Thathar a’ sireadh thagraidhean gu làithreach tro làrach-lìn dhreuchdan poblach an riaghaltais ron cheann-latha dheireannach air 7 Iuchar.
Tha an gluasad seo a’ leantainn na naidheachd sa Mhàrt gun robh Alistair Dodds CBE, Cathraiche làithreach HIE, air co-dhùnadh èirigh às a dhreuchd as t-samhradh.
Ag ainmeachadh a’ cho-dhùnaidh aige, thuirt Mgr Dodds: “Tha e air a bhith na àrd-urram frithealadh air a’ bhòrd agus tha mi taingeil airson a’ chothruim a bhith ag obair còmhla ri Riaghaltas na h-Alba, gnothachasan, coimhearsnachdan, ùghdarrasan poblach agus com-pàirtichean tarsainn roinnean poblach, prìobhaideach agus treas roinnean.
“Tha an eaconamaidh againn agus na coimhearsnachdan ann an suidheachadh dearbhach le comas àibheiseach air tasgadh gun choimeas a dhèanamh agus obraichean a chruthachadh. Tha mi deimhinnte gun lean HIE a’ lìbhrigeadh coileanaidhean làidir agus builean dearbhach do Riaghaltas na h-Alba agus gum bi a’ Ghàidhealtachd ’s na h-Eileanan nam buannachd mhòr do dh’eaconamaidh na h-Alba thar na 15 bliadhna ri teachd agus às dèidh sin.”
Fagaidh Mgr Dodds an dreuchd aig deireadh an Iuchair, an dèidh a bhith na bhall den bhòrd airson 11 bliadhna uile gu lèir, a’ gabhail a-steach còig bliadhna mar Chathraiche. Thathar a’ sùileachadh gum bi an Cathraiche ùr na àite ro thoiseach na Dàmhaire.
Is e HIE am buidheann leasachaidh eaconamach is coimhearsnachd do sgìre a tha a’ còmhdach còrr air leth tomad-fearainn na h-Alba, a’ sìneadh bho Shealtainn sa cheann a tuath gu costa a deas Earra-Ghàidheal agus a’ gabhail a-steach faisg air 100 eilean air a bheil sluagh.
Bidh Bòrd HIE a’ marasgladh obair a’ bhuidhinn, ag aithris don Leas-Chiad Mhinistear agus an Rùnaire Caibineit airson Gàidhlig. Tha dleastanas corporra air airson dèanamh cinnteach gu bheil HIE a’ coileanadh nan amasan agus nan cinn-uidhe a tha stèidhichte le Ministearan na h-Alba agus cleachdadh èifeachdach is buadhach air goireasan adhartachadh.
Chair of HIE Board | HIE