News Item Default

Tàlant cruthachail bho Hawaii gu Innse Gall ri fhaicinn aig XpoNorth 2019

Published: 26/06/2019

Bidh traidisean agus teicneòlas a’ nochdadh aig prìomh fhèis ghnìomhachasan cruthachail na h-Alba nuair a thilleas i gu Cùirt an Easbaig ann an Inbhir Nis air 3-4 Iuchar.

Tha XpoNorth a’ toirt còmhla cuideachd mhòr de luchd-labhairt roinneil, nàiseanta agus eadar-nàiseanta gus deasbad air na cuspairean as làithriche a tha a’ cumadh agus a’ toirt buaidh air an roinn.

Tha an fhèis bhliadhnail a’ toirt aoigheachd cuideachd do mhòr-thaisbeanadh ciùil beò ann an ionadan-cruinneachaidh am meadhan a’ bhaile, a thuilleadh air cothroman lìonraidhidh do ghnothachasan.

Tha XpoNorth air a mhaoineachadh le Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean (HIE) agus Maoin Leasachaidh Roinneil na h-Eòrpa, a thuilleadh air Ionad Ùr-ghnàthachaidh a’ Chinn a Tuath às leth com-pàirteachas Aonta Baile-Roinn na Gàidhealtachd is Inbhir Nis.

Tha sgrionadh fhilmichean agus deasbad ann an doimhneachd air na cothroman do mhion-chànanan sna meadhanan agus teicneòlas, am measg prìomh chuspairean na bliadhna seo.

Bidh MG Alba sa chathair aig deasbad pannail air Diciadain 3 Iuchar aig 2.15f, a’ toirt còmhla dhaoine fa leth a’ riochdachadh Gàidhlig, Basgais, Sàmais agus cànan Hawaii.

Fon tiotal ‘Ath-dhealbhadh a’ Mhapa: Mion-chànanan agus na Gnìomhachasan Cruthachail’, tha an luchd-labhairt Dòmhnall Caimbeul, Àrd-Oifigear MG Alba (Gàidhlig) còmhla ri Na'Alehu Anthony, stiùiriche TBh Oiwi (cànan Hawaii); Itziar Azpeitia Iruretagoiena, ceannard phròiseactan sònraichte, EITB (Basgais); Ingá-Máret Gaup-Juuso, seinneadair (Sàmais).

Bidh am pannal a’ deasbad air na cothroman a dh’fhaodas teicneòlas agus na meadhanan a thabhann gus susbaint ùr brosnachail is ùghdarrail a thoirt gu luchd-èisteachd cruinneil.

Gus a dhol leis an t-seisean seo, bidh ro-shealladh aig àm lòin air sgrionadh dà fhilm bho àiteachan glè eadar-dhealaichte – Uibhist a Deas agus Hawaii.

Air Diciadain 3 Iuchar aig 12:30f chithear San Fhuil le Beatrix Wood, an neach-dèanamh fhilmichean à Innse Gall. Tha am film a’ coimhead ri teaghlach a tha air am bogadh ann an croitearachd ann an Uibhist a Deas, agus a’ sealltainn le àbhachdas, eirmseachd agus dìcheall mar a tha na croitearan a’ strì ri an dòigh-beatha a dhìon. 

Air Diardaoin 4 Iuchar, chithear sgrionadh air Moananuiākea: Aon Chuan, Aon Sluagh, Aon Chanù leis an stiùiriche Hawaiiach, Na’alehu Anthony. Tha e ag innse na sgeulachd dhràmadaich mu bhòidse timcheall an t-saoghail ann an canù cuain traidiseanta Poilinìsianach.

Thuirt Iain Hamilton, ceannard nan gnìomhachasan cruthachail aig HIE: “Tha eileamaid a’ mhòr-thaisbeanaidh fhathast na thaobh cudromach de XpoNorth agus tha e a’ tabhann àrd-ùrlar mìorbhaileach airson cothrom a thoirt do thàlant coinneachadh ri lìonra chruinneil de phroifeiseantaich gnìomhachais. Tha a’ Ghàidhlig na so-mhaoin an dà chuid cultarach agus eaconamach don Ghàidhealtachd ’s na h-Eileanan, agus a’ solarachadh cothrom air toraidhean a chruthachadh aig a bheil fìor thùsachd, rudeigin a thig gu aire nan teachdaichean.   

Bidh an deasbad fhèin inntinneach agus luachmhor le cuimse air mar a tha na meadhanan a’ toirt buaidh air a’ chànan. Tha na filmichean a’ tabhann cothrom don luchd-amhairc dà dhiofar cultar eileanach fhaicinn fiù ged nach biodh iad a’ frithealadh an tachartais air fad. Tha an dà fhilm sàr-mhath, agus tha sinn air leth toilichte gun urrainn dhuinn cothrom a thoirt do luchd-amhairc agus gnìomhachas am faicinn.”

Anns a’ phrògram Diciadain, bidh Beatrix Wood a’ coinneachadh ris an sgrìobhaiche is neach-ciùil à Nigèiria, Chibundu Onuzo, ùghdar ‘The Spider King’s Daughter’ agus ‘Welcome to Lagos’.

A’ tighinn bho chùl-raointean chruinn-eòlasach a tha glè dhiofraichte, bidh an dithis ag obair tarsainn ioma-chruthan ealain, agus tha faireachdainn de dh’àite is ùghdarralais aig cridhe obair chruthachail nan dithis.  

Tha XpoNorth gu tur an-asgaidh a fhrithealadh agus ruigsinneach do na h-uile. Clàraich aig Cùirt an Easbaig air an latha, no air-loidhne ro-làimh.

Tha clàradh airson tiogaidean agus an làn phrògram ri fhaotainn aig https://xponorth.co.uk.