News and media

Archive

Seiminear ag amas air stiùireadh nas fheàrr do dhreuchdan Gàidhlig

28 November 2011

A bhith dèanamh cinnteach gum bheil margaidh-obrach na Gàidhlig ag obair ann an dòigh cho èifeachdach 's a bu chòir - seo a' phrìomh amas aig seiminear sònraichte a chumar ann an Inbhir Nis a-màireach (Dimàirt 29mh Samhain).

Tha na ceudan de dh'obraichean an luib eaconamaidh na Gàidhlig, ann am farsaingeachd de dhiofar raointean, bho craobh-sgaoileadh gu foghlam, na roinne poblaich gu na gnìomhachasan cruthachail. A dh'aindheoin sin bith trioblaidean aig luchd-fastaidh fhathast daoine a' lorg le measgachadh freagarrach de sgilean cànain is sgilean dreuchd; agus tha an òigridh uaireannan ga fhaighinn duilich comhairle is taic freagarrach fhaighinn bho na buidhnean taic.

'S iad seo na cuspairean air an tèid cnuasachadh a dhèanamh a-màireach le riochdairean bho saoghal na Gàidhlig, agus bho saoghal ionnsachaidh is sgilean.

Thèid am prìomh òraid a thoirt seachad leis an t-Oll. Alasdair Allan, BPA, am Ministear airson Foghlam Fad-beatha agus Sgilean, agus le uallach airson na Gàidhlig. Thuirt am Ministear: "Tha cosnadh ceangailte ris a' Ghàidhlig a' cur gu mòr ri eaconamaidh na h-Alba, le bhith a' cruthachadh obraichean air feadh na dùthcha, sgìrean iomallach, dùthchail nam measg.

"Tha Riaghaltas na h-Alba an sàs gu dlùth ann a bhith a' cuir ris a seo, agus ann a bhith a' cur a' chànan fhèin air bun-stèidh nas seasmhaiche. Tha mise toilichte dha rìreabh gum bheil tachartas mar seo ga chumail, is bhithinn an dòchas gun gabh a h-uile buidheann a tha an sàs ann an cothrom coimhead ris na tha iadsan a' dèanamh airson a' Ghàidhlig, agus beachd a' ghabhail air mar a b' urrainn dhaibh a bhith ag obair còmhla ri càch airson an tuilleadh a dhèanamh."

Tha an seiminear ga chuir air bhonn le Comunn na Gàidhlig (CnaG), ann am compàirt ri Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean (HIE), Leasachadh Sgilean na h-Alba (LSA) agus Bòrd na Gàidhlig, is thèid a chumail ann an Taigh Cowan, oifisean HIE agus LSA ann an Inbhir Nis.

A rèir an rannsachadh às ùire ann an margaidh obrach na Gàidhlig, tha mu 735 dreuchdan ann an Alba air an comharrachadh mar obraichean far am bheil comasan Gàidhlig riatanach, le mu 440 eile ann far am bitheadh comasan Gàidhlig feumail. Tha 65% dhiubh seo air Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan an Iar, le 35% eile sgaipte air feadh an còrr den dùthcha. Ach thog an rannsachadh cuideachd gun robh feum air oidhirp chunbhalach a dhèanamh gus fiosrachadh ùr is mionaideach a thional san àm ri teachd.

Tha an aithisg seo, le Hecla Consulting, cuideachd a' toirt am follais gum bheil luchd-labhairt na Gàidhlig feumach air an tuilleadh trèanadh a thaobh sgilean cànain; agus gum bu chòir do na diofar bhuidhnean a tha an sàs ann an leasachadh na margaidhean-obrach a bhith ag obair nas dlùithe ri chèile. B' e an aithisg is na molaidhean seo a th'air cùl an seiminear fhèin.

Tha dùil ri suas ri 40 neach, bho grunn dhiofar bhuidhnean is gach taobh den ghnothach, bho luchd-fastaidh gu saoghal an fhoghlaim, iadsan a tha an sàs ann an leasachadh a' churraicealam agus feadhainn a bhitheas a' toirt seachad comhairle cosnaidh ann an sgoiltean. Tha dòchas ann gun ruigear aonta air gnìomhan chudromach, is a bhith ag obair nas dlùithe ri chèile

Thuirt Cathraiche Comunn na Gàidhlig, agus Comhairliche Gàidhealach Hamish Friseal: "Tha fios againn gum bheil an tuilleadh san tuilleadh buidhnean poblach is prìobhaideach a' toirt feart dhan Ghàidhlig, is gum bheil iad a' dèanamh nas urrainn dhaibh airson a leasachadh. Ach aig a' cheart àm tha beachd againn gum faod an obair seo a bhith uaireannan caran sgaoilte, is le sin nach eil e cho buadhmhor 's a dh'fhaodadh e bhith a thaobh a bhith cruthachadh obraichean, misneachadh an òigridh, neo dèanamh na ceangalan ceart eadar luchd-obrach is cothroman-trèanaidh.

"Tha sinn gu math toilichte a bhith ag obair còmhla ri HIE, LSA agus Bòrd na Gàidhlig gus an seiminear seo a' chuir an cèill. Tha e soilleir dhan h-uile buidheann tha seo gum faod a' Ghàidhlig an tuilleadh feum a' dhèanamh de dh' Alba san latha th' ann, gach cuid ann an seadh eaconamach neo cultarail, agus 's dòcha gum bith an tachartas seo na aon cheum eile gu ruige a' cheann uidhe sin. Aig deireadh an latha 'se tha fainear dhuinn an seo ach luchd-obrach misneachail is dìcheallach, agus às a sin gum bith a' Ghàidhlig agus an eaconamaidh nas làidire." 

A measg na seòrsa de phrògraman a dh'fhaodar a dheasbad, tha leudachadh ann an cothroman-cosnaidh aig diofar ìrean, leithid preantasan Gàidhlig, neo sgeamaichean luchd-ceumnachaidh. Tha sgeama leithid sin bho stiùir Chomunn na Gàidhlig mu thràth, is air a mhaoineachadh le Bòrd na Gàidhlig.

A measg na ceathrar dhreuchdan a tha a' faighinn taic bhon sgeama an dràsta tha aon a thaobh taic phàrantan aig a' bhuidheann Comann nam Pàrant. Tha Coinneach MacChoinnich à Inbhir Pheotharain anns an dreuchd seo. Thuirt esan: "Dh' ionnsaich mise Gàidhlig anns an sgoil agus an oilthigh, agus bha miann agam obair Gàidhlig fhaighinn, ach sann ann am bùthan a bha a mhòr chuid de na dreuchdan pàirt ùine a bh'agam chun seo. Leis mar a tha an saoghal-obrach an dràsta, às aonais an sgeama seo, tha min dùil gum bithinn ag obair ann am bùth, agus nach bithinn a' cleachdadh mo Ghàidhlig idir. A bharrachd air sin, tha min dùil gum biodh agam ri bhith air gluasad a Dhùn Èideann neo Ghlaschu agus tha an obair seo le Comann nam Pàrant air cothrom thoirt dhomh gach cuid a bhith ag obair tron Ghàidhlig agus fuireach air Ghàidhealtachd."
 


Leave a comment

 
Back to top