News and media

Archive

Port ùr £10m Loch Baghasdail fosgailte

05 September 2015

Tha an Leas-Phrìomh Mhinistear Iain Swinney air port ùr luach £10 millean fhosgladh an-diugh (Disathuirne 5 Sultain).

Chaidh am pròiseact mòr ath-leasachaidh a thoirt air adhart leis a’ bhuidhinn choimhearsnachd Stòras Uibhist. Tha am pròiseact air goireasan ùra mara agus chur-seachadan a chruthachadh, le fearann fa leth ann dha leasachaidhean coimearsalta, coimhearsnachdan agus taighean-còmhnaidh an Loch Baghasdail, Uibhist a Deas.

Chaidh dà chabhsair agus dà bhalla-fasgaidh ùr a chruthachadh mar phàirt dhen phròiseact, cho math ri rathad ùr eadar Rubha Bhuailt is Eilean Ghàsaigh, cidhe iasgaich, leathad-luinge, pontùnaichean agus goireasan dha luchd nam bàta - an dà chuid iasgairean agus luchd-turais.

Tha mòran a tha a’ tighinn chun nan Eilean Siar a’ tadhal air Loch Baghasdail, agus e na shuidhe an àrainneachd bhreagha làn ghoireasan seòlaidh is chur-seachadan. Timcheall Loch Baghasdail, ’s urrainn do dhaoine seòladh a’ Chuain Sgìth agus a-steach a gheodhan seasgair air taobh sear an Eilein agus a-null chun an taobh siar.

Tha an cala cuideachd le raon coimearsalta ann sa bheil cothroman ùra ’son einnseanaireachd, nan gnìomhachasan aotrom agus dha seirbheisean mara.

Fhuair am pròiseact, nach biodh idir air tachairt gun an àite a bhith fo shealbh na coimhearsnachd, taic-airgid bho dhiofar mhaoinean.

Fhuaireas a’ chuid bu mhotha dhen thaic bho Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean (HIE). Tha HIE air taic a chumail ris a’ phròiseact tro na diofar cheumannan eadar sgrùdaidhean mionaideach rannsachaidh, an obair-dheilbh agus thug iad seachad tabhartasan luach £5m uile gu lèir. Tha Comhairle nan Eilean Siar air £625k a chur ris, le taic eile a’ tighinn bho Mhaoin Leasachaidh Sgìreil na h-Eòrpa (ERDF), Riaghaltas na h-Alba agus bhon Chrannchur Nàiseanta.

Thuirt Mgr Swinney: “Cuiridh port ùr Loch Baghasdail gu mòr ri eaconamaidh nan Eilean Siar, le cuideachadh ga thoirt dha turasachd agus gnìomhachasan is iad a’ fàs; fàs a bheir buannachdan gu buil chum math na coimhearsnachd air fad.

Tha Ro-innleachd na Turasachd Mara a chaidh fhoillseachadh bho chionn ghoirid a’ tarraing aire chun a’ mhargaidh thurasachd mhara luach £360 millean sam bi Loch Baghasdail a-nise an sàs.

Is mi an-diugh a’ fosgladh a’ phuirt seo, bu mhath leam mo thaing a thoirt do Stòras Uibhist, do HIE agus do bhuidhnean eile airson na h-obrach a tha iad an dèidh a dhèanamh gus am iomairt a thoirt chun na h-ìre seo; a’ cruthachadh bhuannachdan mòra dha muinntir Uibhist a Deas is dha na h-Eileanan Siar gu lèir.”

Thuirt Ceannard HIE Ailig MacPhàdraig: “Tha HIE a’ leigeil cudrom mòr air neartachadh nan coimhearsnachdan as dùbhlanaiche chum a bhith seasmhachd. Tha sinn air obair mhòr a thoirt air adhart an co-bhuinn ri Stòras Uibhist ’son còrr is deich bliadhna; bho cheannach na h-oighreachd an 2006 gu cur air dòigh a’ phròiseict iongantaich àrd-amasaich seo. ’S e fìor latha mòr a tha seo.

“Is e ar ceann-uidhe ach gum bi cothroman aig a’ choimhearsnachd seo buaidhean mòra sòisealta agus eaconamach a thoirt gu buil le fàs a’ tighinn air an àireimh-shluaigh agus air na cothroman gnìomhachais an Uibhist a Deas. Tha e mìorbhaileach a bhith a’ faicinn toradh ar n-obrach is ar maoineachaidh a’ tighinn gu bith.
“Tha Loch Baghasdail a-nise le goireasan air leth le farsaingeachd chothroman nan lùib dha gnìomhachasan, a’ gabhail a-steach gnìomhachas na turasachd mara, iasgairean is tuathanasan-èisg. Cuidichidh na leasachaidhean seo a thaobh neartachadh na coimhearsnachd chum maith nan ginealaichean ri thighinn. Bu chòir cuideachd moladh a dhèanamh air mar a chaidh am pròiseact a libhrigeadh an ùine cho goirid agus taobh a-staigh a’ bhuidseit.”

Thuirt Iain MacGilleMhaoil, Cathraiche Lochboisdale Development, fo-chompanaidh Stòras Uibhist: “Tha sinn air ar dòigh gu bheil sinn air an leasachadh mòr seo a thoirt gu ceann agus gu bheil e a-nise fosgailte dha gnìomhachasan. Tha seo a’ cruthachadh a’ bhun-structair a bha a dhìth gus turasachd mara a thoirt air adhart an Loch Baghasdail agus sna h-Eileanan. Tha e cuideachd le cothroman na lùib airson leasachaidhean gnìomhachais agus taigheadas coimhearsnachd; a’ neartachadh a’ bhun-structair dha gnìomhachas an iasgaich ’s nan tuathanasan-èisg agus dha turasachd mara. Tha am pròiseact a’ gabhail nan ciad cheumannan chum ath-leasachadh thar an fhad-ùine dha Loch Baghasdail agus Uibhist air fad agus tha sinn an dòchas gun lean ar n-obair an co-bhuinn ri com-pàirtichean gus piseach a thoirt air na goireasan air leth seo.”

Thuirt Huw Francis, Ceannard Stòras Uibhist: “Tha sinn air a bhith ag obair a chum seo fad ùine mhòr. B’ iad sgioba Stòras Uibhist a tha air a bhith bhos cionn a’ phròiseict àrd-amasaich seo, agus tha crìochnachadh a’ phròiseict a’ sealltainn nas urrainn do choimhearsnachd a dhèanamh nuair a tha am fearann aca fon sealbh fhèin, le cothrom air na goireasan a dh’fheumas iad gus piseach a thoirt air an Eilean agus eaconamaidh an àite.”


Leave a comment

 
Back to top