News and media

Archive

HIE air Manaidsear Sgìre ùr fhastadh airson na h-Eileanan an Iar

02 July 2013

Chaidh bana-Leòdhasach air fhastadh mar manaidsear sgìre anns na h-Eileanan an Iar le Iomairt na Gàidhealtachd ‘s nan Eilean.

Tha Raonaid NicCoinnich, cunntasair cairte a’ ruith gnìomhachas aice fhèin ag obair còmhla leis an companaidh Mann Judd Gordan ann an Steòrnabhagh agus tha i cuideachd na stiùiriche ionmhais aig AMK Plant and Tipper Hire Ltd., stèidhte ann a Calanais.

Tòiseachaidh a’ Bh-ph NicCoinnich aig HIE anns an t-Sultain. B’ e seo an obair a bha aig Eardsaidh MacDhòmhnaill, a thug air obair ùr eile taobh a-staigh HIE a’ co-òrdanachadh, pròiseactan bann-leathann coimhearsnachd air feadh a’ Ghàidhealtachd ‘s nan Eilean.

Tha a’ Bh-ph NicCoinnich a’ fuireach ann an Calanais, far an deach i a thogail agus tha clann aice. Tha Gàidhlig aice agus tha croit aice cuideachd.

Fhuair i foghlam aig Bun-sgoil Brèascleit agus aig Sgoil MhicNeacail ann an Steòrnabhagh. Dh’ fhàg i an eilean airson teisteanas BAcc fhaighinn aig Oilthigh Ghlaschu ann an 1993.

As dèidh dhìth ceumnachadh ann an 1997, thoiseach i ag obair aig Grant Thornton ann an Glaschu airson trì bliadhna, fhad ‘s a bha i ag ionnsachadh airson an teisteanas cunntasachd aice.

Ann an 2001, chaidh i am fastadh le PricewaterhouseCoopers, ag obair mar manaidsear sgrùdaidh ann an Glaschu agus bhon sin fhuair i an cothrom obair airson trì mìosan ann am Melbourne, Astràilia.

Thill i air ais gu Leòdhas ann an 2003, far an robh i a’ riaghladh in-sgrùdaidh airson Comhairle Nan Eilean Siar mus tug i air an obair Neach-riaghlaidh Ionmhais airson an companaidh bathar-bog Mysterian.

Ghluais i an uairsin chun na h-obraichean as a bheil i an dràsta ann an 2006 agus bho 2010, tha i air a bhith ag obair mar neach mion-sgrùdaidh eaconamach leis an companaidh lùths ath-nuadhachail Greenspace Research, a tha stèidhte aig Colaiste a’ Chaisteil, Steòrnabhagh.

Thuirt Àrd-oifigear HIE Alex Paterson gu bheil a’ bhuidheann air leth toilichte gus a’ Bh-ph NicCoinnich  fhastadh dhan dreuchd Manaidsear Sgìre Innse Gall.

“Tha sgilean agus eòlas air leth aig Raonaid, an dà chuid proifeiseanta agus pearsanta, a tha i a’ toirt a-steach dhan dreuchd seo,” arsa Mgr Paterson.

“Tha an sgioba an Innse Gall aig HIE ag obair gu dlùth le gnìomhachasan, iomairtean sòisealta agus coimhearsnachdan àrd-amasach a tha a’ toirt taic do fhàs na h-Eileanan, agus tha pàirt cudromach aice gus adhartas a’ libhrigeadh.”

“Tha a’ neartachadh coimhearsnachdan agus a’ fàs gnìomhachasan aig cridhe na tha sinn ag amas a thoirt gu buil air a’ Ghàidhealtachd ‘s nan Eilean, agus bi Raonaid a’ stiùireadh sgioba làidir gus na builean seo a thoirt gu buil.”

Thuirt Raonaid NicCoinnich gun robh i a’ coimhead air adhart le a bhith ag obair gu dlùth leis na gnìomhachasan agus coimhearsnachdan ionadail tro na h-Eileanan air fad anns an dreuchd ùr aice aig HIE.

“Tha mi air leth toilichte an cothrom fhaighinn diofar a dhèanamh na mo mhanaidsear sgìre airson na Innse Gall aig HIE agus tha mi a’ coimhead gu mòr ri tòiseachadh an obair ùr anns an t-Sultain.

“ ’S e àm dùbhlanach a tha seo airson na h-Eileanan, mar a tha e airson an dùthaich air fad ach tha gu leòr ann a tha gar bhrosnachadh cuideachd. Tha lùths ath-nuadhachail a’ toirt dhuinn cothroman mòra, agus le HIE a’ sgaoileadh bann-leathann fibre le BT thairis air na bliadhnachan a tha romhainn, gheibh an eaconamaidh buannachdan às a sin.”

“Fear de na chiad rudan a nì mi ‘s e barrachd eòlas fhaighinn de an luchd-cleachdaidh againn. Tha pàirt  cudromach aig HIE airson taic a chumail ri gnìomhachasan agus coimhearsnachdan agus gan cuideachadh gus obrachadh còmhla, a bhiodh na bhuannachd airson na h-Eileanan air fad.”


Leave a comment

 
Back to top