HIE and Gaelic

Key Contacts

Related Documents

Related Videos

Gaelic research - Ar Stòras Gàidhlig

The economic and social value of Gaelic as a unique asset for Scotland is the focus of a pioneering study which was published in November 2014.

Highlands and Islands Enterprise (HIE) has led a partnership project to research ways in which Gaelic is currently being used to deliver economic and social benefits to businesses, social enterprises and communities, and how its impact can be maximised.

Entitled Ar Stòras Gàidhlig (Our Gaelic Resource), the resulting report demonstrates how the language is currently being used to add value in a wide variety of circumstances and highlights its considerable potential to bring further benefits to businesses, communities and individuals.

Ar Stòras Gàidhlig is available in full and summary forms at the links under the related documents section on this page.

In response to interest generated by this research, HIE and its partners can facilitate sector-focussed online presentations or a bespoke event for a larger audience.  A presentation of the research findings is also available to view.  For further information or to register an interest in participating in an organised event, please contact Alexis Evans at alexis.evans@hient.co.uk.

Downloads

Ar Stòras Gàidhlig - Gaelic research

Tha an luach eaconamach is sòisealta aig Gàidhlig mar so-mhaoin àraid do dh’Alba aig cridhe rannsachadh ùr a tha ga fhoillseachadh an-diugh.

Tha a’ bhuidheann leasachaidh Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean (HIE) air a bhith a’ stiùireadh pròiseact com-pàirteachais gus rannsachadh a dhèanamh air na dòighean anns a bheil Gàidhlig ga cleachadh an-dràsta gus buannachdan eaconamach is sòisealta a thoirt do ghnothachasan, iomairtean sòisealta agus do choimhearsnachdan, agus mar a ghabhas an fheum as fheàrr fhaighinn às a’ bhuaidh seo.

Leis an tiotal Ar Stòras Gàidhlig, tha an aithisg a thàinig às a’ sealltainn mar a tha a’ chànan an-dràsta ga cleachdadh gus luach a chur ann an raon farsaing de shuidheachaidhean agus tha e a’ tarraing aire chun a’ chomais nach beag a th’ ann gus buannachdan a bharrachd a thoirt do ghnothachasan, choimhearsnachdan agus do dhaoine fa leth.

Tha an sgioba rannsachaidh an dràsta a’ clàradh na h-agallamhan agus foillseachaidhean dhen rannsachaidh agus bithear seo ri fhaighinn air-loidhne a dh’ aithghearr.  Cuideachd, a rèir ùidh san rannsachaidh, anns na seachdainean tha romhainn, tha HIE agus com-pàirtichean a’ cur ri chèile taisbeanaidhean air-loidhne le fòcas air iomadh roinn, no tachartas airson luchd-èisteachd nas motha. Airson barrachd fiosrachaidh no airson ur ùidh a chlàradh, cuir fios gu Alexis Evans aig alexis.evans@hient.co.uk.
 

Luchdachadh-a-nuas

 

Back to top