News and media

Archive

Uibhist a Deas is Èirisgeigh a’ togail duais, "Coimhearsnachd Ghàidhlig na Bliadhna 2011"

21 November 2011

Chaidh duais, "Coimhearsnachd Ghàidhlig na Bliadhna 2011" a bhuileachadh air riochdairean à Uibhist a Deas is Èirisgeigh, le Alasdair Allan BPA, Ministeir airson Ionnsachadh is Sgilean le uallach cuideachd airson Gàidhlig is Albais aig tachartas air Dihaoine 18 Samhain. A thuilleadh air an tiotal, ghlèidh a' choimhearsnachd cuideachd seic airson £3,000.

Tha tagraidhean chun fharpais, a th'air a ruith le Comunn na Gàidhlig, le taic o Iomairt na Gàidhealtachd's nan Eilean, air am measadh air ìre cleachdaidh na Gàidhlig aig ìre ionadail, cho follaiseach 's a tha i san sgìre agus cho tric 's a chluinnear i am measg muinntir na sgìre - le cuideam sònraichte ga chuir air cleachdadh Gàidhlig a measg an òigridh.

Bha na britheamhan aontaichte gun robh Uibhist a Deas is Èirisgeigh airidh air a' chiad duais airson am fianais a thugadh seachad air mar a bha a' Ghàidhlig ga fighe a-steach, agus mar phàirt chudromach de bheatha làitheil na sgìre.

Thuirt Lena Nic'Illfhiallainn, a tha an sàs an Iomairt Ghàidhlig Uibhist a Deas is Èirisgeigh, a chuir a' choimhearsnachd air adhart airson na duais, "Bidh fios aig mòran gu bheil a' Ghàidhlig làidir san sgìre a tha seo, ach cha b'ann air an sin a steidhich sinn ar tagradh chun an fharpais seo idir. Thog sinne fianais air a an obair a tha ga dhèanamh an dràsta gus àite na Gàidhlig a neartachadh aig an àm a tha seo, agus gu sònraichte cothroman ùra chruthachadh dha na Gàidheil thighinn còmhla gus a' chànan a cleachdadh."

Thuirt an t-Oll. Alasdair Allan, "Tha mi glan air mo dhòigh an cothrom fhaighinn an duais a tha seo a bhuileachadh air coimhearsnachd Uibhist a Deas is Èirisgeigh, a' toirt aithne dhan obair a tha iad a' dèanamh gus a' Ghàidhlig a chumail agus gu dearbha a leasachadh, gu sònraichte am measg an òigridh.

"Tha na britheamhan air aithneachadh gur e coimhearsnachd a tha seo a tha mothachail gu feum a' Ghàidhlig a bhith air a fighe a-steach gu h-iomlan a' bheatha làitheil na coimhearsnachd, agus gu feum seo a bhith aig ìre susbainteach, ma tha iad dha-rìreabh, mar a tha a' choimhearsnachd sa, airson gum bith an cànan beò san àm ri thighinn.

"Feumar cuideachd meal a naidheachd a chuir air dà choimhearsnachd eile sna h-Eileanan an Iar, sgìre Oighreachd Ghabhsainn, a ghlèidh an darna àite agus sgìre Bhreasclèit, a ghlèidh an treas àite. 'S math a rinn sibh!"

Thuirt Ceannard ChnaG Dòmhnall MacNèill: "Tha fios againn gum bheil gu leòr a dhaoine, air feadh na Gàidhealtachd is Alba air fàd, a' dèanamh an dìcheall às leth na Gàidhlig, is tha e a' toirt toileachas mòr dhuinne a bhith ann an comas an saothair seo aithneachadh tron fharpais seo. Mhìnich Uibhist a Deas is Èirisgeigh dha na britheamhan mar a tha a' Ghàidhlig ga cleachdadh a measg seann is òg, agus aig a h-uile ìre de bheatha na coimhearsnachd, bhon àit'-obrach, chun sgoil, is clubaichean-òigridh."


Leave a comment

 
Back to top