Policies and publications

Gàidhlig

Mar buidheann a tha a’ snìomh leasachadh eaconamach is coimhearsnachd còmhla, tha sinn moiteil às eachdraidh Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean a-thaobh a bhi a’ cumail taic mhòr, bhuadhach ris a’ Ghàidhlig a chum bhuannachdan cultarail is eaconamach. Tha taic HIE air a bhi cudromach ann an cruthachadh cuid dhe na buidhnean a tha a’ toirt cothrom don Ghàidhlig a bhith fàs, agus tha an taic seo cuideachd a’ gleidheadh seasmhachd agus buaidh nam buidhnean seo – bho bhuidhnean compàirteachais a leithid Comunn na Gàidhlig agus an Comunn Gàidhealach, gu Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean a’ gabhail a-steach Sabhal Mòr Ostaig, gu Fèisean nan Gàidheal is eile. An dèidh dheicheadan de thaic, tha an taic seo ceart cho làidir an-diugh sa bha i riamh.

Tha e cudromach gun cuir sinn luach air a’ Ghàidhlig, agus gun tèid cleachdadh na Gàidhlig a bhrosnachadh taobh a-staigh na buidhne. Le seirbheisean, fiosrachadh, goireasan agus cothroman rin toirt seachad ann am meadhan na Gàidhlig, ’s ann a thathas airson luchd-labhairt na Gàidhlig a frithealadh nan cànan fhèin cho math ’s as urrainn dhuinne. Tha sinn airson is gun tèid sealltainn do dhaoine aig nach eil a’ Ghàidhlig, dè luach a’ chànain àraidh seo ann an eachdraidh agus san là an-diugh, chan ann a-mhàin airson na Gàidhealtachd is nan Eilean, ach Alba air fad. Tha HIE àrd-amasach na gnè, agus tha an àrd-amas seo a’ bualadh air ar n-obair a-thaobh na Gàidhlig ceart cho math ri raon sam bith eile. Tha na gealltanasan sa Phlana nan dearbhadh air cudrom na Gàidhlig do HIE, agus ga toirt gu ìre ùr taobh a-staigh na buidhne agus ann an lìbhrigeadh sheirbheisean do luchd-dèiligidh. Tha min dòchas gum brosnaich iad seo buidhnean eile a dhèanamh an ceudna.

Alex Paterson
Ceannard

Luchdachadh-a-nuas ar Plana Gàidhlig 2012 - 2015

Gaelic

As an agency which integrates economic and community development, Highlands and Islands Enterprise has a proud record of significant investment in Gaelic to achieve both cultural and economic benefits. Our support has helped create and sustain the impact of numerous organisations which enable Gaelic to flourish – from partner agencies such as Comunn na Gàidhlig and An Comunn Gàidhealach, to the University of the Highlands and Islands including Sabhal Mòr Ostaig, to Fèisean nan Gàidheal and others. This commitment goes back through several decades and is as strong today as it has ever been.

It is important that we also value Gaelic and promote its use within our own organisation. By providing our services, information, resources and opportunities in the medium of Gaelic, we intend to serve our Gaelic-speaking customers as well as possible in their own language. We also aim to signal to non-Gaelic speakers the historic and contemporary value of this unique language, not only for the Highlands and Islands but for all of Scotland.

Ambition is a core characteristic of HIE, and that ambition applies to our approach to Gaelic as much as to any aspect of our work. The actions identified in this Plan demonstrate our commitment to Gaelic and seek to take it to a new level within our organisation and in our dealings with customers. I hope they will inspire other organisations to do the same.

Alex Paterson
Chief Executive

Download out Gaelic Plan 2012 - 2015

 

 

Back to top