News and media

Archive

Oifigear leasachaidh ainmichte airson Stafainn

18 January 2011

Chaidh oifigear leasachaidh ionadail air fastadh airson cruthachadh plana eaconamach, sòisealta agus cultarach airson fàs teachdail ann an coimhearsnachd bheag air an Eilean Sgitheanach.

Bidh Marion Beaton ag obair airson Urras an Taobh Sear troimh iomairt a chuir Iomairt na Gàidhealtachd (HIE) air adhart.

Tha HIE a' cuideachadh suas ri 40 pròiseactan choimhearsnachd ann an sgìrean cugallach sa Ghàidhealtachd is na h-Eileanan, le airgead ionmhais a chum luchd obrach ùr a bhios ag obair còmhla ri buidhnean choimhearsnachd.

Bidh Marion an sàs ann an iomadh phròiseactan choimhearsnachd, a' meudachadh gnìomhachas eaconamach ionadail san roinn, agus ag obair còmhla ri Sabhal Mòr Ostaig airson leasachadh foghlam Gàidhlig.

Cuideachd, bidh iomadh tachartasan poblach air cuir air dòigh le Marion airson faighinn a-mach bho dhaoine dè tha iad ag iarraidh faicinn sa roinn, agus gum faigh iad cothrom beachdan a chur-a-steach dhan iomairt.

Dh'fhaodadh seo gabhail a-steach leasachadh fèis dealbh-camara Sùil an t-Solais, planaichean airson fàs deuchainnean cù-chaorach, cumhachd ath-nuathchail, agus leasachaidhean air a' chidhe. A thuilleadh air pròiseactan an urrais, Bidh Marion cuideachd ag obair air planaichean gnìomh nas fharsaing eile ann an Stafainn.

Thar na bliadhnaichean a chaidh seachad, bha Marion ag obair aig Comunn na Gàidhlig agus Bòrd na Gàidhlig agus tha i a' tilleadh gu Stafainn airson tòiseachadh an dreuchd ùr. Tha i a' bruidhinn Gàidhlig gu fileanta agus tha an urras gu math dèidheil air grunn phròiseactan Ghàidhlig a thoirt air adhart le Marion.

Tha Stafainn air taobh sear ceann-tìre Tròndairnis, faisg air ceann Bàigh Stafainn agus 18 mìle tuath bho Port Righ. Bidh Marion ag obair anns na 23 bailtean ann an Stafainn, bho Flodigarry air an taobh tuath, gu Lealt agus An Tobhta air an taobh deas. Tha an urras air grunn phròiseactan àrd-amasach a thoirt seachad mu thràth, a' cur fòcas air cuspairean eachdraidheil agus na h-àrainneachd a tha ag aithneachadh maoin roinn Stafainn agus dearbh-aithne làidir, le àrainneachd nàdarra àraid a bhios a' tàladh a-steach geòlaichean, luchd-nàdair, agus luchd-coiseachd.

Thuirt Marion: "Tha mi gu math toilichte an cothrom fhaighinn airson tilleadh dhachaidh gu Flòdaigearraidh agus tha mi a' coimhead air adhart ri cuideachadh Urras an Taobh Sear leis na planaichean a tha aca."

Thuirt Claire Hannah: "Tha HIE gu math toilichte taic a thoirt dha Marion agus an urras airson am plana choimhearsnachd a leasachadh. Tha mi cinnteach gum bi an iomairt seo na bhuannachd do choimhearsnachdan ann an Stafainn a thaobh an dualchas cultarach agus bheir e cothrom math dha pròiseactan eile a bhios a' tarraing a-steach airgead airson neartachadh an eaconamaidh san roinn."

Tha luchd-stiùiridh Urras an Taobh Sear an dràsta a' beachdachadh air grunn atharraichean laghail airson àireamh ballrachd nas àrd fhaighinn agus a' dèanamh cinnteach gum bi barrachd daoine an luib ann am pròiseactan gu h-ionadail.

crìoch.


Leave a comment

 
Back to top