News and media

Archive

Taigh-dhealbh siubhail, an Screen Machine a' tadhal air coimhearsnachdan

18 August 2013

Cumaidh an taigh-dhealbh siubhail, an Screen Machine, a’ tadhal air na coimhearsnachdan air a’ Ghàidhealtachd agus nan Eilean airson agus gu faigh luchd-amhairc na filmichean as ùra fhaicinn.

Tha Iomairt na Gàidhealtachd ‘s nan Eilean (HIE) a’ toirt taic de £45,000 dhan Regional Screen Scotland (RSS), am buidheann leasachaidh airson taighean-dealbh ann an Alba airson an Screen Machine a chumail a’ dol airson an ath dà bhliadhna. Tha am pròiseact air taic fhaighinn bho Alba Chruthachail cuideachd.

'Se taigh-dhealbh siubhail a tha anns an Screen Machine, le 80 seataichean agus le fionnaraiche-adhair, bi an Screen Machine a’ toirt na filmichean as ùra ann an 2D agus 3D dha na h-àiteachan agus sgìrean as iomallach ann an Alba.

Tha an Screen Machine a’ comharrachadh 15 bliadhna air an rathad agus mar phàirt den bhliadhna sònraichte seo, tha iad a’ leudachadh an àireamh de filmichean a tha iad a’ sealltainn agus a’ cumail sreath de làithean de fèisean film fon sgiath Screen Machine 15. Bi an Screen Machine a’ tadhal air àiteachan ùra leithid Sandy, Hoy, Stronsay agus Westray ann an Arcaibh a bharrachd air na h-eileanan Eige, Rum, Colla agus Tiriodh.

Leis an taic a tha HIE a’ toirt seachad dha RSS, tha e a’ ciallachadh gun urrainn do RSS a bhith ag obair ann am compàirteachas le buidhnean eile airson comhairle agus fiosrachadh mar sgilean leasachaidh film a thabhann. Tha Taigh-dhealbh Inbhir Theòrsa agus Taigh-dhealbh an Òban air taic fhaighinn bho RSS a thaobh goireasan a’ leasachadh agus tha Taigh-dhealbh Ceann Loch Chille Chiarain a’ faighinn taic an dràsta airson na planaichean ath-leasachaidh aca. Tha na seirbheisean seo cudromach airson goireasan taighean-dealbh a bhith stèidhte fad na h-ùine anns na sgìrean iomallach agus dùbhlanach.

Thuirt Raonaid NicCarmaig, Stiùiriche Neartachadh Choimhearsnachdan aig HIE: “ 'Se taigh-dhealbh siubhail sònraichte a th’anns an Screen Machine oir tha e a’ leigeil le daoine a tha a’ fuireach ann an sgìrean iomallach, aig nach eil comas aca ri faighinn gu taighean-dealbh tric, diofar filmichean fhaicinn aig an starsaich aca fhèin.

“Tha HIE air taic a thoirt dhan Screen Machine on a thoiseach e agus tha sinn air leth toilichte taic a thoirt dhan phròiseact seo a tha cuideachd ag amas air barrachd taighean-dealbh coimhearsnachd a chruthachadh bho clubaichean film mìosail gu filmichean a bhith a’ sealltainn ann Ionadan Ealain agus toglaichean coimhearsnachd. Tha an Screen Machine air a bhith soirbheachail airson oidhche aig taigh-dhealbh a dhèanamh nas trice airson na coimhearsnachdan oir bha seo duilich do chuid a dhèanamh ron a seo.

Tha am pròiseact air taic a thoirt do taighean-dealbh coimhearsnachd agus comainn filmichean a tha stèidhte air a’ Ghàidhealtachd 's nan Eilean.”

Thuirt Àrd-oifigear aig RSS, Ron Inglis: “Tha sinn air leth toilichte gu bheil Iomairt na Gàidhealtachd ‘s nan Eilean a’ toirt taic dhuinn agus dhan Screen Machine. Tha a’ bhliadhna a chaidh seachad air a bhith air leth a thaobh taighean-dealbh agus filmichean ann an Alba le barrachd luchd-amhairc a’ tighinn dhan Screen Machine. Tha na taighean-dealbh ùr ann an Sealltainn, Inbhir Theòrsa agus an t-Òban uile air taic fhaighinn bho HIE agus air fhosgladh gu soirbheachail, a’ sealltainn cho taitneach sa tha deagh taighean-dealbh ann a sgìrean iomallach.

Thuirt Jennifer Armitage, Oifigear Leasachaidh aig Alba Chruthachail: “Tron obair a tha RSS a’ dèanamh, bidh barrachd chothroman aig luchd-amhairc air feadh Alba a dhol gu taighean-dealbh. Tha an taigh-dhealbh siubhal a’ leigeil dha luchd-amhairc sa Ghàidhealtachd is na h-Eileanan na filmichean as ùra fhaicinn agus seann filmichean sònraichte anns na coimhearsnachdan aca fhèin.”

Am bliadhna thèid grunn filmichean goirid Albannach a shealltainn ro filmichean ann an cuid de sgìrean, leithid In Search of Wallaby leis an Scottish Documentary Institute agus am film aig Iain Gardner The Tannery.

Thoiseach iad cuideachd a’ sealltainn seann filmichean ann an 2013 ann an cuid de àiteachan. Fhuair na daoine air eilean Sanday film fhaicinn a chaidh a dhèanamh le sgoilearan bhon eilean ann an 1977. 

Tha an obair agus taic a tha HIE a’ cur a-staigh do leasachaidhean taighean-dealbh coimhearsnachd mar phàirt den obair aig HIE airson coimhearsnachdan dùthchail ladair a chruthachadh. Tha HIE a’ toirt taic dhan chultar, ealain agus dualchais na sgìre agus a’ toirt taic do ghnìomhachasan agus iomairtean sòisealta fàs agus a’ leasachadh.


Leave a comment

 
Back to top