News and media

Archive

Ionad nam meadhanan cruthachail ùr ga fhosgladh ann an Steòrnabhagh

09 March 2012

Tha Muileann Clò Hearach ann an Steòrnabhagh air a bhith ga ath-bheòthachadh agus ga fhosgladh as ùr an-diugh (Dihaoine 9mh Màrt) mar Ionad nam Meadhanan Cruthachail (IMC).

Tha leasachadh £2.6m an IMC ag aithneachadh nan cothroman cosnaidh a tha an lùib na roinne cruthachail an Innse Gall, gu h-àraid iad sin a tha ceangailte ris a' Ghàidhlig.

Tha an IMC a' tabhann 1000mc de ghoireasan oifisean agus deasgan air màil airson gnothachasan cruthachail agus luchd-obrach saor-chùmhnant, agus tha an t-ionad cuideachd a' solarachadh rùm airson oifisean agus gnothaichean eile ceangailte ri obair riochdachaidh airson MG Alba, Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig.

Bidh MG Alba a' rianadh an ionaid agus a' làimhseachadh chunnraidhean màil as leth Chomhairle nan Eilean Siar.

Stèidhichte am broinn 'baile mheadhanan' Steòrnabhaigh air Rathad Shìphoirt, tha an togalach ri taobh prìomh-oifis agus stiùideo MG Alba. Tha MG Alba ag obair ann an com-pàirteachas leis a' BhBC airson BBC Alba a riochdachadh agus 's ann bhon ionad seo ann an Steòrnabhagh a thathar a' rianadh an t-sianail. Tha Studio Alba, stiùideo telebhisean agus fuaim airson obair riochdachaidh agus iar-riochdachaidh, cuideachd ann an ionad Rathad Shìphoirt.

A' bruidhinn mu fhosgladh an IMC, thubhairt an Comhairliche Aonghas Caimbeul, Ceannard Chomhairle nan Eilean Siar: "'S e pìos bun-structair sònraichte a tha seo airson Innse Gall. Tha mi air leth toilichte gu bheil a' Chomhairle air taic a chur ri leasachadh den t-seòrsa seo, ' tha sealltainn ar dealas ann a bhith a' faighinn buannachd eaconamach bhon roinn chruthachail, gu h-àraid le bhith togail air buaidh an t-sianail Gàidhlig, BBC Alba. Tha e cuideachd air a bhith na bhuannachd mhòr airson na coimhearsnachd ionadail agus tha Comann Luchd-còmhnaidh Newton gu math toilichte leis. Rinn an cunnradair ionadail, Iain Moireach, obair air leth leis a' phròiseact."

Thubhairt Archie Dòmhnallach, Manaidsear Sgìre HIE: "Tha an t-ionad ùr seo a' sealltainn cho cudromach 's a tha na gnìomhachasan cruthachail anns na h-eileanan. Tha comas ann airson cruthachadh barrachd chothroman cosnaidh anns na meadhanan agus an roinn chruthachail. Tha cànan, cultar agus dualchas na Gàidhlig làidir san sgìre agus bidh an t-ionad na àite a bhios a' togail air an neart seo agus a bheir buannachdan eile dhan sgìre. Tha an togalach ùr na mhòr-ionad airson a' ghnìomhachais agus bheir e spionnadh dhan eaconamaidh. Tha gnothachasan san roinn chruthachail cudromach dhan eaconamaidh an Innse Gall agus gu dearbh airson nan sgìrean eile mu thimcheall, agus tha an t-ionad seo a' toirt brosnachadh sònraichte dhan roinn."

A' bruidhinn aig an tachartas fosglaidh, thubhairt Alasdair Moireasdan, Cathraiche MG Alba: "Tha sinn gu math toilichte leis na goireasan san IMC, a tha na fhìor chùis bhrosnachaidh dha na h-eileanan. Bidh an t-ionad a' cur ri agus a' brosnachadh fàs ghnothachasan anns na meadhanan agus na gnìomhachasan cruthachail le bhith solarachadh àrainneachd iomchaidh airson an fhàs sin.

An-dràsta, tha obair chruthachail àrd-ìre a' tighinn a-mach à Steòrnabhagh agus sgìrean eile sna h-eileanan, gu h-àraid a thaobh craoladh na Gàidhlig, agus le leasachadh BBC Alba thathar an dòchas gum bi an t-ionad ùr na àite far am bi diofar bhuidhnean ag obair còmhla, sa chiad àite bho thaobh a-staigh na roinne neo-eisimeileach."

Thubhairt Denis Malone, Àrd Oifigear Prògram Com-pàirteachais na Gàidhealtachd agus nan Eilean: "'S e goireas mìorbhailleach, ùr a th' anns an IMC a nì mòran a thaobh chothroman do dhaoine ann an Innse Gall agus bho sgìrean eile airson an cuid sgilean an leasachadh ann an nua-theicneolasan agus dòighean eile air obrachadh.

Tha mi air leth toilichte leis an taic airgid a chur Maoin Leasachaidh Roinneil na h-Eòrpa ann an com-pàirteachas leis a' Chomhairle agus Iomairt na Gàidhealtachd agus nan Eilean an lùib anns an leasachadh seo. Bu chòir moladh a thoirt do dh'obair prìomh chom-pàirtichean ann a bhith a' dealbhadh ionad den seòrsa seo agus tha mi a' coimhead air adhart ri faicinn mar a bhios e a' ceangal le in-thasgaidhean eile."

Tha a' chiad neach-gabhail san togalach ùr, Coinneach Stiùbhart bhon chompanaidh riochdachaidh Moja Ltd., toilichte leis an togalach ùr, agus e air a ràdh: "Mar chompanaidh neo-eisimeileach ag obair anns na meadhanan tha e gu bhith air leth math dhomhsa cothrom fhaighinn na goireasan agus oifisean an seo an cleachdadh, agus a bhith a' faighinn buannachd bho bhith ag obair gu dlùth le daoine eile agus na cothroman a bhios an lùib sin."

Chaidh an togalach a dhealbh le ZM Ailtearachd, Glaschu, agus b' e Iain Moireach 's a Mhic am prìomh chunnradair air an ath-leasachaidh. Tha gnìomhachas a' Chlò Hearaich a bha roimhe san togalach, air a riochdachadh anns na soighnichean agus san àirneis le sèithrichean air an còmhdach leis a' Chlò.

Tha an leasachadh cuideachd air goireasan coimhearsnachd nas fheàrr a chur air dòigh san sgìre. Tha Comunn Luchd-còmhnaidh Newton a bha roimhe aig Rathad Shìphoirt air goireas ùr snasail fhaighinn aig ceann an togalaich, far a bheil oifis, cidsin agus seòmar coinneimh, a leudaicheas na seirbheisean a gheibh iad air a thoirt seachad do luchd-còmhnaidh `s a cheàrnaidh agus do bhuidhnean eile.

Chaidh am pròiseact a mhaoineachadh tro Mhaoin Leasachaidh Roinneil na h-Eòrpa, Iomairt na Gàidhealtachd `s nan Eilean agus Comhairle nan Eilean Siar. `S ann aig Comhairle nan Eilean Siar a tha sealbh air an togalach.

Mu MG Alba

'S e MG Alba ainm obrachaidh Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig. Tha MG Alba ag obair ann an com-pàirteachas leis a' BhBC airson BBC Alba a lìbhrigeadh. Gheibhear barrachd fiosrachaidh aig: www.mgalba.com.


Leave a comment

 
Back to top