News and media

Archive

Gàidhlig ann an Gnìomhachas – thìde ann a’ cleachdadh

21 May 2014

Air cuir a mach le Comunn na Gàidhlig

Tha buidhnean air feadh na Gàidhealtachd is nan Eileanan a’ gabhail nan cothroman an lùib dà sgeama maoineachaidh a tha a’ cumail taic ri cleachdadh na Gàidhlig am measg ghnothachasan agus iomairtean sòisealta.

Tha na sgeamaichean, air am maoineachadh tro Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean (HIE) agus gan lìbhrigeadh le Comunn na Gàidhlig, stèidhte air ìomhaigh shònraichte na Gàidhlig a thaobh margaidheachd agus tha iad ag amais air iomairtean ùra is ùr-ghnàthaichte gnìomhachais a tha a’ cur na Gàidhlig gu feum agus iad a’ cur ri fàs ann an eaconamaidh na Gàidhealtachd is nan Eilean.

Tha an Sgeama Ùr-ghnàthachaidh air taic mar-thà a chur ri buidhnean leithid an iomairt sòisealta Hebrides Alpha agus iad a’ cruthachadh gleocan Gàidhlig a-mach à seann phaileatan fiodha agus Clò Mòr, agus an làrach-lìn ùr, www.siarshop.co.uk, fèill-ròpa air-loidhne airson nan Eileanan Siar a-mhàin.

Thuirt Raibeart Mac na Ceàrdaich aig Hebrides Alpha, “Tha am maoineachadh seo air cothrom a thoirt dhuinn air a’ Ghàidhlig a ghabhail a-steach mar phàirt de dhòigh smaoineachaidh na companaidh; a’ toirt fìor bhlasad nan Eilean Siar do ar companaidh agus do na tha sinn a’ reic – rud a tha a’ tarraingeach do mhuinntir an àite agus do dhaoine bhon taobh a-muigh.”

Thuirt cuideachd Dòmhnall Iain Dòmhnallach aig Sealgar, a’ chompanaidh air cùl Siarshop, “Tha e na rud togarrach dha-rìribh an taic-airgid seo a chur gu feum a chum an làrach-lìn a thoirt gu bith, rud nach biodh idir air tachairt as eugmhais an airgid. Tha e mìorbhaileach gun robh an taic seo bho ChnaG is HIE ann gus an goireas dà-chànanach a chruthachadh; a’ chiad phròiseact a-riamh, cho fad’s as aithne dhomh, is gu bheileas air eBay agus a’ Ghàidhlig a thoirt còmhla.”

Tha an Sgeama Margaidheachd agus Margaidean Ùra a’ toirt cothrom do ghnothachasan agus do bhuidhnean eile barrachd Gàidhlig a chleachdadh ann a bhith a’ margaidheachd agus a’ sanasachd.

A’ bruidhinn air soirbheas nan sgeama, thuirt Dòmhnall MacNèill aig Comunn na Gàidhlig, “Tha e air a bhith mìorbhaileach a bhith a’ faighinn iarrtasan mu choinneamh a’ mhaoineachaidh seo bho air feadh na Gàidhealtachd is nan Eilean - bho Mhoireabh gu Earra-Ghàidheal, Beinn na Fadhla gu Inbhir Nis – uile ag aithneachadh luach na Gàidhlig le bhith margaidheachd nam buidhnean, na tha iad a’ reic agus iad a’ margaidheachd Gàidhealtachd na h-Alba fhèin.”

Thuirt cuideachd Niall Ross, Ceannard na Sgioba Fàs Coimhearsnachd, aig Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean, “Tha sinn a’ coimhead air a’ Ghàidhlig mar stòras le buannachdan mòra na lùib, buannachdan eaconamach is sòisealta a tha a’ neartachadh choimhearsnachdan is na h-eaconamaidh air feadh na sgìre. Tha sinn an-dràsta a’ cur crìoch air pìos rannsachaidh air buaidh eaconamach na Gàidhlig mas tèid a sgaoileadh fad is farsaing. Cuidichidh toraidhean an rannsachaidh seo agus sinn a’ cur barrachd taic ris a’ Ghàidhlig thar nam bliadhnachan ri thighinn.”

Tha an dà sgeama seo, “Margaidheachd agus Margaidean Ùra” agus, “A’ Cleachdadh Gàidhlig ann am Pròiseactan Ùr-gnàthachaidh” fosgailte chun na Dàmhair 2014. Gheibhear suas ri £3,500 tron sgeama mhargaidheachd agus suas ri £15,000 tron Sgeama Ùr-gnàthachaidh. Airson barrachd fiosrachaidh mun dheidhinn feuch is cuir fios gu alasdair@cnag.org no theirig gu làrach-lìn Chomunn na Gàidhlig aig www.cnag.org.

 


Leave a comment

 
Back to top