News and media

Archive

Ionad gnìomhachais ùr do choimhearsnachd Ghabhsainn

16 February 2011

Tòisichidh obair an t-seachdain seo air ionad gnìomhachais lùth-èifeachdach do Urras Oighreachd Ghabhsainn le taic bho Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean (HIE).

Anns an leasachadh £850,000, a tha air a leth mhaoineachadh le prògram So-mhaoin Coimhearsnachd a' Chrannchuir Mhòir agus le Comhairle nan Eilean Siar, bidh oifis airson tasglannan croitearachd an urrais, seòmraichean cruinneachaidh agus raon sònraichte airson margaidean nan croitearan ann, a bheir cothrom do luchd-toraidh na th' aca ri reic a thaisbeanadh.

Cuideachd, bheir an t-ionad seirbheis air a bheil luchd-turais agus a' choimhearsnachd a' cur feum mòr, agus bidh e uidheamaichte leis an roth-gaoithe, a' charbad dhealain agus leis a' bhun-dhealanach aige fhèin.

Togaidh Alex Murray Construction, an t-ionad ioma-ghnìomhach a tha ag amas air a bhith na fhìor chridhe gnìomhachais anns an sgìre chugallaich seo.

Tha an oighreachd de 56,000 acair a' gabhail a-steach 20 baile croitearachd, eadar Port Nis agus Barabhas Uachdrach, le àireamh-shluaigh mu thimcheall 3,000. San Fhaoilleach 2007, ghabh a' choimhearsnachd seilbh air aon de na h-oighreachdan as motha ann an Innse Gall. Chaidh aca air seo a dhèanamh le maoineachadh bho HIE agus bho Mhaoin Fearainn a' Chrannchuir Mhòir, a bharrachd air airgead a chaidh a thogail sa choimhearsnachd fhèin.

Tha ceanglaichean làidir aig an àite ri coimhearsnachd eadar-nàiseanta na Gàidhlig, agus tha e air ceann leasachaidhean air cultar agus ealain na cànain. Tha maor oighreachd air a bhith na dhreuchd a-nis bho chionn sia bliadhna agus tha sochairean ann mu thràth don choimhearsnachd mhòir mun chuairt, le rianachd sheasmhach na h-àrainneachd nàdarra air a chur an gnìomh.

Tha HIE air a bhith ag obair gu dlùth ris an oighreachd tron mhodh rianachd cunntais aige agus cuidichidh iad leis na h-àrd-amasan aca sna trì bliadhna seo ri thighinn, gus cothroman fàis a thoirt don eaconamaidh. Tha prìomhachas ga thoirt do chruthachadh obraichean, lùghdachadh astar bìdh ionadail le bhith a' brosnachadh chroitearan an cuid toraidh a reic san sgìre, agus do ìsleachadh làrach an truaillidh le bhith a' cleachdadh teicneòlasan lùtha ath-nuadhachail.

Le taic bho HIE, tha an t-Urras a' sanasachadh an-dràsta airson Oifigear Leasachaidh Ionadail a bhios ag obair còmhla ris an urras agus ris a' choimhearsnachd mhòir gus plana fàis a leasachadh agus a chur an gnìomh. Bheir am plana fainear cothroman gus leas sòisealta, eaconamach agus cultarach na sgìre a mheudachadh.

Bho chionn ghoirid, chaidh Lisa Nicilleathain a chur an dreuchd Manaidsear Leasachadh Malairt an urrais. Cuiridh an dreuchd, a tha a' faighinn taic bho HIE, air adhart grunn iomairtean, nam measg an togalach ùr, làrach campachaidh agus leasachadh air rothan-gaoithe.

Thuirt Sìne Nic an Tòisich, Ceannard Coimhearsnachdan HIE: "Tha an t-urras a-nis ceum eile nas fhaisge air adhart gus a rùintean a thaobh seasmhachd san àm ri teachd a thoirt gu buil, agus obair a' tòiseachadh air an t-seachdain seo air an togalach ùr. Thathar a' gabhail os làimh tuilleadh iomairtean adhartach, nam measg brosnachadh turasachd agus leasachadh air an àrainneachd airson a bhith a' toirt bhuannachdan ceart rìreamh don choimhearsnachd agus don oighreachd.

"Tha dùbhlain mu choinneamh na coimhearsnachd, ach tha coltas ann gu bheil piseach a' tighinn agus gu bheil àireamh an t-sluaigh a' fàs. Tha an t-urras ag amas air brosnachadh a thoirt don fhàs seo agus thig na dh'fhòghnas de theachd-a-steach às an ionad ghnìomhachais airson a bhith a' maoineachadh phròiseactan teachdail."

Thuirt Agnes Rennie, cathraiche Bòrd Stiùiridh an Urrais: "Tha sinn air leth toilichte gu bheil companaidh ionadail air obair a thòiseachadh air a' ghoireas ùr. Tha an togalach suidhichte ann am Baile Ghabhsainn agus bidh e an teis meadhain sgìre an urrais. Tha comas air leth aig a' choimhearsnachd agus tha sinn an dòchas gum bi an t-ionad gnìomhachais ùr agus taic bho ar luchd-obrach nam brosnachadh a bharrachd do leasachadh eaconamach san sgìre. Bho thoiseach tòiseachaidh, bha sinn airson a bhith ag obair còmhla ri com-pàirtichean gus an comas sin a thoirt gu buil agus bidh an t-ionad ùr na chlach-mhìle chudromach a thaobh sin."

Thuirt an Comhairliche Eairdsidh Caimbeul, Cathraiche Comataidh Leasachaidh Sheasmhaich Comhairle nan Eilean Siar: "Tha a' Chomhairle toilichte taic a chumail ris an ionad ghnìomhachais agus £50,000 a chur ris à Maoin Ath-bheothachaidh Coimhearsnachd. Bidh an t-ionad gnìomhachais na ghoireas tarbhach mar aon don choimhearsnachd agus do luchd-turais."

Thugadh comas don ionad gnìomhachais le taic bho ghrunn bhuidhnean, nam measg BIG Lottery Fund, HIE, Leader, Community Energy Scotland, Climate Challenge Fund, agus Comhairle nan Eilean Siar.
 


 


Leave a comment

 
Back to top