News and media

Archive

HIE a’ cur taic ri leasachadh Clò Mòr Innse Gall

11 December 2015

Tha a’ chompanaidh chliùiteach Clò Mòr Innse Gall (Harris Tweed Hebrides), companaidh Chlò Hearach, a’ tòiseachadh air obair mhòr leasachaidh ann an Siabost air taobh siar Eilean Leòdhais le taic £300,000 bho Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean mu choinneamh chosgaisean an leasachaidh gu lèir luach £1.8m.

Tha am maoineachadh bho HIE a’ cumail taic ri leasachadh agus ùrachadh na muilne gus coinneachadh ris an àrdachadh san iarrtas airson a’ chlòtha shònraichte seo; iarrtas a tha air a dhol am meud thar an dà bhliadhna a chaidh seachad. Thathar an dùil gun tèid suas ri deich cosnaidhean ùra a chruthachadh aig a’ mhuilinn.

Thuirt Raonaid NicCoinnich, Manaidsear Sgìre nan Eilean Siar aig HIE, “Tha Clò Mòr Innse Gall air grunn chosnaidhean a chruthachadh dha daoine òga airson a dhol an sàs ann an gnìomhachas a tha le fàs is soirbheachas san amharc san àm ri teachd. Tha sinn air ar dòigh taic a chur ri iomairt ùr na companaidh, iomairt a tha a’ dol a chruthachadh mòran chosnaidhean ùra air sgath leudachadh air a’ mhuilinn agus reic a-null thairis far a bheil fàs a’ tighinn air an iarrtas airson Chò na Hearadh.

“Tha coimhearsnachdan air feadh Leòdhais agus na Hearadh a’ faighinn buannachd às gnìomhachas Clò na Hearadh a thaobh turasachd, nan gnìomhachasan cruthachail agus biadh is deoch; a’ sgaoileadh nan cothroman airson fàs a tha ag èirigh às a’ ghnìomhachas bheothail seo.”

Tha am pròiseact seo na phàirt den fharsaingeachd taice a tha HIE a’ cur ri gnìomhachas a’ Chlòtha Mhòir air feadh nan Eilean, le maoineachadh cuideachd ga toirt do dh’Ùghdarras a’ Chlòtha Mhòir (HTA) airson bheairtean ùra dha prògram treànaidh a chum nan seann sgilean figheadaireachd a ghlèidheil.

Thuirt ceannard Clò Mòr Innse Gall Iain Aonghas MacCoinnich, “Thar nan ochd bliadhna a chaidh seachad, tha sinn air companaidh phrothaideach, shoirbheachail a chruthachadh; is sinn a’ cosg airgead a chum a bhith seasmhachd thar an fhad-ùine. Cuiridh an taic seo bho HIE ris na bhios againn ri chosg air a’ chompanaidh agus bidh i na bun-stèidh a chum gnìomhachas seasmhachd a bhith ann a tha a’ tabhainn deagh chothroman obrach dha muinntir nan Eilean agus a’ reic stuth aig a bheil cliù mòr air feadh an t-saoghail.”

Bhon a chaidh a steidheachadh ann an 2007, tha Clò Mòr Innse Gall air obair mhòr chudromach a dhèanamh leis a’ chompanaidh air an clò ainmeil seo a thoirt gu aire a’ mhòr-shluaigh aig ìre eadar-nàiseanta a thaobh fasan agus dealbhadh aodach.

Tha an-dràsta 82 daoine ag obair aig Clò Mòr Innse Gall le obair cuideachd ga cumail do 130 breabadairean ag obair air an ceann fèin, daoine le sgilean a tha fìor chudromach do ghnìomhachas a’ Chlòtha Mhòir. Tha a’ chompanaidh a’ reic a-null thairis do dhùthchannan agus chustamairean leithid Chanel, Yves Saint Lauren, Paul Smith agus Vivienne Westwood.

Tha luchd-obrach Clò Mòr Innse Gall an-dràsta ag obair gu dìcheallach gus dèiligeadh ris na h-òrduighean air thighinn a-steach às dèidh Première Vision – an taisbeanadh malairt fasain agus aodaich as motha san t-saoghal a chumadh bho chionn goirid ann am Paris. Fhuaireas, aig an tachartas seo, cothrom a choinneachadh ri custamairean bho air feadh an t-saoghail, gu h-àraidh bho Iapan, bhon Ghearmailt agus bho air feadh Bhreatainn. Choinnich iad ri custamairean ùra à Coirèa, às an Fhraing agus às na Stàitean Aonaichte.

Chaidh Clò Mòr Innse Gall ainmeachadh mar Companaidh Obair-chlòtha na Bliadhna aig Duaisean Fàsain na h-Alba 2009 agus a-rithist ann an 2011. Tha an luchd-obrach sgileil a tha ag obair aig gach ìre sa chompanaidh mar thoradh air ginealaichean mòra de liut is eòlas. Chaidh a’ chompanaidh ainmeachadh ann an 2013 mar UKFT Companaidh Obair-chlòtha na Bliadhna agus UK Manufacturer na Bliadhna. Chaidh cuideachd ainmeachadh mar Tosgaire Albannach na Bliadhna 2013 bho chionn goirid aig Duaisean Fasain na h-Alba.


Leave a comment

 
Back to top