News and media

Archive

Stiùireadh Teicneòlais do dhaoine cruthachail aig bùth-obrach ann an Steòrnabhagh

04 February 2015

Bidh sgrìobhadair-sgriobt is neach-nobhail cliùiteach cho math ri riochdaire is sgeulaiche thar-mheadhanach le chèile am measg nan òraidichean a bhios a’ nochdadh aig bùth-obrach an-asgaigh ann an Steòrnabhagh air a’ mhìos seo.

Tha an cothrom ga thabhann air daoine agus gnothachasan an Innse Gall aig a bheil ùidh ann an taicneòlas ùr ann an Gnìomhachasan Cruthachail comhairle is stiùireadh fhaighinn bhon dithis seo is feadhainn eile a tha aig àrd-ìre sa ghnìomhachas.

Tha an fhèis as motha an Alba airson Gnìomhachasan Cruthachail, XpoNorth, a’ dèanamh air Steòrnabhagh nas fhaide air a’ mhìos seo an co-bhonn leis a’ bhùth-obrach cruthachail The Pixel Lab.

Bidh a’ cho-labhairt ghoirid XpoNorth Goes West san Lanntair air 18 Gearran ag amas air cothrom a thoirt do luchd-ealain, dhealbhaichean, luchd-dèanamh fhilmichean agus do dhuine sam bith eile aig a bheil ùidh ann an teicneòlasan ùra cluinntinn bho agus bruidhinn ri proifeiseantaich sa ghnìomhachas aig a bheil clìu air feadh an t-saoghail.

Am measg nan cuspairean air an tèid beachdachadh, bidh co-thaobhadh, urrasachd, cruthachadh fhilmichean, sruthan maoineachaidh agus obair thar-mheadhanach.

Bidh cuideachd comhairle ri fhaighinn bho fheadhainn aig a bheil fiosrachadh mu na cothroman a bhios a’ nochdadh aig Fèis Eadar-nàiseanta Fhilm is Telebhisean an Guardian ann an Dùn Èideann, agus cothrom bruidhinn ri na h-eòlaichean fhèin.

Tha clàradh airson an tachartais an-asgaidh agus fosgailte do neach sam bith a tha an sàs ann an gnìomhachasan cruthachail agus aig a bheil ùidh ann an teicneòlasan ùr, eadar-obrachadh, agus dòighean-obrach thar-chomais airson stuthan ùra a chruthachadh agus am faighinn chun mhargaid, no a bhith a’ togail IP agus an cuid aithne sna meadhanan.

Thuirt Iain Dòmhnallach bho Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean (HIE): “Tha cothrom air leth ga thabhann tron tachartas XpoNorth ann an Steòrnabhagh do neach sam bith a tha ag obair anns na meadhanan agus a tha a’ coimhead ri leudachadh gu ruige teicneòlasan ùra agus gu ruigsinneachd an cuid aithne a mheudachadh. ’S e cothrom fìor shònraichte a tha seo. le luchd-labhairt cho cliùiteach ri sgioba Pixel Lab a’ tighinn dhan Lanntair gus an cuid eòlais is tuigse a cho-roinn, agus cha bu chòir an cothrom seo a leigeil seachad. “

Ionnsaichidh an luchd-frithealaidh cuideachd mar a nì iad tagradh gus com-pàirt a ghabhail ann am Pixel Lab, a tha a’ tighinn a dh’Alba airson a’ chiad uair am-bliadhna. Bidh a’ bhùth-obrach shònraichte, a mhaireas ceithir mìosan, ag ullachadh nan daoine a tha an sàs sa ghnìomhachas leis na sgilean a tha dhìth airson sgeulachadan a chruthachadh, a mhaoineachadh is a sgaoileadh ann an suidheachadh nam mheadhanan san latha an-diugh.

Am measg nan òraidichean aig An Lanntair, bidh Liz Rosenthal, Àrd-oifigear Pixel Lab is stiùiriche phrògram Digimart aig Global Digital Distribution Summit ann am Montreal; Sean Coleman, sgrìobhaiche-sgriobt, neach-nobhail is riochdaire; Campbell Glennie, Stiùiriche nan Sgeamachan Tàlaint aig Fèis Telebhisean Eadar-nàiseanta Dhùn Èideann aig an Guardian; agus an t-eòlaiche aithne Alex Howell, Stiùiriche Rawk Music agus Azure North Earranta.

Aig an tachartas, mìnichidh Sean Coleman sgrùdadh-cùise den phròiseact chliùiteach thar-mheadhanach aige, Netwars, a tha ri fhaighinn ann an còig diofar dhòighean – saoghal air-loidhne, nobhailean, geamachan, mar ‘app’ agus, a dh’aithghearr, mar fhilm.

Tha gnìomhan thar-mheadhanach a’ coimhead air dòighean ùr air am faod gnothachasan coimhead airson stuthan a chruthachadh, a mhaoineachadh is a sgaoileadh, thairis air diofar raointean. Airson riochdaire, tha seo a’ gabhail a-steach a bhith a’ cruthachadh stuthan a bheir dhaibh an comas co-cheangal a dhèanamh le luchd-cleachdaidh thar nan teicneòlasan anns na meadhanan a tha iad a’ cleachdadh nam beatha làitheil.

Tha am Pixel Lab a’ tabhann tuigse nach gabh a thomhas dhaibhsan a ghabhas com-pàirt a thaobh mar a chuidicheas dòigh-obrach thar-mheadhanach ann an leasachadh stòiridh le bhith ag adhartachadh am pròiseactan, an aithne agus an stèidh luchd-cleachdaidh.

Tha XpoNorth air a mhaoineachadh le Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean (HIE) agus Maoin Leasachaidh Roinnean na h-Eòrpa (ERDF). Tha e ag amas air dreuchdan cruthachaidh a bhrosnachadh air sgrion, ann an craoladh agus ann an ceòl, cho math ri ciùird is foillseachadh, air feadh na Gàidhealtachd is nan Eilean.

Tha bùth-obrach Steòrnabhaigh ga chur air bhonn le taic bho Eòrpa Cruthachail – am prògram mheadhanan aig an AE, Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean, Alba Cruthachail, Maoin Sgilean Creative Skillset Film mar phàirt de A Bigger Future 2, Leasachadh Alba Eadar-nàiseanta agus MG ALBA.


Tha XpoNorth Goes West cuideachd a’ tadhal air The Ironworks, Inbhir Nis air 19 Gearran.

Thèid seiseanan is cothroman còmhraidh cuideachd an cumail le sgioba XpoNorth san fharsaingeachd, a’ gabhail a-steach:

Iain Hamilton
Ceannard nan Gnìomhachasan Cruthachail aig HIE
Amanda Millen
Stiùirche na Fèis XpoNorth
Manaidsear Lionraidh Gnìomhachais XpoNorth – Sgrion is Craoladh
Peadar Urpeth
Manaidsear Lionraidh Gnìomhachais XpoNorth – Sgrìobhadh is Foillseachadh
Alex Mac a’ Ghobhainn
Manaidsear Lionraidh Gnìomhachais XpoNorth – Ceòl
Jeni Oliver
Àrd-stiùiriche Leasachaidh airson Gnìomhachasan Cruthachail – Leasachadh Alba Eadar-nàiseanta
Iain Dòmhnallach
Manaidsear Cunntais HIE


Airson tuilleadh fiosrachaidh no airson àite a ghlèidheadh, tadhail air www.xponorth.co.uk

 


Leave a comment

 
Back to top