News and media

Archive

Inbhe na Gàidhlig ga thogail tro cheangalan ri ‘Brave’

02 July 2012

Tha a' Ghàidhlig ga cuir mu choinneamh sluagh mòr dha rìreabh ri linn 's gum bheil an t-seinneadair ainmeil Julie Fowlis an luib clàr-fuaim an fhiolam ùr, 'Brave' a tha stèidhichte ann an Gàidhealtachd na h-Alba.

Tha dà òran le Julie air clàr-fuaim an fhiolam - tha iad sin sa Bheurla, ach thathas a sanasachd am fiolam air feadh na Stàitean Aonaichte agus an còrr dhan t-saoghal le bhith a' cleachdadh òran eile a tha 'sa Ghàidhlig - "Tha mo ghaol air àird a' chuain."

"Se cothrom sònraichte a tha seo dhan Ghàidhlig" thuirt Julie. "Chaidh an 'trailer' telebhisein airson am fiolam a chraobh-sgaoileadh an luib na Oscars gu faisg air dà fhichead muillean neach."

Tha Julie ainmeil mu thràth airson an taic a tha i a' cumail ris a' chànan, is bithidh i ga cleachdadh san dachaigh leis an duine aice agus an dithis chloinn-nighean òg.

Tha Julie air a dhol ann am compàirteachas cruthachail còmhla ri fileantach Gàidhlig eile, Sandra Mhoireach, a tha stèidhte an Inbhir Nis agus a bhios a' dealbh, a' cruthachadh agus a' reic aodach airson boireannaich agus tha iad an dòchas gun cum an compàirteachas a tha seo an clàr-fhuaim agus a' Ghàidhlig gu mòr air aire an luchd-amhairc ùr a tha seo. Tha Sandra air aodach air leth tarraingeach a chruthachadh, air a bhrosnachadh le bòidhchead a' Ghàidhealtachd 's nan Eilean, airson Julie a chuir oirre chun chiad seallaidh den fhiolam an Los Angeles an t-seachdain a chaidh agus an Dùn Èideann (30 Ògmhios) agus Inbhir Nis (1 Iuchair).

Thuirt Julie, "Mar an iomadh seinneadair Gàidhlig a bhios a' siubhal thall thairis ag obair agus a' seinn, tha mi mothachail air an uallach a th' orm mar thosgaire dhan Ghàidhlig an dùthchannan cèin. Bha sinn an sàs ann am Brave gu ìre mhòr agus bha sinn glan air ar dòigh gun deach iarraidh oirnn obrachadh air pròiseact cho mòr - pròiseact a lean 6 bliadhna - a bh' air a bhrosnachadh agus air a stèidheachadh air cultar na h-Alba, agus gu sònraichte na Gàidhealtachd. Bha mi airson gum biodh m' èideadh aig na ciad seallaidhean a rèir na bhrosnaich a' phròiseact! Tha na tha Sandra air a chruthachadh gu sònraichte breagha agus chan eil teagamh nach bidh iad sònraichte air a' bhrat-ùrlair dhearg. Aig ìre cruthachail, bha e follaiseach gu robh na h-aon seòrsa smuaintean againn, agus chuidich sin cùisean gu mòr."

Bhruidhinn Sandra gu briathrach ann an agallamh o chionn ghoirid air BBC Alba mu a dualchas Ghàidhlig agus am brosnachadh cruthachail a bhiodh i a' togail bhuaithe. Thuirt I, mun chompàirteachas, "Tha e air còrdadh rium gu mòr ag obair còmhla ri Julie air a' chruinneachadh aodaich sa. Tha mi toilichte gu bheil e gu mòr na ìomhaigh de shealladh-duthcha na Gàidhealtachd - ìomhaigh na Gàidhlig 's dòcha. Tha min dòchas gun cuidich e dearbhadh a' bheartas de dh' innleachd is tàlant a th' againn an seo an Alba, agus an teas mheadhan coimhearsnachd na Gàidhlig."

Bidh an cruinneachadh aodaich air a chlàradh le dealbhan air an togail leis an dealbhadair fasan cliùiteach John Swannell, aig taobh Loch Nis san Iuchair gus tuilleadh aithne a toirt dhan obair aca. A thuilleadh air an sin, tha Sandra agus Julie an dùil clasaichean aig àrd ìre a chuir air dòigh sna mìosan air thoiseach oirnn do dhaoine aig am bheil uidh ann a bhith a' dealbhachadh fasan, agus 's docha, gus cluinntinn bho Julie mun àm a chuir I seachad ag obair air an fhiolam.

Tha a' phròiseact sa air taic fhaighinn o Chomunn na Gàidhlig (CnaG) mar phàirt de chùmhnant leasachaidh a tha iad a' libhrigeadh às leth Iomairt na Gàidhealtachd's nan Eilean. Thuirt Dòmhnall MacNèill, Ceannard ChnaG, "Thuig sinn sa bhad cho cudromach sa dh' fhaodadh an compàirteachas sa eadar Julie is Sandra a bhith do inbhe na Gàidhlig, agus bha sinn ro thoilichte na b' urrainn dhuinn a dhèanamh gus taic a thoirt dha. A thuilleadh air dad sam bith eile, tha e follaiseach gu bheil fiolaman, mar Brave, air leth tarraingeach do òigridh, agus tha mi cinnteach gum bith gu leòr òigridh aig am bheil Gàidhlig pròiseil ceangal fhaicinn eadar a' chànan agus an fhiolam. Tha Sandra agus Julie an dùil beachdachadh fear de na clasaichean aca a chuir air dòigh do dhaoine òg aig am bheil Gàidhlig agus aig am bheil uidh sna gnìomhachasan cruthachail sa."
 

 


Leave a comment

 
Back to top