News and media

Archive

Oifigearan ùra gus Òigridh na Gàidhlig a mhisneachadh anns a’ chànan

26 November 2013

Sanas naidheachd bho Chomunn na Gàidhlig: 26mh Samhain 2013

Tha suas ri seachd oifigearan ùra gu bhith air am fastadh, ann an diofar choimhearsnachdan, gus taic a chumail ri obair leasachaidh na Gàidhlig. Bithear ag amas gu sònraichte air obair còmhla ri daoine òg is am pàrantan.

Tha an obair gu bhith a’ leantainn mar thoradh air compàirteachas ùr eadar Comunn na Gàidhlig, Bòrd na Gàidhlig agus ceithir Comhairlean Ionadail; Comhairle nan Eilean Siar; Comhairle Earra-ghàidheal is Bhòid; Comhairle Bhaile Ghlaschu; agus Comhairle Bhaile Dhùn Èideann. Bithidh luach còrr is £200,000 anns an iomairt ùr, a’ leanas bliadhna anns a’ chiad dol a-mach.

Tha seo a’ togail air pròiseactan ann an Leòdhas agus Loch Abar, far am bheil oifigearan-leasachaidh air a bhith ag obair gu dlùth ri na h-àrd sgoiltean anns na coimhearsnachdan sin gus sgoilearan a mhisneachadh sa Ghàidhlig. Tha e cuideachd mar thoradh air pròiseact na ‘h-Iomairtean Gàidhlig’ anns am bheil CnaG air a bhith an sàs le Bòrd na Gàidhlig bho chionn suas ri ceithir bliadhna.

Thuirt Ceannard ChnaG, Dòmhnall MacNèill: “Tha sinn air ar dòigh glan gum bheil sinn a’ faighinn cothrom a dhol an sàs anns a’ phròiseact seo. Bha sinne a’ faicinn, le na h-oifigearan Iomairt, agus oifigearan òigridh againn, gach cuid buaidh agus feum na h-obrach sin. Bha sinn a’ cluinntinn fianais air an òigridh a bhith air am misneachadh anns a’ Ghàidhlig, agus a bhith nas deònaiche a bruidhinn. ‘Se rud iongantach a th’ann a-nis a bhith a’ faighinn an cothrom cuid de na dreuchdan sin a leudachadh, agus cuideachd a bhith a’ dol an sàs anns an obair ann an sgìrean ùra.”

Bho pròiseact na h-Iomairtean Gàidhlig, a tha na chompàirteachas eadar CnaG agus Bòrd na Gàidhlig, bha oifigearan cheana ann an Dùn Èideann, Glaschu is Uibhist aig ìre 0.5. Thèid iad seo a-nis an leudachadh gus am bith samhail dreuchd làn-ùine anns gach sgìre.

A thuilleadh air sin, thèid dreuchdan ùra an stèidheachadh anns na Hearadh (0.5); Barraigh (0.5); Steòrnabhagh ‘s a sgìre mun cuairt (0.5); agus Muile (0.5). Tha na Comhairlean Ionadail anns na sgìrean a tha an sàs anns an leasachadh seo, anns na sgìrean aca fhèin, a’ cumail taic ri cosgaisean a’ phròiseact, agus cuideachd a’ cumail taic ri stiùireadh na h-obraichean a thaobh an òigridh. ‘Se an amas gum bith na h-oifigearan stèidhichte pàirt mhòr dhan ùine aca an taobh a-staigh na h-àrd-sgoiltean anns na sgìrean seo.

Thuirt Ceannard Bòrd na Gàidhlig Iain Aonghais MacAoidh: “Nuair thug sinn sùil timcheall na sgìrean far an robh na h-iomairtean ag obair, bha e follaiseach gun robh modail an sin a bha gu feum - gnìomh am measg an òigridh, agus le stiùir is taic bhon choimhearsnachd air fad. Le sin, bha sinne gu math toilichte na tagraidhean seo fhaighinn bho na ceithir Comhairlean airson am modail a leudachadh. Le bhith a’ cumail taic ri na h-iarrtasan seo, tha sinn an dòchas ruigsinn air barrachd dhaoine òga, am pàrantan, agus na coimhearsnachdan aca, gu maith na Gàidhlig.”

Thèid na dreuchdan an sanasachd anns na seachdainean tha romhainn, is tha dùil gum bith na h-oifigearan ùra a’ tòiseachadh anns na dreuchdan tràth anns a’ bhliadhn’ ùr.


Leave a comment

 
Back to top