Get advice and support about the rising costs of doing business on the Find Business Support website. Find HIE support here.

Close
Menu
MyHIE

Get a personalised experience with a MyHIE account

Make your life easier with a MyHIE account. It’ll save you time, help you find and organise content based on your needs and interests.

Cta Man

Cànan is cultar na Gàidhlig mar phrìomhachas

Published 20/09/2023 by Jacqueline McGuigan 4 min read

UHI North, West and Hebrides - Stornoway campus 

Switch to read in English

Tha cànan is cultar na Gàidhlig nam pàirt bhunaiteach de dhearbh-aithne na dùthcha, agus tha còrr air leth de luchd-labhairt na Gàidhlig ann an Alba a’ còmhnaidh anns a’ Ghàidhealtachd ’s na h-Eileanan. Tha an sgìre againn riatanach don phàirt shòisealta is eaconamach a tha gleidheadh na Gàidhlig a’ coileanadh ann an coimhearsnachdan beòthail fulangach agus ann am fàs eaconamach seasmhach.

Air fhoillseachadh an t-seachdain-sa, tha am Plana Gàidhlig ùr againn a’ mìneachadh dealasan HIE. Mar bhuidheann, tha sinn ag amas air spèis co-ionann a sholarachadh – a’ freagairt cheistean ann an Gàidhlig le freagairtean ann an Gàidhlig, a’ prìomh-shruthadh Gàidhlig ann am barrachd de ar gnìomhachdan agus a’ brosnachadh ’s a’ cur taic ri gnothachasan agus coimhearsnachdan gus Gàidhlig a bheartachadh mar mhaoin.

Tha cànan is cultar na Gàidhlig nam bunaitean togail riatanach ann an obair le coimhearsnachdan gus seasmachd eaconamach is sòisealta agus sunnd a leasachadh. Tha iad a’ suidhe co-thaobhach ri ar tùs-phrìomhachasan a’ gabhail a-steach coileanadh air sgaoilidhean neoini-iomlan, adhartachadh obair chothromach, agus gleidheadh àireamh-sluaigh ionadail.

Tha am modh-obrach seo ‘stèidhichte air àite’ a thaobh leasachadh, deatamach gu dèanamh cinnteach gu bheil na coimhearsnachdan fhèin an sàs ann an cumadh na taic a tha a dhìth. Mar sin, tha e a’ dèanamh ciall gum feuch sinn a-mach ann an dòigh cheart mar a tha àrd-mhiannan is amasan ar poileasaidh a’ nochdadh na tha ar coimhearsnachdan Gàidhlig dùthchasach ag iarraidh.

Iomairt rannsachaidh ùr

Gus tuigse nas doimhne fhaotainn do roghainnean fa leth agus fèin-bhrosnachadh taobh a-staigh choimhearsnachdan Gàidhlig, tha pròiseact rannsachaidh ùr-ghnàthach ga ghabhail os làimh. Tha sinn ag obair le Institiùd Shaidheansan Cànain UHI (LSI) gus pròiseact rannsachaidh a mhaoineachadh.  Bidh oileanach PhD ceithir-bliadhna a’ còmhnaidh agus ag obair ann an dà choimhearsnachd Ghàidhlig eadar-dhealaichte – aon ann an Innse Gall agus tè eile san sgìre. Bidh an rannsachadh a’ sgrùdadh raon de fheartan a tha a’ toirt buaidh air cleachdadh Gàidhlig aig ìre teaghlaich is coimhearsnachd, a’ gabhail a-steach buaidh poileasaidh poblach. Bidh in-sheallaidhean bhon rannsachadh seo buadhach ann an cumadh eadar-theachdan poileasaidh don Ghàidhlig san àm ri teachd, chan ann a-mhàin ann an Innse Gall ach cuideachd air feadh Alba.

Tha am pròiseact na phàirt de phròiseact Cumhachdachaidh Coimhearsnachd gus Dèiligeadh ri Eadar-ghluasad Ath-Spionnaichte gu Seasmhachd (CEARTAS). Tha an dreuchd PhD a’ tòiseachadh san t-Samhain, bidh cothroman tagraidh a’ dùnadh air 6 Dàmhair, tha tuilleadh fiosrachaidh an seo.  

Dè th’ ann an CEARTAS? 

Tha CEARTAS a’ tarraing diofar chom-pàirtichean còmhla, a’ gabhail a-steach UHI, HIE, Comhairle Maoineachaidh na h-Alba, prìomh bhuidhnean taobh a-staigh choimhearsnachdan Gàidhlig, Bord na Gàidhlig, agus Comhairle nan Eilean Siar. Tha an iomairt ag amas air grunn bhuannachdan is bhuaidhean fad-amail a choileanadh: 

  • Buaidhean Eaconamach is Coimhearsnachd: Le bhith a’ rannsachadh na h-eaconamaidh Gàidhlig agus a’ meas Gàidhlig mar mhaoin, cuiridh an rannsachadh ri tuigse nas fheàrr don cheangal eadar cleachdadh cànain, builean eaconamach, agus fulangas coimhearsnachd.
  • Ìrean Sgilean Leasaichte Foghlam is Coimhearsnachd: Prìomhachadh ionnsachadh Gàidhlig tarsainn gach roinn oideachail gus èifeachdas bhuidhnean planaidh cànain àrdachadh.
  • Fuasglaidhean air Duilgheadasan Sòisealtasach: Dèiligeadh ri gluasad cànain bho Ghàidhlig gu Beurla agus cùisean eadar-ghinealach gus dèanamh cinnteach à beòthalachd is seasmhachd choimhearsnachdan Gàidhlig.
  • Atharrachaidhean ann am Beachdan Poblach: Ag aithneachadh àite na Gàidhlig ann an Alba agus mar a tha i co-cheangal ri cùisean co-ionannachd agus neo-ionannachd ann an comann sòisealta ioma-chultarach.
  • Leasachaidhean ann an Lìbhrigeadh Sheirbheisean Poblach: Bidh rannsachadh a’ fiosrachadh leasachadh air poileasaidh a thaobh cothrom air seirbheisean poblach ann an cànanan eile seach Beurla, a’ toirt buannachd chan ann a-mhàin don Ghàidhlig ach do chànanan eile a tha air an labhairt ann an Alba.
  • Làn-mheudachadh air Goireasan is Ealantas: Cruthachadh sgiobaidhean co-obrachaidh tro chom-pàirteachasan gus Gàidhlig ath-bheòthachadh taobh a-staigh maoineachadh coimhearsnachd agus modalan leasachaidh co-obrachail.

Chan eil an dealas a thaobh cànan is cultar na Gàidhlig a ghleidheadh, a-mhàin mu dheidhinn dualchas ach cuideachd mu bhith ag àrach choimhearsnachdan fulangach agus fàs eaconamach seasmhach. Le bhith a’ tasgadh ann an rannsachadh, foghlam, agus cumhachdachadh choimhearsnachdan, tha sinn ag amas air dèanamh cinnteach gun lean a’ Ghàidhlig a’ soirbheachadh agus a’ cur ri dearbh-aithne eadar-mheasgte is bheòthail na dùthcha.  

Related Posts

;