News and media

Archive

HIE a’ cur taic ri foillsichear Gàidhlig airson margaidean cruinneil

23 March 2016

Tha prìomh fhoillsichear Gàidhlig stèidhichte ann an Innse Gall dol a fhaighinn buannachd bho maoineachadh luach £13,390 bho Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean (HIE) airson cuideachadh le bhith a’ cuimseachadh air margaidean eadar-nàiseanta gus an obair a leudachadh.

Chaidh Acair Earr. a stèidheachadh an toiseach airson goireasan ullachadh dha pròiseact ùr dà-chànanach foghlaim agus gus an latha an-diugh bidh iad a’ foillseachadh is a’ reic leabhraichean, gu sònraichte dha clann, le uimhir de mheas air mòran dhiubh is gu feumar ath-chlò-bhualadh a dhèanamh.

Stèidhichte aig An Tosgan, an t-ionad Gàidhlig ann an Steòrnabhagh, tha Acair a-nis a’ coimhead ri barrachd luchd-ceannachd a thàladh is ri margaidean ùra a leasachadh air feadh an t-saoghail.
Tha triùir ag obair làn-ùine aig a’ chompanaidh agus bidh iad tric a’ fastadh luchd-malairt shònraichte leithid luchd-dealbhachaidh, luchd-deasachaidh agus eadar-theangairean; gheibh iad uile buannachd bhon leudachadh obrach seo.

Tha Acair cuideachd a’ toirt cosnadh dha ceumnaiche òg eileanach tro sgeama greis-gnìomhachais ScotGrad a tha HIE a’ maoineachadh. Tha an neach seo an sàs ann an leasachadh na ro-innleachd aca agus ann an cruthachadh cheanglaichean thairis air àireamh cho-luathadairean
Tha am pròiseact seo ag amas air prògram fad-bliadhna de thachartasan a leasachadh dhan roinn ionadail a thuilleadh air a bhith a’ tàladh luchd-ceannachd ùra nàiseanta is eadar-nàiseanta. Bidh luchd-obrach Acair a’ frithealadh Fèilltean Leabhraichean Lunnainn is Bologna mar phàirt de thachartasan dealbhaichte san dà bhliadhna ri thighinn. A thuilleadh air sin bidh a’ chompanaidh a’ leudachadh màileid nan eLeabhraichean aca, a’ gabhail os làimh trèanadh le Publishing Scotland agus a’ meudachadh na h-obrach mhargaidheachd aca.

A’ togail air an rannsachadh Ar Stòras Gàidhlig a stiùir HIE is a chomharraich cothroman cudromach a thaobh na Gàidhlig, tha HIE cinnteach gum bi am pròiseact seo luachmhor ann an caochladh dhòighean.

Thuirt Raonaid NicChoinnich, manaidsear roinne HIE: “Tha sinn air a bhith ag obair còmhla ris an sgioba bheag neartmhor seo airson grunn bhliadhnaichean agus tha sinn air leth toilichte a bhith gan cuideachadh san iomairt ùir seo. Tha pàirt chudromach air a bhith aig Acair a-riamh ann an leasachadh is dìon cànan is cultar na Gàidhlig. Tha sinn toilichte a bhith a’ cuideachadh Acair gus an ruigsinneachd eadar-nàiseanta a leudachadh agus margaidean ùra cruinneil a leasachadh”.

Tha Acair cuideachd air a bhith a’ leasachadh pàirteachasan ùra le buidhnean co-fhreagarrach solarachaidh, iomairtean sòisealta is coimhearsnachd co-cheangailte ri goireasan ùr-ghnàthach. Tha iad sin a’ gabhail a-steach an t-sreath leabhraichean le sgrìobhadairean ùra a chaidh a leasachadh còmhla ri Stòrlann Nàiseanta na h−Alba agus an leabhar Dol Fodha na Grèine/Going Down of the Sun, a choisinn duais , co-fhoillseachadh le Comunn Eachdraidh Nis airson foillseachadh mun Chogadh Mhòr.

Tha sgioba Acair air a stiùireadh leis a’ mhanaidsear, Agnes Rennie.Thuirt ise: “Mar a tha sinn a’ tighinn a dh’ionnsaigh ar 40mh cuimhneachan bliadhnail tha sinn gu math togarrach is sinn an dùil barrachd leabhraichean bho Acair fhaighinn dhan mhargaid eadar-nàiseanta. Tha sinn air buannachd mhòr fhaighinn bho bhith nar gnothachas cunntais le HIE is le deagh thaic bho ar manaidsearan cunntais agus cuideachadh speisealaichte far a bheil feum air.”


Leave a comment

 
Back to top