News and media

Archive

GNÌOMHACHAS GU BHITH A’ BUANNACHD TRO ÙR-GNÀTHACHAS IS MARGAIDHEACHD SA GHÀIDHLIG

24 January 2014

Tha gnothachasan air feadh na Gàidhealtachd is nan Eilean dol a bhuannachd bho taic airgid ùr a tha ga lìbhrigeadh ann an compàirteachas eadar Iomairt na Gàidhealtachd’s nan Eilean agus Comunn na Gàidhlig (CnaG).

Tha trì sgeamaichean gan cuir air bhog an diugh (20mh Faoilleach) anns am bheil luach de £145,000 uile gu lèir dha companaidhean neo buidhnean a nì tagradh soirbheachail.

Tha na sgeamaichean ag amas air: “A’ cleachdadh na Gàidhlig airson margaidheachd is margaidhean ùra”; “Ùr-gnathachas gnothachais, le Gàidhlig mar so-mhaoin”; agus sgeama greis gnìomhachas sàmhraidh airson oileanaich.

Thuirt Niall Ros, Ceannard Fàs Coimhearsnachdan aig Iomairt na Gàidhealtachd: “Tha sinn toilichte dha rìreabh a bhith ag obair còmhla ri Comunn na Gàidhlig ann a bhith a’ lìbhrigeadh na sgeamaichean seo, agus tha fiughair oirnn faicinn na pròiseactan fa-leth a thig thugainn. Tha misneachd aig HIE, agus thèid seo dhearbhadh a dh’aithghearr nuair a thèid fianais an rannsachadh ùr fhoillseachadh, gum bheil Gàidhlig na so-mhaoin chudromach air am faodadh coimhearsnachdan air feadh Alba a thogail.

“Nuair a thig obraichean ùra às na pròiseactan seo, neo nuair a thèid gnothachasan is bhuidhnean an neartachadh, tha sin a’ cumail taic ri na coimhearsnachdan againn a bhith nas treasa is nas misneachail gum bheil iad a’ gabhail brath air so-mhaoin chànain anns am bheil luach eaconamach is sòisealta.”

Ged a tha CnaG is HIE air obrachadh còmhla air leithid a phròiseactan ron seo, tha barrachd ionmhas ri fhaighinn an turas-sa. Bhon sgeama “margaidheachd is margaidhean ùra” faodaidh gnothachasan tagradh airson suas ro 60% de cosgaisean pròiseact, gu £3,500 aig a char às àirde (fhad’s a tha pàirt digiteach na luib - leithid làrach-lìn neo eile), neo suas ri 60% is £2000 airson soidhnichean togalach neo carbad.

Airson pròiseactan ùr-gnàthachaidh, dh’fhaodar faighinn suas ri 90% de chosgais pròiseact, agus suas gu £15,000.

Thuirt Ceannard ChnaG, Dòmhnall MacNèill: “Tha fios againn gum bheil pròiseactan ann a nì feum air an taic sa bho Iomairt na Gàidhealtachd. Tha sinn gu math toilichte gum bheil an cothrom againn àrdachadh an taic as urrainn dhuinn thoirt seachad ann an cuid a shuidheachaidhean, agus gu sònraichte mun am fòcas làidir air pròiseactan digiteach a tha HIE a’ tòirt chun chùis.

“San latha th’ann, tha ùidh aig daoine bho air feadh an t-saoghal anns a’ Ghàidhlig - bho Albannaich a tha a’ fuireach thall-thairis thucasan a th’air a chànan ionnsachadh gun càs a chuir air an dùthaich a-riamh . Bheir margaidheachd digiteach cothrom do chompanaidhean san sgìre seo am bathair aca shìneadh a-mach dha na daoine seo.”

“Tha sinn cuideachd air ar dòigh a bhith an comas pròiseactan ùr-gnàthachaidh a chuideachadh. Leis an taic seo, dh’fhaodadh companaidh am pròiseact aca a thoirt bhon chiad smuain gu bhith ga chuir an gnìomh - neo ma tha cosgais a bharrachd na chois na tha e comasach dhan sgeama a ghiùlain, dh’fhaodar an taic seo an cuideachadh gus tuilleadh maoin fhaighinn bho àiteachan eile.”

Bhon Sgeama Greis Gnìomhachais, gheibh co-dhiù 25 oileanach an cothrom a dhol an sàs ann an obair-sàmhraidh le gnothachasan neo buidhnean far am bheil a’ Ghàidhlig na cànan làitheil san àite-obrach. Tha seo a’ toirt cothrom dha na h-oileanaich eòlas luachmhor a’ chuir air an saoghal-obrach, agus cuideachd piseach a thoirt air na comasan-cànain aca. Bho thaobh na companaidhean dheth, gheibh iadsan luchd-obrach a bharrachd fhad’s a tha iad nas trainge air an t-samhradh, agus cuideachd buannachd bho bheachdan is misneachd na daoine òga.”

Dòmhnall MacNèill a-rithist: “Tha sinn air an Sgeama Greis Gnìomhachas lìbhrigeadh cheana ann an compàirt le HIE, agus cuideachd le taic bho Chomhairle na Gàidhealtachd is Comhairle nan Eilean Siar. Tha fiughair oirnn an compàirteachas seo chumail a’ dol ann an 2014 mar dhòigh air daoine òga a thoirt air ais dha na coimhearsnachdan aca fhèin tron t-sàmhraidh, le bhith a’ tabhann cosnadh feumail dhaibh.

“’S fhiach dearbhadh cuideachd gum bheil e an comas dha companaidh neo buidheann tagradh a dhèanamh dha gach sgeama - ma tha am pròiseact aca làidir neo farsaing gu leòr. Bhitheadh sin gu sònraichte inntinneach - a bhith a’ faicinn pròiseact a bhitheadh na bhuannachd dhan chompanaidh, dhan choimhearsnachd agus do dh’ eaconamaidh na Gàidhlig aig an aon àm.”

Tha na sgeamaichean uile fosgailte do thagraidhean a-nis, agus feumaidh an taic-airgid a bhith air a chosg ro deireadh an Dùbhlachd 2014. Faodaidh gnothachasan, neo companaidhean-sòisealta, bruidhinn ri CnaG sa chiad dol a-mach, neo tadhal air làrach-lìn ChnaG aig www.cnag.org <http://www.cnag.org/> 
 


Leave a comment

 
Back to top