News and media

Archive

Oifigear Leasachaidh ùr aig Urras Coimhearsnachd Bhràdhagair agus Àrnoil

23 February 2015

Tha Oifigear Leasachaidh a-nis stèidhichte aig urras coimhearsnachd a tha a frithealadh na bailtean Bràdhagair is Àrnol air an taobh siar Leòdhais.

Tha Euan MacLeòid air an dreuchd a ghabhail do Urras Coimhearsnachd Bhràdhagair agus Àrnoil (Bragar and Arnol Community Trust) a chaidh stèidheachadh ann an 2012 airson an coimhearsnachd de 600 daoine, 70% le Gàidhlig, a leasachadh.

Chaidh a thogadh ann an Dun Èideann is a dh’ ionnsachadh aig Sgoil Crois na Cìse, tha ceangal mòr aige ri Bràdhagair leis an ùine a chuir e seachad sna soar-laithean aig taigh a sheanmhair. Bha Euan aig an t-Sabhal Mòr san Eilean Sgitheanach agus tha torr eòlas aige ag obair dhan choimhearsnachd. Fo dheireadh dh’ obair e mar Oifigear Leasachaidh Gàidhlig ann an Ionad Chaluim Chille Ìle.

Tha an dreuchd a’ faighinn taic-airgid à Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean (HIE) agus Bòrd na Gàidhlig mar pròiseact co-obrachaidh deuchainneil, le amas ionad coimhearsnachd sheasmhach a stèidheachadh le Gàidhlig aig cridhe.

Dh’ obair HIE, còmhla ri Community Ownership Support Service agus Awards for All cheana airson an taic a thoirt dhan Urras le bhith faighinn smachd air sean sgoil Bhràdhagair, a tha a-nis na togalach coimhearsnachd. ‘S e Grinneabhat ainm ùr an togalaich, leis an fo-thiotal Cridhe na Coimhearsnachd.

Thuirt Rachel Mackenzie, Manaidsear Sgìre, HIE, “Tha sinn toilichte a bhith ag obair còmhla ri Bòrd na Gàidhlig, a’ neartachadh an coimhearsnachd Ghàidhlig seo a tha feuchainn ri an togalach coimhearsnachd a leasachadh mar maoin choimhearsnachd sheasmhachd.

Thuit Iain Aonghais Macaoidh, Ceannard Bòrd na Gàidhlig: “Tha sinn an dòchas gun cuir a' phròiseact seo ri leasachadh coimhearsnachd tro ath-bheòachadh sean thogalach, agus tro tuilleadh chothroman a chruthachadh airson cleachdadh na Gàidhlig mar phàirt nadarra den obair làitheil. Tha e math faicinn Euan a' tilleadh gu coimhearsnachd a theaghlaich is an dòchas gu soirbhich leis san dreuchd is gum brosnaich seo feadhainn eile gus coimhead son slighe air ais dha na h-eileanan."

'S e amas na buidhinn-coimhearsnachd dòighean teachd a-steach a leasachadh gus so-sheasmhachd ruighinn san fhad-ùine. Tha roinn de thachartasan is seirbheasan stèidhte san sean sgoil a tha brosnachadh fàs anns an coimhearsnachd ionadail, agus tha adhartachadh na Gàidhlig na prìomh phàirt dheth.

Thuirt Catriona Chaimbeul, Cathraiche Urras Coimhearsnachd Bhràdhagair agus Àrnoil: “Bha sinn glè thoilichte taic fhaighinn bho HIE agus Bòrd na Gàidhlig airson Euan a chuir ann an dreuchd. Tha ‘Cridhe na Coimhearsnachd’ mar phàirt den ainm againn, agus tha sinn fortanach gu bheil Gàidhlig fhathast aig cridhe coimhearsnachd Àrnoil agus Bhràdhagair. Tha an cànan a-nis aig cridhe nam planaichean againne airson a’ phroiseact seo. Le taic bho Euan, tha làn dhùil againn gum bi Gàidhlig na buannachd soisealta agus eaconomach airson ar sgìre.”


Leave a comment

 
Back to top