News and media

Archive

Graduate Placement Scheme 2013-14 launched

24 April 2013

Comunn na Gàidhlig (CnaG) has launched the 2013/14 Graduate Placement Scheme with funding available to assist four year-long placements.  CnaG now wishes to hear from any Gaelic-speaking graduates who wish to apply for this year’s scheme.  CnaG also wants to hear from organisations companies, where Gaelic is the language of the workplace, which may have an interest in providing a year-long placement for a graduate.

The Scheme, which is funded by Bòrd na Gàidhlig, allows talented young Gaels take a first step into the workplace, providing them with a year-long placement, enabling them to access a wide range of Gaelic-related career opportunities and to work in a Gaelic environment.  The Scheme provides the graduates with a minimum salary of £17k and they also have the opportunity to attend a 5-day residential personal development course which will be greatly beneficial to them and which will also enhance their CV.  The scheme also greatly benefits the employers in that they get talented young people full of confidence and enthusiasm, with specific skills enabling their companies and organizations to expand their range of work and services. 

Donald MacNèill, Ceannard of CnaG, said, “This scheme is important in that it creates employment opportunities for Gaelic-speaking graduates across a wide range of businesses and industries.  It is vital there are work opportunities for Gaelic-speakers across all businesses and industries and also across Scotland.  This not only provides these businesses with confident young people with a high level of specific skills it also reinforces and strengthens the Gaelic ethos within the business.  We are grateful to Bòrd na Gàidhlig for enabling us to run the scheme.”

Bòrd na Gàidhlig Cathraiche (Chair), Iain Campbell said: “We are delighted that Bòrd na Gàidhlig are once again able to fund this scheme. Increasingly employers are looking for people with practical experience as well as academic achievements. Graduate schemes offer the perfect opportunity to gain experience whilst making a great contribution to the success of that business – bringing with them new perspectives as they learn the skills to become future business leaders.”

Graduates interested in participating in the Scheme can get an Application Form at www.cnag.org Companies and organisations interested in participating should contact Calum Iain Macleod at the CnaG Stornoway office, (Tel) 01851 701802 or calumiain@cnag.org

Further information

  • Graduates are paid a minimum of £17,000 for the year, with CnaG reimbursing the participating organisations £6,800. They also have the opportunity to attend a week long residential personal development course whilst on placement.
  • Comunn na Gàidhlig was established in 1984 to co-ordinate the development of Gaelic, and is a charity and Company Limited by Guarantee. Today it focuses on the delivery of two service contracts for aspects of Gaelic development, for Highlands and Islands Enterprise and Bòrd na Gàidhlig.
  • This is carried out through working with communities, companies and at a political level. CnaG has offices in Inverness, Stornoway and Glasgow and additional staff based in Uist, Skye, Islay, Edinburgh and Lochaber.

Sgeama Luchd Ceumnachaidh 2013-14 air a chuir air bhog

Tha Comunn na Gàidhlig (CnaG) air Sgeama Luchd Ceumnachaidh 2013/14 a chuir air bhog agus iad a’ tabhann taic airson ceathrar luchd ceumnachaidh fon sgeama.  Tha CnaG airson cluinntinn bho luchd ceumnachaidh aig am bheil Gàidhlig agus a tha airson cuir a-staigh airson compàirteachadh air an sgeama..  Tha CnaG cuideachd airson cluinntinn bho bhuidhnean agus companaidhean a tha ag obair tro Ghàidhlig aig am bitheadh neach ceumnachaidh fhastadh airson bliadhna.

Tha an Sgeama Luchd Ceumnachaidh, a th’air a mhaoineachadh le Bòrd na Gàidhlig, a’ toirt a’ chothrom do Ghàidheil òga a’ chiad cheum a ghabhail ann an saoghal na h-obrach le bhith a’ toirt obair fad bliadhna dhaibh, a’ toirt cothrom dhaibh a bhith an sàs ann an raon fharsaing de dhreuchdan Gàidhlig agus a bhith ag obair ann an àrainneachd Ghàidhlig.  Tha an sgeama a’ tabhann tuarastal de co-dhiù £17k sa bhliadhna don luchd ceumnachaidh agus bidh iad cuideachd a’ faighinn cothrom cùrsa fèin leasachaidh a fhrithealadh a bhios feumail dhaibh agus cuideachd a chuireas rin cunntas-beatha.  Tha an sgeama feumail do na buidhnean is companaidhean a bhitheas a’ fastadh an luchd ceumnachaidh leis gu bheil iad a’ faighinn daoine òg, làn misneachd is spionnadh, le sgilean sònraichte a’ toirt cothrom dhan buidhnean a bhith a’ leudachadh an cuid obrach agus na seirbheisean a tha iad a’ tabhann. 

Thuirt Dòmhnall MacNèill, Ceannard ChnaG, “Tha an sgeama a tha seo feumail ann a bhith a’ cruthachadh obraichean tarsainn raon farsaing de ghnìomhachasan do luchd ceumnachaidh aig am bheil Gàidhlig.  Tha e cudromach gu bheil cothroman obrach ann do luchd na Gàidhlig tarsainn gach gnìomhachas agus anns gach ceàrnaidh de dh’ Alba.  A thuilleadh air a bhith a’ toirt daoine òg le sgilean sònraichte, làn misneachd is spionnadh chun na gnìomhachasan sin, tha e cuideachd a’ neartachadh na Gàidhlig taobh a-staigh na gnìomhachasan sin.  Tha sinn taingeil do Bhòrd na Gàidhlig airson an taic a tha legeil leinn an sgeama a ruith.”

Thuirt Cathraiche Bòrd na Gàidhlig, Iain Caimbeul: “Tha sinne aig Bòrd na Gàidhlig air leth toilichte taic a chumail ris an sgeama seo a-rithist. Tha luchd-fastaidh a’ coimhead barrachd is barrachd airson daoine fhastadh aig a bheil sgilean pragtaigeach a thuilleadh air teisteanasan foghlaim. Tha sgeamaichean luchd-ceumnachaidh a’ toirt deagh chothrom eòlas obrach a thional le bhith cuideachadh buidhnean aig an aon àm –  ‘s e dòigh a th’ ann cuideachd an ath ghinealach a thrèanadh airson an àite obrach.”

Gheibh luchd ceumnachaidh aig am bheil ùidh san sgeama Foirm Iarrtais aig www.cnag.org Bu choir do bhuidhnean agus companaidhean aig am bheil uidh san Sgeama fios a chuir gu Calum Iain MacLeòid, Oifis ChnaG, Steòrnabhagh (Fòn) 01851 701802 no calumiain@cnag.org

  • Tha luchd ceumnachaidh a’ faighinn pàigheadh de co-dhiù £17,000 sa bhliadhna, le CnaG a’ toirt taic-airgid de £6,800 mu choinneamh seo don buidhnean fastaidh.  Tha iad cuideachd a’ faighinn cothrom cùrsa fèin leasachaidh a mhaireas seachdain a fhrithealadh fhad’s a tha iad air  a’ ghreis gnìomhachais.
  • Chaidh Comunn na Gàidhlig a stèidheachadh ann an 1984 gus leasachadh na Gàidhlig a cho-òrdanachadh, agus ‘s e companaidh earranta le inbhe charthannais a th’ innte. Anns an latha ‘n diugh tha a’ chompanaidh a’ lìbhrigeadh dà chùmhnant sònraichte le Iomairt na Gàidhealtachd agus Bòrd na Gàidhlig gus a’ Ghàidhlig a leasachadh air Ghàidhealtachd agus air feadh Alba.
  • Tha an uallach seo ga choileanadh tro obair aig ìre coimhearsnachd, cuide ri gnìomhachasan agus aig ìre poilitigeach. Tha oifisean aig CnaG ann an Inbhir Nis, Steòrnabhagh agus Glaschu agus luchd-obrach a bharrachd ann an Uibhist, An Eilean Sgitheanach, Ìle is Loch Abair.

 


Leave a comment

 
Back to top