If you have any questions about trading with Ukraine or Russia, the Find Business Support website has the latest updates and links to further support.

Close
Menu
MyHIE

Get a personalised experience with a MyHIE account

Make your life easier with a MyHIE account. It’ll save you time, help you find and organise content based on your needs and interests.

Cta Man
News Item Default

New appointment for HIE in the Outer Hebrides

Published: 21/01/2022

A new information systems manager has been appointed to assist in the development and implementation of information technology at Highlands and islands Enterprise (HIE).

Alex MacIver

Alex MacIver from Stornoway, Isle of Lewis previously worked as an installations and infrastructure tech for NHS Western Isles.  Having a central role, he will play a key part in ensuring that the organisation has access to secure and effective information systems.

This includes responsibility for infrastructure network and cyber security for the of the organisation across the Highlands and Islands from Shetland to Argyll.

Alex qualified with a mechanical design engineer (BSc Hons) from the University of Glasgow and he also has a Masters degree in Computing Science.

In previous engineering roles, he worked all over the world including both onshore and offshore in the Gulf of Mexico, Italy and Romania and has extensive offshore experience in the North Sea and the Irish Sea.

Alex will be based at the Stornoway office although will be home-working in Newvalley near Stornoway until offices reopen.

Commenting on his new role, Alex MacIver, said:

“I am delighted to be joining the central team at HIE at a really exciting time and it’s fantastic to be able to do this while living in the Isle of Lewis. I am looking forward to meeting staff across the region and working with them and stakeholders to implement and develop internal systems and networks for the organisation.”

Nick Kenton, director of finance and corporate services at HIE, said:

“We are delighted to appoint Alex to this role and we look forward to working with him and drawing on his previous experience to make a positive contribution to the strength of the organisation. Alex brings a wealth of knowledge and experience to this role and this appointment highlights that this position and other high-quality jobs are being carried out from an island location.”

Dreuchd ùr aig HIE ann an Innse Gall

Tha manaidsear ùr shiostaman fiosrachaidh air fhastadh gus cuideachadh le leasachadh is buileachadh air teicneòlas fiosrachaidh aig Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean (HIE).

Bha Ailig MacÌomhair à Steòrnabhagh ann an Eilean Leòdhais ag obair mar theicneòlaiche stàlaidhean is bun-structair aig NHS nan Eilean Siar. Bidh àite cudromach aige ann an coileanadh prìomh phàirt ann a bhith a’ dèanamh cinnteach gu bheil cothrom aig a’ bhuidheann air siostaman fiosrachaidh a tha tèarainte agus èifeachdach. 

Tha seo a’ gabhail a-steach uallach airson lìonra bun-structair agus tèarainteachd saidhbeir don bhuidheann air feadh na Gàidhealtachd ’s nan Eilean bho Shealtainn gu Earra-Ghàidheal.  

Cheumnaich Ailig bho Oilthigh Ghlaschu le (BSc le Urram) ann an innleadaireachd dealbhaidh meiceanaigeach agus tha Ceum Mighstireachd aige cuideachd ann an Saidheans Coimpiutaireachd.

Ann an dreuchdan innleadaireachd roimhe, bha e ag obair air feadh an t-saoghail a’ gabhail a-steach air-tìreach agus far-thìreach ann an Camas Mheagsago, an Eadailt agus Romàinia agus tha eòlas far-thìreach fìor fharsaing aige sa Chuan a Tuath agus sa Mhuir Mhanainneach.

Bidh Ailig stèidhichte ann an oifis Steòrnabhaigh ged a bhios e suidhichte aig an taigh anns a’ Ghleann Ùr faisg air Steòrnabhagh gus am fosgail na h-oifisean ann an Steòrnabhagh a-rithist.

A’ toirt iomradh air a dhreuchd ùir, thuirt Ailig MacÌomhair:

“Tha mi air leth toilichte a bhith nam phàirt den sgioba aig HIE aig àm a tha fìor bhrosnachail agus a bhith comasach air seo a dhèanamh ’s mi a’ fuireach ann an Eilean Leòdhais. Tha mi a’ coimhead air adhart ri coinneachadh ris an luchd-obrach air feadh na roinne agus a bhith ag obair còmhla riuthasan agus luchd-ùidhe gus siostaman a-staigh agus lìonraidhean a leasachadh ’s a bhuileachadh don bhuidhinn.”   

Thuirt Nick Kenton, stiùiriche sheirbheisean ionmhais is corporra aig HIE:

“Tha sinn fìor thoilichte Ailig fhastadh don dreuchd seo agus tha sinn a’ coimhead air adhart gu bhith ag obair còmhla ris agus a’ tarraing air a chuid eòlais gus cur gu dearbhach ri neart na buidhne. Tha Ailig a’ toirt saidhbhreas de fhiosrachadh ’s de eòlas chun na dreuchd, agus tha an suidheachadh seo a’ follaiseachadh gum faod obraichean àrd-chàileachdail eile a bhith air an coileanadh bho na h-eileanan.”

Related Articles

Newsletter

Sign up for all the latest news, information on investments and development opportunities from across our region.