na h-Alba a’ cur fàilte gu h-àraid air tagraidhean bho bhoireannaich, daoine le ciorram, daoine LGBTQI+, daoine à coimhearsnachdan mhion-shluagh cinnidheach, agus daoine fo aois 50. Bidh sgeama agallaimh barantaichte do thagraichean ciorramach an làthair.

Tha làn-fhiosrachadh ri fhaotainn air làrach-lìn Public Appointments Scotland.

 

Feedback

Did you find what you were looking for?

Feedback provided here is anonymous and cannot be replied to. If you have an enquiry and would like us to get back to you, please use our contact us form.

Newsletter

Sign up to our newsletter to stay up to date with the latest news, funding, investment and development opportunities from across the Highlands and Islands.

Please see our privacy policy for details on how we will use your data.

Thanks for signing up

A confirmation email has been sent to

Get updates that matter to you
Tell us what you're interested in to customise the emails we send you e.g. funding, community development, business support or local events.


Tailor my preferences