News and media

Archive

Seachd oileanaich air crìoch a chur air Ùlpan

21 June 2011

Tha seachd oileanaich bho Inbhir Nis air crìoch a chur air Ùlpan. Gheibh na h-oileanaich teisteanas an t-seachdain seo aig tachartas sònraichte air a chur air doigh le Comhairle na Gàidhealtachd.

Tha an seachdnar am measg grunn oileanach a tha a' ceumnachadh bho Ùlpan. Airson crìoch a chur air an cùrsa, rinn na h-oileanaich 144 aonadan agus tha iad a-nis aig ìre cleachdaidh a tha feumail sa chànan. Thug an cùrsa tri bliadhna le clas gach seachdain a bha air a theagasg le Dawn Morgan.

Thuirt Dawn, oide Ùlpan: "Tha e uabhasach math a bhith a' faicinn clas a' tighinn gu deireadh a' chùrsa agus a' faicinn an adhartas a tha iad air a dhèanamh. Tha mi an dòchas gum bi cothroman gu leòr aca a' Ghàidhlig aca a chleachdadh gus barrachd fileantais fhaighinn."

Thuirt an Comhairliche Hamish Friseal, Cathraiche a' Chomataidh Gàidhlig aig Comhairle na Gàidhealtachd: " Tha e math a bhith a' faicinn ar luchd-ionnsachaidh Gàidhlig a' cur crìoch air Ùlpan ann an Inbhir Nis agus anns an Eilean Sgitheanach. Tha sinn an dòchas gun toir seo air daoine eile Gàidhlig ionnsachadh."

Thuirt Dàibhidh Grannd, Stiùiriche Ùlpan: "Tha sinn toilichte gu bheil barrachd oileanaich air crìoch a chur air an cùrsa Ùlpan air fad. 'Se ceum air adhart a th'ann dhuinne gus aireamh de luchd-labhairt na Gàidhlig àrdachadh agus na targaidean a tha againn fon phlana Nàiseanta

na Gàidhlig aig Bòrd na Gàidhlig a' ruigsinn.

Mu tha uidh agaibh Gàidhlig ionnsachadh neo airson Gàidhlig a theagasg, bheir sùil air an làrach-lìn againn www.ulpan.co.uk neo cur fios chun an sgioba air 0845 557 6322 neo air post-d fios@deiseal.co.uk

Notaichean
Airson tuilleadh fhiosrachaidh air an fhios-naidheachd seo, cuiribh fios gu Shona Sloan air 0131 541 2127 no gu shona@ulpan.co.uk

Deiseal
Chaidh Deiseal a stèidheachadh ann an 2005 gus Ùlpan a chruthachadh, sin e pròiseact a sholaraicheadh trèanadh-oide, teisteanasan agus frèam-obrach nàiseanta leis an gabhadh Gàidhlig mar chainnt labhairteach ionnsachadh aig inbhich. Tha an companaidh a' faighinn taic-airgead bho Bòrd na Gàidhlig, Iomairt na Gàidhealtachd agus na h-Eileanan agus Leasachadh Sgilean na h-Alba.

Ùlpan

'S e dòigh luath agus èifeachdach airson cànan ionnsachadh a th' ann an Ùlpan. Tha e air a bhith ga chleachdadh gu soirbheachail fad còrr is 50 bliadhna ann an Iosrael, far an deach an siostam a chruthachadh an toiseach, agus anns a' Chuimrigh, far a bheil Wlpan air mìlltean de luchd-ionnsachaidh a thoirt gu fileantas ann an Cuimris. A-rèir de cho luath agus a tha an clas, 's urrainn do oileanaich Gàidhlig ionnsachadh aig ceann 9 seachdainean mu thèid na 144 aonadan a dhèanamh còmhla. Bu choir an ìre de ionnsachaidh a bhith co-dhiu, da 1.5 uairean a thide gach seachdain air diofar làithean.

Tha an tachartas aig Comhairle Na Gàidhealtachd a' tachairt air an 23mh den t-Òg Mhìos aig Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis.
 


Leave a comment

 
Back to top