Gaelic

Fios gu

Doiciméid

Bhideos

Naidheachdan

HIE agus Gàidhlig

Mar buidheann a tha a' snìomh leasachadh eaconamach is coimhearsnachd còmhla, tha sinn moiteil às an eachdraidh aig HIE a-thaobh a bhi a' cumail taic mhòr, bhuadhach ris a' Ghàidhlig airson bunnachdan cultarail agus eaconamach. Tha sinn a' faicinn gu bheil Gàidhlig mar so-mhaoin sonraichte airson Alba. Airson barrachd fhaighinn a-mach mu na dleastasan a tha sinn a' cur romhainn airson HIE agus Gàidhlig, faic Ar Plana Gàidhlig.

Taic do ghnìomhachasan

Às leth HIE, bidh Comunn na Gàidhlig (CnaG) a' ruith sgeamaichean taic-airgid airson buidhnean coimhearsnachd agus companaidhean prìobhaideach. Tro na sgeamaichean seo, tha sinn ag amas air buaidh a thoirt air an eaconamaidh agus a' Ghàidhlig le bhith a' cumail taic ri buidhnean agus companaidhean a thaobh margaideachd agus ùr-ghnàthachadh. Faigh a-mach mu Taic do Ghnìomhachasan.

Taic do choimhearsnachdan

Bidh CnaG a' cumail taic ris na Sgìrean Cunntachail againn le bhith a' toirt comhairle air mar 's urrainn coimhearsnachdan Gàidhlig a chleachdadh mar so-mhaoin agus far a bheil e comasach, taic-airgid seachad airson proiseactan. Faigh a-mach mu Taic do Choimhearsnachdan

Sgeama Greis Gnìomhachais

Tha an Sgeama Greis Gnìomhachais airson oileanaich air a bhith ga ruith airson còrr is 10 bliadhna le Comunn Na Gàidhlig (CnaG) as leth HIE. Tha seo a' toirt cothroman do ghnìomhachasan taic fhaighinn gus oileanach a thoirt a-staigh tron t-Samhraidh airson pròiseactan leasachaidh Gàidhlig. Faigh a-mach mu Greis Gnìomhachais.

 

HIE and Gaelic

As an agency that integrates economic and community development, HIE has a proud record of significant investment in Gaelic to achieve both cultural and economic benefits. We see Gaelic as an asset for Scotland. To find out more about our commitments for HIE and Gaelic, please see Our Gaelic Plan.

Business Support

On behalf of HIE, Comunn na Gàidhlig (CnaG) run three funding schemes for community organisations and private companies. Through these schemes, we aim to have an impact on Gaelic and the economy by supporting organisations who through marketing and innovation are using Gaelic as an asset. Find out more about Business Support.

Community Support

CnaG provide support to our Community Account Managed (CAM) areas by providing advice on how communities can use Gaelic as an asset and where appropriate, funding for projects. Find out more about Community Support.

Student Placements

The Gaelic Summer Placement scheme, which has been operated by Comunn na Gàidhlig (CnaG) successfully for the past 10 years, provides financial support to businesses that employ students to take forward Gaelic development projects. Find out more about Student Placements.

 

Faigh a-mach mu

Back to top