News and media

Archive

Dreachd Phlana Gàidhlig HIE a’ dol a-mach gu co-chomhairle

28 January 2016

Tha co-chomhairle phoblach a mhaireas sia seachdainean air dreachd Phlana Gàidhlig Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean (HIE) air tòiseachadh.

Tha am Plana Gàidhlig ùr 2016-2021 a’ toirt inneas air amasan agus àrd-amasan HIE a thaobh na Gàidhlig thar nan ath chòig bliadhna, le fiosrachadh air mar a thèid na h-amasan a choileanadh tro iomairtean sònraichte. Tha e a’ togail air an adhartas a rinneadh tron a’ Phlana mu dheireadh a ruith thar 2012-15.

Tha cothrom a-nise aig a’ phoball an dreachd Phlana a leughadh agus air pàirt a ghabhail sa cho-chomhairle suas gu 4 Màrt. Thèid an dreachd fa dheireadh dhen Phlana a chur air adhart airson measadh le Bòrd na Gàidhlig ro 30 Giblean 2016.

Tha taic don Ghàidhlig aig cridhe dhleastanasan HIE nar obair leasachaidh eaconamach agus sòisealta air a’ Ghàidhealtachd is na h-Eileanan. Tha am Plana ùr a’ cur prìomhachas air an dòigh sa bheil Gàidhlig ga cur gu feum mar stòras eaconamach agus sòisealta ann am farsaingeachd mhòr de shuidheachaidhean, mar a thàinig am follais san rannsachaidh a rinneadh le HIE, Ar Stòras Gàidhlig. Rinn an aithisg a thàinig às an rannsachadh dearbhadh gun robh buaidh luach £5.6m an lùib na Gàidhlig don eaconamaidh.

Tha am Plana cuideachd a’ cur solas air na cothroman mòra ag èirigh às a’ chànan is i a’ cur ri leasachadh eaconamach na sgìre.

Tha eachdraidh fhada aig HIE a thaobh a bhith a’ cumail taic ris a’ Ghàidhlig, taic a tha air cuideachadh a thaobh cruthachadh agus leantainneachd grunn bhuidhnean a tha a’ toirt fàs air a’ chànan – buidhnean bhon leithid Comunn na Gàidhlig agus An Comunn Gàidhealach, gu Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean, Sabhal Mòr Ostaig, Fèisean nan Gàidheal agus eile.

Tha HIE a-nise a’ cur prìomhachas air obrachadh ann an co-bhuinn ri gnothachasan, iomairtean sòisealta agus buidhnean coimhearsnachd far a bheil Gàidhlig a’ cur ri luach eaconamach agus/air neo sòisealta. Tha am Plana Gàidhlig cuideachd ag amas air piseach agus leasachadh a thoirt air an àite a th’ aig cultar agus dearbh-aithne nan Gàidheal a chum coimhearsnachdan beòthail, neartmhor a chruthachadh agus chum fàs seasmhachd san eaconamaidh.

A thaobh ghnothaichean corporra, tha HIE a’ cur luach mòr air a’ Ghàidhlig le luchd-obrach air am brosnachadh gu bhith ga bruidhinn. Le seirbheisean, fiosrachadh, goireasan agus cothroman rim faighinn tro mheadhan na Gàidhlig, tha HIE ag amas air Gàidheil a frithealadh nan cànan fèin.
A’ cur a-steach freagairt

Gheibhear chun na co-chomhairle aig hie.co.uk/gaelic-consultation Faodar freagairtean a chur a-steach gu neil.ross@hient.co.uk ro 4mh Màrt 2016.


Leave a comment

 
Back to top