Read in English
Dh’fhàg Roddy MacAonghais a dhachaigh ann am Barraigh aig 15 bliadhna a dh’aois, airson dealbhadh agus togail àirneis ionnsachadh ann an Glaschu. An dèidh ceumnachadh bho Cholaiste Togail is Clò-bhualaidh Ghlaschu, chuir e a’ chiad ghnìomhachas aige fhèin air bhonn Touchwood Design and Build ann an 2001, a’ sònrachadh ann an àirneis a rèir iarrtais de dh’àrd-chàileachd, agus uidheamachaidhean saorsainneachd is taisbeanaidh do luchd-dèiligidh air feadh na RA agus mun cuairt an t-saoghail.
Ann an 2012, ghluais e air ais dhachaigh a Bharraigh far an do stèidhich e Coastal Homes a bha a’ toirt seachad seirbheis làn dealbhaidh is togail agus a tha air raon de thogalaichean a rèir iarrtais a chrìochnachadh air feadh nan eilean.
A’ dol air adhart gu 2020 agus a’ faicinn nam buannachdan ann an gluasad gu togail Mòidealach, chaidh Modular West Earranta a stèidheachadh mar fhreagairt don iarrtas a bha a’ sìor fhàs bho luchd-dèiligidh air feadh Alba airson togalaichean mòidealach dealbhaichte, àrd-chàileachdail agus èifeachdach.
Le cuideachadh bho mhaoineachadh le HIE, thòisich Roddy a’ dealbhadh agus a’ togail a’ chiad ghoireas togail a rèir iarrtais, a bha air leth bhon làraich air eilean Bharraigh gus modh togail nas sìmplidhe a thoirt seachad sna h-Eileanan Siar. On a chaidh crìoch a chur air factaraidh de 1000 sqm tràth ann an 2021, tha sgioba sgileil de luchd-ciùird speisealaichte às a’ choimhearsnachd air a bhith ag obair còmhla san aon togalach gus raon de dh’àiteachan-còmhnaidh, goireasan foghlaim, oifisean, agus togalaichean mòidealach eile a thoirt gu buil, do mheasgachadh de luchd-dèiligidh agus de chompanaidhean air feadh taobh siar Alba.
Chuir Modular West crìoch air seata eadar-mheasgte de phròiseactan a’ dol bho ghoireasan sochair luchd-obrach agus goireas bùtha dha Barratlantic air eilean Bharraigh, ionad luchd-tadhail aig Bodach an Stòir san Eilean Sgitheanach, gu làithreach ag obair air leudachadh ùr air Colaiste MhicAmhlaigh ann an Steòrnabhagh a thuilleadh air dà thaigh sòisealta ann am Miabhag an Eilean Leòdhais.
B’ e càileachd agus èifeachdas togail san fhactaraidh am prìomh amas a stiùir na pròiseactan sin, a bha aig an aon àm a’ ceadachadh do dh’obair ullachaidh air an làraich a choileanadh agus mar sin a’ lùghdachadh troimh-chèile is lìbhrigeadh iomlan air a’ phròiseact.
Bidh an ath ìre tasgaidh seo agus taic leantainneach bho HIE a’ cuideachadh le ìrean, comas agus cothroman cosnaidh a mheudachadh, a’ stiùireadh Modular West air adhart thar nam bliadhnaichean ri teachd.