News and media

Archive

Key Contacts

Rannsachadh a’ sealltainn luach na Gàidhlig do ghnothachasan is choimhearsnachdan ann an Alba

11 November 2014

Tha an luach eaconamach is sòisealta aig Gàidhlig mar so-mhaoin àraid do dh’Alba aig cridhe rannsachadh ùr a tha ga fhoillseachadh an-diugh.

Tha a’ bhuidheann leasachaidh Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean (HIE) air a bhith a’ stiùireadh pròiseact com-pàirteachais gus rannsachadh a dhèanamh air na dòighean anns a bheil Gàidhlig ga cleachadh an-dràsta gus buannachdan eaconamach is sòisealta a thoirt do ghnothachasan, iomairtean sòisealta agus do choimhearsnachdan, agus mar a ghabhas an fheum as fheàrr fhaighinn às a’ bhuaidh seo.

Leis an tiotal Ar Stòras Gàidhlig, tha an aithisg a thàinig às a’ sealltainn mar a tha a’ chànan an-dràsta ga cleachdadh gus luach a chur ann an raon farsaing de shuidheachaidhean agus tha e a’ tarraing aire chun a’ chomais nach beag a th’ ann gus buannachdan a bharrachd a thoirt do ghnothachasan, choimhearsnachdan agus do dhaoine fa leth.

Bha HIE ag obrachadh an lùib Bòrd na Gàidhlig, Dualchas Nàdair na h-Alba, Alba Cruthachail, Comhairle na Gàidhealtachd, Comhairle Earra-Ghàidheal agus Bhòid, agus Comhairle nan Eilean Siar airson coimisean a thoirt do DC Research gus fiosrachadh a thionail bho ghnothachasan, choimhearsnachdan is iomairtean sòisealta a tha an-dràsta a’ cleachdadh Gàidhlig.

Bha faisg air 70% de ghnothachasan ris an deach bruidhinn a’ cumail a-mach gun robh Gàidhlig na so-mhaoin dha na gnìomhan aca. Bha còrr is leth de na gothachasan (60%) agus 85% de na buidhnean coimhearsnachd a fhreagair an t-suirbhidh ag ràdh gun robh Gàidhlig a’ nochdadh mar phrìomh eileamaid den cuid obrach.

Bha a’ mhòr-chuid de ghnothachasan a bha ag aithneachadh Gàidhlig mar so-mhaoin steidhte ann an Innse Gall, air Ghàidhealtachd, ann am Baile Ghlaschu, Dùn Èideann, agus Earra-Ghàidheal agus Bòid.

A’ sgrùdadh dàta bhon luchd-freagairt, chaidh aig luchd-rannsachaidh air dèanamh a-mach gun robh a’ bhuaidh iomlan a bh’ aig cleachdadh na Gàidhlig air tionndadh a’ ruigsinn £5.6 millean.

Bhon bhuil seo, dh’obraich iad a-mach gum faodadh gum biodh an luach eaconamach comasach aig Gàidhlig mar so-mhaoin eadar £81.6m agus £148.5m gach bliadhna.

Thuirt Stiùiriche Neartachadh Choimhearsnachdan aig HIE, Raoinaid NicCarmaig: “Nuair a bhios sinn a’ bruidhinn air Gàidhlig, tha an cuideam mar as trice air an fheum a th’ ann airson taic a’ phobaill gus dèanamh cinnteach gum fàs a’ chànan is gum fan i beò. Gu ruige seo, chaidh nas lugha a ràdh mun dreuchd chudromach a th’ aig a’ Ghàidhlig mar so-mhaoin luachmhor eaconamach is choimhearsnachd, le comas ann tabhartas glè mhòr a thoirt do dh’Alba.

“Tha an rannsachadh ùr seo a’ sealltainn gu bheil Gàidhlig na pàirt àraid de chultar na h-Alba ach cuideachd gun gabh coimhead oirre agus a cleachdadh mar so-mhaoin ann an raon de shuidheachaidhean, gu h-àraid ann an roinnean nan gnìomhachasan cruthachail; biadh is deoch; foghlam is ionnsachadh, dualchas is turasachd.

“Tha torraidhean an rannsachaidh a’ suidheachadh bunait airson rannsachadh a bharrachd agus bidh iad mar stìùir airson gnìomhan a bheir HIE agus com-pàirtichean air adhart san àm ri teachd gus taic a thoirt do ghnothachasan is choimhearsnachdan a gheibh buannachd bho bhith a’ leasachadh na dòighean anns a bheil iad a’ cleachdadh na Gàidhlig, agus a’ cur nas motha ri fàs eaconamach san fharsaingeachd.”

Thuirt Iain Aonghas MacAoidh, Ceannard Bòrd na Gàidhlig: “Tha toraidhean an rannsachaidh seo a’ sealltainn gu soillieir gu bheil an t-airgead a thathar a’ cur a dh’ionnsaigh na Gàidhlig, suim nach eil cho mòr aig an ìre seo, a’ ciallachadh gu bheilear a’ cur gu sònraichte ris an eaconamaidh, chan ann a-mhàin air Ghàidhealtachd is anns na h-Eileanan ach cuideachd ann am meadhan na dùthcha. Tha Gàidhlig air a h-aithneachadh gu h-eadar-nàiseanta cho math ri gu nàiseanta. Tha fios air a bhith againn bho chionn greis, tro rannsachaidhean eile, gu bheil coimhearsnachd na Gàidhlig, a rèir a meud, a’ buileachadh tòrr a bharrachd na bhiodh dùil a thaobh mar a tha i a’ cur ri raon de roinnean, agus tha seo a’ daingneachadh agus a’ leudachadh air slatan-tomhais a bha stèidhte roimhe. Tha dìlseachd a thaobh cànan is cultar na spàirn chumhachdach, bhrosnachail. Tha sinn air ar mòr mhisneachadh leis an taic, a tha a’ sìor fhàs, airson na Gàidhlig aig ìrean bunasach is bunaiteach, agus na buannachdan eaconamach, cho math ri sòisealta, cultarail is cànanach, a thig bho ghnìomhan co-obrachail.”
A rèir Alasdair Allan, Ministear na Gàidhlig: “Tha Gàidhlig na pàirt de ar fèin-aithne agus cultair, agus air a cleachdadh gach latha ann an coimhearsnachdan air feadh na h-Alba. Tha an aithisg seo a’ togail aire, airson a’ chiad uair, chun na dòighean anns a bheil gnothachasan is buidhnean eile a’ dèanamh feum dhen chànan airson luach eaconamach fhaighinn. Tha na th’ anns an aithisg seo a’ toirt misneachd dhuinn agus tha min dòchas mòran a bharrachd bhuidhnean fhaicinn a’ faighinn buannachd às a’ Ghàidhlig anns na bliadhnachan ri teachd le bhith a’ leantainn nan eisimpleirean seo agus a’ togail air soirbheas."

Tha grunn eisimpleirean de na gnothachasan a tha an-dràsta a’ cleachdadh Gàidhlig mar so-mhaoin rim faicinn ann an aithisg fhèin, nam measg Ionad Ealain An Lanntair ann an Steòrnabhagh. Tha Gàidhlig mar eileamaid làidir aig An Lanntair, agus tha an t-ionad a’ cleachdadh soidhnichean dà-chànanach san togalach, ann an sannasachd agus ann an stuthan foillseachaidh eile, cho math ri bhith a’ cur air bhonn taisbeanaidhean a tha a’ mealadh is a’ cur air adhart cultar na Gàidhlig.

Am measg na gnothachan eile a thagh luchd-rannsachaidh mar eisimpleirean airson a bhith a’ cleachdadh na Gàidhlig mar so-mhaoin tha a’ companaidh telebhisean Albannach mneTV a tha stèidhte ann an Glaschu; Ionad Luchd-turais is Ealain Àrois san Eilean Sgitheanach; Fèisean nan Gàidheal agus fèisean Blas air feadh na Gàidhealtachd ’s nan Eilean, agus Taigh-òsta Port Charlotte ann an Ìle.

Bha mòran choimhearsnachdan a ghabh com-pàirt san t-suirbhidh a’ faicinn turasachd mar aon de na prìomh raointean far a bheil comas làidir dreuchd na Gàidhlig mar so-mhaoin eaconamach a leasachadh is a leudachadh.

’S iad na trì buannachdan as cumanta a thig an lùib cleachdadh na Gàidhlig ann an coimhearsnachdan, a-rèir an rannsachaidh, gu bheil luach nas motha ga shealtainn san sgìre ionadail, ceangal nas motha aig na daoine ris na coimhearsnachdan, agus fàs ann an cothroman cosnaidh co-cheangailte ri Gàidhlig.

Tha HIE air a bhith a’ toirt maoineachadh thairis air mòran bhliadhnachan do ghrunn bhuidhnean a tha a’ cleachdadh Gàidhlig mar so-mhaoin, a’ gabhail a-steach a’ bhuidheann cultarail thar-Alba Fèisean nan Gàidheal, a’ phrìomh fhoillsichear Acair, agus an Ionad Nàiseanta airson Cànan is Cultar na Gàidhlig – Sabhal Mòr Ostaig.

Tha Ar Stòras Gàidhlig ri fhaighinn gu tur no mar ghearr-chunntas air an làrach-lìn aig Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean aig www.hie.co.uk/Gaelicresearch


Leave a comment

 
Back to top