News and media

Archive

Soighnichean dà-chànanach a’ toirt a’ Ghàidhlig fa chomhar na ceudan de mhìlltean

25 October 2011

Tha soighnichean dà chànanach aig companaidhean is buidhnean air feadh na Gàidhealtachd is nan Eilean a' toirt a' Ghàidhlig fa chomhar na ceudan de mhìlltean de dhaoine gach bliadhna.

Tha seo mar aon de na toraidhean às rannsachadh a rinnear air Sgeama Soighnichean Dà Chànanach, a tha ga stiùireadh le Comunn na Gàidhlig, is air a mhaoineachadh le Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean. Theid toraidhean an rannsachadh mu choinneamh buill de Bhuidhean Thar-Phàrtaidh na Gàidhlig aig Pàrlamaid na h-Alba nas ainmich an diugh (Dimàirt 25mh Dàmhair). 

Thoisichear air an sgeama soighnichean dà chànanach fo chionn còrr is deich bliadhna, ach thaining leudachadh air buidsead is àireamh phròiseactan anns na dhà na trì bliadhnachan a dh'fhalbh. Chaidh an rannsachadh ùr a dhèanamh gus sùil thoirt air èifeachdas is soirbheachas na sgeama agus airson an obair a stiùireadh san àm ri teachd. Anns an seachd bliadhna mu dheireadh dhan sgeama thathas air taic a chumail ri faisg air 150 pròiseact, luach còrr is £250,000, le taic airgid de dìreach £94,000.

'S iad amasan na sgeama inbhe na Gàidhlig a thogail; a chànan a chuir mu choinneamh sluagh a bharrachd; agus cothrom thoirt dha gniomhachasan buannachd a thoirt aiste.

Bhon sgeama gheibh gnìomhachasan neo buidhnean-coimhearsnachd taic airgid de suas gu dà mhìle not airson soighnichean neo goireasan-margaidheachd eile a chuir an sàs. Pàighidh an sgeama suas ri 60% de na cosgaisean aig an ìre tha seo.

Chaidh an obair-rannsachaidh a dheanamh le companaidh neo-eisimeil 'Reference Economic Consultants' steidhichte an Inbhir Nis, agus chaidh mhaoineachadh le Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean, Bòrd na Gàidhlig, agus Comunn na Gàidhlig fhèin.

A measg na toraidhean eile tha:

  • Thar na bliadhnachan tha càileachd na pròiseactan air leasachadh
  • Tha còrr is an darna leth de na buidhnean a tha an sàs anns an sgeama (60%) gin luchd obrach sam bith aig am bheil Gàidhlig
  • Ged a tha an ìre taic air crionadh bho 70% gu 60% sa bhliadhna chaidh seachad (mar dhòigh air am buidsead a shìneadh a-mach is an tuilleadh proiseactan a mhaoineachadh) chan eil an iarrtas air tuiteam idir
  • Anns cha mhòr a h-uile pròiseact tha na goireasan Gàidhlig a' dol an àite rudan a bha anns a' Bheurla a mhàin
  • Tha buidhnean na roinne phrìobhaidich nas dualtach an sgeama chleachdadh airson inbhe an gnothach aca thogail an taca ri buidhnean na 'treasaibh roinne'.
  • Tha mhòr chuid de luchd-cleachdaidh na sgeama (54%) air beachdan taiceil fhaighinn bhon luchd-frithealaidh, is 44% eile gin fios sonraichte.
  • Bha mhòr chuid (91%) dhan bheachd gun robh soighnichean dà chànanach na dheagh chleachdadh air an ionmhas aca fhein.

Tha an rannsachadh cuideachd a' toirt am follais cò mheud dhaoine a tha a' faicinn na cànan gach bliadhna ri lìnn 's gum bheil na soighnichean air chùir an sàs. Ceannard ChnaG Dòmhnall MacNèill: "Ma nithear ceangal sìmplidh eadar an àireamh chompanaidhean a th'air taic fhaighinn bhon sgeama, is na th'acasan de luchd-frithealaidh gach bliadhna, tha còrr is 1.3m neach sa bhliadhna a'faicinn na Gàidhlig air na soighnichean seo.

"Ma dh'fhaoidte gum bheil sin tuilleadh is simplidh, ach ge bith ciamar a choimheadas tu ris, tha an sgeama seo a' cuir a' Ghàidhlig mu choinneamh na ceudan de mhìlltean de dhaoine, is dha rìreabh a' cuir ri inbhe na cànain."

Tha Iomairt na Gàidhealtachd a' maoineachadh an sgeama mar phàirt dhan cùmhnant leasachaidh Gaidhlig a th'aca le CnaG. Tha buidsead de £35,000 sa bhliadhna ga chosg mu choinneamh ionmhas na buidhnean fhèin. Thuirt Stiùiriche Leasachaidh Coimhearsnachd aig InG John Watt: "Tha sinne deamhainte gum bheil a' Ghàidhlig aig cridhe na coimhearsnachd sa sgìre seo, ach cuideachd gum bu chòir cothroman cosnaidh bhith na luib. 'Se tha toirt misneachd dhuinne san naidheachd a tha seo gum bheil gu leòr a bhuidhnean eile dhan an aon bheachd - deònach an airgead aca fhèin a chosg a thaobh na Gàidhlig seach gum bheil iadsan a' faicinn buannach aiste."

Dòmhnall MacNèill a rithist: "S'ann bho chionn dìreach beagan is dà mhios a dh'fhoillsich an Riaghaltas Albannach rannsachadh aca fhèin a bha a' sealltainn gun robh còrr is 80% de mhuinntir na h-Alba taiceil dhan Ghàidhlig, mar phàirt de dhualchas na dùthcha. Le taic airson a' Ghàidhlig cho làidir, chan eil e na iongnadh gum bheil e còrdadh ri daoine soighnichean dà-chànanach fhaicinn."

An dràsda fhèin, tha CnaG a' fosgladh an sgeama a rithist airson na dusan miosan tha ri teachd, agus a' sireadh tagraidhean bho gniomhachasan agus buidhnean coimhearsnachd. Aig an ìre sa, tha an sgeama dìreach ga chuir an sàs ann an sgìre Iomairt na Gàidhealtachd, ach ma dh'fhaoidte gun gabhadh a leudachadh san àm ri teachd.
 


Leave a comment

 
Back to top