News and media

Archive

Ro-innleachd ghnìomhachasan cruthachail agus cultarach ga fhoillseachadh airson Innse Gall

06 September 2012

Tha ro-innleachd ghnìomhachasan cruthachail agus cultarach le amas buaidh a thoirt air leasachadh na roinne an Innse Gall ga fhoillseachadh an t-seachdain-sa.

Tha an ro-innleachd ag amas air fàs agus leasachadh anns a' ghnìomhachas an Innse Gall, a' toirt taic do dhaoine agus ghnothachasan an sàs anns na gnìomhachasan gus cothrom a thoirt dhaibh an comas a choileanadh agus a' bhuannachd as mhotha fhaotainn bho chothroman eaconamach.

Leasaichte le Iomairt na Gàidhealtachd agus nan Eilean (HIE), Comhairle nan Eilean Siar (CNES), agus Leasachadh agus Sgilean na h-Alba (SDS), tha an ro-innleachd tri-bliadhna a' togail air rannsachadh agus co-chomhairleachadh o chionn ghoirid air buaidh eaconamach agus cothroman dhan roinn.

'S iad na gnìomhachasan cruthachail agus cultarach na roinnean a tha fàs aig an ìre as luaithe an Innse Gall. Bho chionn ghoirid, chaidh aithneachadh g' eil an gnìomhachas a' cur taic ri mu 500 dreuchd, agus gu bheil e a' cur barrachd air £33 millean a-steach dhan eaconamaidh ionadail, gu h-àraid ann an craoladh, aodach agus dualchas. Tha innleachd agus cultar cuideachd gan aithneachadh mar phàirt de bheatha shòisealta nan eilean, a' cruthachadh mathas coimhearsnachd agus sòisealta, agus a' fàgail Innse Gall na àite a tha tarraingeach airson a bhith a' fuireach, ag obair agus a' tadhail.

Thubhairt Mairi Bhochanan, Àrd Rianadair Leasachaidh aig HIE: "Tha neartan sònraichte aig Innse Gall, a' gabhail a-steach fèin-aithne cultarach làidir stèidhichte `s a' Ghàidhlig agus iomadach thachartasan agus ghoireasan cruthachail agus cultarach aig a bheil cliù fad is farsaing. Tha an ro-innleachd-sa ag amas air togail air na neartan seo agus iomairtean ùra a bhrosnachadh."

Thubhairt an Comhairliche Eàirdsidh Caimbeul, Comhairle nan Eilean Siar,: "Tha an ro-innleachd seo ag aithneachadh ar neartan a thaobh dualchas agus cultar, a' Chlò Hearaich agus gnothachasan cultarach. Tha a' Chomhairle gu bhith cur taic ri iomairtean a bhios a' cruthachadh dhreuchdan agus luach na roinne, gus an tig àrdachadh a bharrachd anns na tha e a' cur ris an eaconamaidh ionadail.

Mar phàirt den obair air an ro-innleachd, tha a' Chomhairle agus HIE air a bhith ag obair còmhla ri Hi-arts gus cur air dòigh sreath thachartasan airson ghnothachasan cruthachail agus cultarach. Bidh taic phroifeiseanta ri fhaotainn airson proifeiseantaich anns na roinnean, a' gabhail a-steach comhairle agus taic eòlaichean anns na Ciùird, Ealan, Dualchas, Ceòl, Telebhisean agus leasachadh luchd-èisteachd. Bidh na tachartasan seo gan cumail air Diciadain 12mh Sultain, An Lanntair, Steòrnabhagh agus Diardaoin 13mh Sultain, Taigh Chearsabhagh, Loch nam Madadh.
 

 


Leave a comment

 
Back to top