""

Buill gan sireadh gu Bòrd-stiùiridh Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean

Published: 01/03/2022

Thathar a’ toirt cuireadh do dhaoine aig a bheil suim làidir ann an suidheachadh na Gàidhealtachd ’s nan Eilean san àm ri teachd, gu tagradh a dhèanamh airson àite air bòrd-stiùiridh buidheann leasachaidh na roinne.

""

Tha Ministearan na h-Alba a’ coimhead ri trì dreuchdan stiùiridh neo-ghnìomhach a lìonadh air Bòrd-stiùiridh Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean (HIE), a’ sùileachadh gun tòisich an luchd-dreuchd ùr  as t-samhradh.

Tha am buidheann ag obrachadh air feadh roinn a tha glè eadar-mheasgte a thaobh cruinn-eòlais agus a tha a’ còmhdach còrr air leth tomad fearann na h-Alba, a’ gabhail a-steach 94 eilean le sluagh, agus a tha na dachaigh do mu 470,000 neach.

Le timcheall air 300 neach-obrach stèidhichte tarsainn na roinne, tha HIE ag amas air gnothachasan soirbheachail, tarbhach agus fulangach fhàs; suidheachaidhean airson fàs a chruthachadh agus coimhearsnachdan làidir, comasach agus innleachdach a thogail.

Tha dleastanas corporra air a’ bhòrd airson riaghladh làidir, a’ dèanamh cinnteach gu bheil HIE a’ coileanadh chinn-uidhe a tha air an stèidheachadh le Ministearan na h-Alba agus a’ cleachdadh  ghoireasan ann an dòigh èifeachdach is bhuadhach.

Thathar a’ sùileachadh do na tagraichean uile gum bi cleamhnas làidir aca ris a’ Ghàidhealtachd ’s na h-Eileanan agus mothachadh àrd do na cothroman is dùbhlain a tha mu choinneamh ghnothachasan agus choimhearsnachdan air feadh na roinne.

Thèid co-dhiù a dhà a-mach às na trì dreuchdan air a’ bhòrd a lìonadh le daoine a tha gu làithreach a’ còmhnaidh, ag obair no ag ionnsachadh sa Ghàidhealtachd ’s na h-Eileanan.

Thuirt Alistair Dodds, Cathraiche HIE: “Is e buidheann àrd-amasach a th’ ann an HIE, aig a bheil àite deatamach gu làithreach ann a bhith a’ cur taic ri gnothachasan agus coimhearsnachdan tarsainn na Gàidhealtachd ’s nan Eilean gus ath-shlànachadh fhaotainn bho bhuaidhean a’ ghalair-sgaoilte, agus àm teachdail nas uaine, nas cothromaiche agus nas seasmhaiche a thogail.

“Tha e cudromach gu bheil am bòrd againn a’ gabhail a-steach raon de sgilean, de fhiosrachadh agus de eòlas a tha a’ nochdadh iomadachd ar roinne agus na dùbhlain is cothroman leasachaidh coimhearsnachd is eaconamach, a tha an làthair sa phàirt seo de dh’Alba. 

“Tha sireadh chothroman stèidhichte air àite na phrìomh amas – a’ toirt aithne don phàirt as urrainn do chalpachas nàdarra is togte agus so-mhaoinean cultarach leithid Gàidhlig a choileanadh a thaobh roinn làidir fhàs agus a chumail suas, agus a tha a’ cur gu h-iomlan ri soirbheachas na h-Alba.

“Mar bhòrd, tha sinn a’ tighinn à raon de dhiofar shuidheachaidhean ach tha co-dhiù dà nì a tha coitcheann eadarainn: ar dìoghras a thaobh na Gàidhealtachd ’s nan Eilean agus ar dealas a thaobh diofar deimhinneach a dhèanamh ann an sunnd is soirbheachas nan uile a tha a’ còmhnaidh an seo.

“Mholainn do neach sam bith a tha dìoghrasach mun sin agus aig a bheil an t-eòlas a tha sinn  a’ sireadh ann an gnothachas, leasachadh coimhearsnachd agus fàs eaconamach, beachdachadh air tagradh airson dreuchd air a’ bhòrd.”

Bidh fàilte shònraichte ro thagraidhean bho luchd-labhairt Gàidhlig agus daoine le feartan dìonta a tha gu làithreach fo-riochdaichte air Bòrd HIE, a’ gabhail a-steach boireannaich, daoine ciorramach,  daoine LGBTI+, iadsan bho choimhearsnachdan dubha agus mion-chinnidheach agus daoine fo aois 50.

Thathar a’ sùileachadh do Bhuill Bòrd-stiùiridh HIE dà latha sa mhìos a chur seachad san dreuchd. Mairidh fad na dreuchd airson trì bliadhna bho 13 Ògmhios 2022.

Tha làn mion-fhiosrachaidh air làrach-lìn Public Appointments Scotland aig www.gov.scot/collections/public-appointments              

Related Articles

Feedback

Did you find what you were looking for?

Newsletter

Sign up to our newsletter to stay up to date with the latest news, funding, investment and development opportunities from across the Highlands and Islands.

Please see our privacy policy for details on how we will use your data.

Thanks for signing up

A confirmation email has been sent to

Get updates that matter to you
Tell us what you're interested in to customise the emails we send you e.g. funding, community development, business support or local events.


Tailor my preferences