News and media

Archive

Tagraidhean gan sireadh airson Gnìomhachas agus Coimhearsnachd Gàidhlig na Bliadhna 2012

27 February 2012

Tha an t-àm ann a rithist airson gnìomhachasan agus coimhearsnachdan a tha gu dlùth an sàs anns a' Ghàidhlig, neo a tha a' cleachdadh a' chànain bho latha gu latha, tagradh airson duaisean Gleus agus Gnìomh 2012.

Tha inbhe is cliù an luib na ciad àitean a ghlèidheadh, ach duaisean feumail cuideachd, de £3,000, £1,500, agus £500 son a' chiad, dàrna san treas àite anns an dà fharpais.

Tha na farpaisean air an stiùireadh le Comunn na Gàidhlig, mar phàirt dhan chùmhnant leasachaidh a th'aca le Iomairt na Gàidhealtachd's nan Eilean.

Seo an treas bliadhna a tha na farpaisean air a bhith ann agus thathas a-nis a' sireadh tagraidhean ro deireadh a' Chèitein 2012.

A rèir Ceannard Chomunn na Gàidhlig, Dòmhnall MacNèill, faodaidh buidhnean beag neo mòr tagradh a dhèanamh - chan e meud, ach gnìomh a tha cunntadh: "A thaobh Gnìomhachas Gàidhlig na Bliadhna, tha sinn a' lorg companaidhean neo gnothaichean a tha dha rìreabh a' toirt spèis dhan Ghàidhlig agus ga cleachdadh bho latha gu latha. Chan fheum iad idir a bhith ag obair ann an 'saoghal na Gàidhlig' mar a chanar. An uiridh 'se sgoil àraich 'Fàs Mòr' ann an Slèite a bhuannaich a' chiad duais, agus a' bho 'n uiridh, 'Co-Chomunn na Pàirc' ann an Leòdhas. 'Se bha tarraingeach mun deidhinn dha na britheamhan gun robh a' Ghàidhlig aig teis mheadhan an obair aca, is follaiseach gu ìre mhòr a thaobh ìomhaigh phoblach na buidhnean, air soidhnichean, làraich-lìn is eile. Ach, aig a cheann eile, ghlèidh Bùth Èirisgeigh an treas duais an uiridh, dìreach leis gun do thog iad fianais air mar a bhathas a' cleachdadh na Gàidhlig ann an dòigh follaiseach is nàdarra a' measg an luchd-obrach agus an luchd-frithealaidh.

"Gu ìre tha an aon rud fìor a thaobh Coimhearsnachd na Bliadhna. Tha sinn a' lorg fianais air coimhearsnachdan a tha dha rìreabh moiteil sa Ghàidhlig, agus a tha ga cleachdadh mar mheadhan air spionnadh às ùr a thoirt air beatha na coimhearsnachd. Gu sònraichte tha sinn a' sireadh fianais air mar a tha a' chànan ga cleachdadh a' measg, neo airson an òigridh. An uiridh ghlèidh Uibhist a Deas is Èirisgeigh a chiad duais. Bha na britheamhan toilichte cluinntinn mun ùrachadh a bhathas a' toirt air tachartasan sa chànan, agus cuideachd fianais air mar a bha i làidir fhathast mar chànan làitheil. A' bhliadhna roimhe sin, is e Stafainn san t-Eilean Sgiathanach a bhuannaich air tàilleabh na dhearbh iadsan mun Ghàidhlig a bhith air a cleachdadh eadar na diofar ghinealaichean san sgìre."

Tha atharrachadh ga thoirt air farpais Gleus (Coimhearsnachd) na bliadhna ann an 2012. Chun seo, cha robh slat tomhais sònraichte ann a thaobh an adhartas neo piseach a bha coimhearsnachd sam bith air a thoirt air cor na Gàidhlig san sgìre aca. Le sin, bha 's dòcha cothrom nas fheàrr aig sgìrean 'thraidiseanta' thairis air àitean air tìr mòr. A nis, bithear a' sùileachadh dearbhadh bho na coimhearsnachdan-tagraidh air an adhartas neo an oidhirp a thathas air a dhèanamh a thaobh na Gàidhlig anns na dusan mìosan chaidh seachad.

Dòmhnall MacNèill a rithist: "Ann a bhith a' toirt sùil air tagraidhean Gleus an uiridh, thàinig e am follais gur iad, gu ìre mhòr, coimhearsnachdan an ìre mhath 'Gàidhealach' a bha air tagradh, is gun robh 's dòcha cothrom nas fheàrr acasan san fharpais dìreach a thaobh àireamh luchd-labhairt agus dualchas na sgìre. Chan ann gum bheil càil idir ceàrr air a sin, ach bha sinn airson rudeigin a chuir ris am farpais a bheireadh cothrom neo aithne nas fheàrr do choimhearsnachdan air tìr mòr, far nach eil an luchd-labhairt cho pailt', ach far am bheilear a' dèanamh dìcheall às leth na Gàidhlig."

Tha na farpaisean fosgailte do ghnìomhachas neo coimhearsnachd sam bith ann an sgìre Iomairt na Gàidhealtachd's nan Eilean. Thèid na tagraichean soirbheachail ainmeachadh, is na duaisean an toirt seachad às dèidh mìosan an t-samhraidh.

Thuirt Niall Ros, Ceannard Fàs Choimhearsnachdan aig Iomairt na Gàidhealtachd gun robhas toilichte a bhith a' cumail taic ri na farpaisean seo: "Tha e follaiseach gum bheil a' Ghàidhlig mar an smior a tha aig cridhe cuid de na coimhearsnachdan againn, is le sin, gum bheil i cuideachd air a riochdachadh gu nàdarra a' measg gnìomhachasan na n-àiteachan sin. Tha sinne toilichte aithne thoirt dha na coimhearsnachdan is na gnìomhachasan seo, far am bheilear a' dèanamh adhartas agus a' cur rim bith-beò tron Ghàidhlig."

Tha an tuilleadh fiosrachadh mu na farpaisean, is foirmichean tagraidh, rim faighinn air làrach-lìn ChnaG (www.cnag.org.uk) neo le bhith a' cuir fios chun na h-oifisean ann an Steòrnabhagh (01851 701802) neo Inbhir Nis (01463 234138).

Nota do Luchd-Deasachaidh

Chaidh Comunn na Gàidhlig a stèidheachadh ann an 1984 gus leasachadh na Gàidhlig a cho-òrdanachadh, agus 's e companaidh earranta le inbhe charthannais a th' innte. Anns an latha 'n diugh tha a' chompanaidh a' lìbhrigeadh dà chùmhnant sònraichte le Iomairt na Gàidhealtachd agus Bòrd na Gàidhlig gus a' Ghàidhlig a leasachadh air Ghàidhealtachd agus air feadh Alba.

Tha an uallach seo ga choileanadh tro obair aig ìre coimhearsnachd, cuide ri gnìomhachasan agus aig ìre poilitigeach. Tha oifisean aig CnaG ann an Inbhir Nis, Steòrnabhagh agus Glaschu agus luchd-obrach a bharrachd ann an Uibhist, an Eilean Sgiathanach, Ìle is Loch Abair.

Airson an tuilleadh fiosrachaidh mun sanas naidheachd seo cuiribh fòn gu, Dòmhnall MacNèill; Ceannard, 01463 234138
 

 


Leave a comment

 
Back to top