News and media

Archive

Creative industries worth £33m to Outer Hebrides economy

10 July 2012

[See below for a Gaelic version of this release]

The arts and creative industries in the Outer Hebrides support around 500 jobs and add more than £33 million to the local economy, according to new research published today.

The economic impact study was commissioned by Highlands and Islands Enterprise (HIE), Creative Scotland, Skills Development Scotland and Comhairle nan Eilean Siar. It forms part of a wider study which aims to capture Scotland-wide understanding of the economic impact of the arts and creative industries.

The research identified direct employment in the arts and creative industries in the Outer Hebrides to be around 390. Of these, the vast majority are employed in TV and Radio, Fashion and Textiles (including Harris Tweed), the heritage sector, publishing and architecture.

The study further identifies high numbers of micro-businesses and sole traders working in the arts and creative industries, suggesting the total number of people employed in the sector may exceed 500. When indirect contributions (through the supply chain) and induced effects (spending by those working in the arts and creative industries) are considered, the total impact of the sector is over £33m gross value added (GVA) and £67m in turnover.

Many of those working in the arts and creative industries report the value of community and related cultural associations, and of professional networks. The Outer Hebrides' cultural resources include a range of museums, historical societies, archives and archaeology, as well as opportunities for training and development in creative and cultural subjects. A number of events and facilities contribute to the distinctiveness of the islands, including the Hebridean Celtic Festival, the An Lanntair and Taigh Chearsabhagh arts centres, and Stornoway's new Creative Industries and Media Centre.

The study confirms the importance of local identity and Gaelic culture to creative activity in the Outer Hebrides and highlights the contribution of the arts and creative industries to inward migration and tourism. The report found that the arts and creative industries play a significant role in attracting visitors, whose £6 million expenditure contributes around £2.5m GVA, mainly in accommodation and catering.

More than half (53%) of the 100 businesses surveyed for the report said that their main geographic market was within the Outer Hebrides. Almost three quarters (74%) indicated that they have experienced fluctuations in overall income/turnover in recent years. While much of this related to the effect of wider economic circumstances and availability of funding, there had also been positive developments, driven by increased interest in Harris Tweed.

Mairi Buchanan, Senior Development Manager at HIE, said: "The economic impact study has confirmed the extent of the sector's diversity and its impact in the Outer Hebrides.

"The analysis shows the contribution made at every level and scale of enterprise, from the large scale activities associated with Harris Tweed, heritage and broadcasting to those who are self-employed and micro-businesses. Each has a substantial cultural and community importance, and together they make a vital and powerful contribution to the islands' economy.

"In this Year of Creative Scotland, it's good to be able to recognise this aspect of the Outer Hebrides' contribution to Scotland's culture and economy."

Joe Macphee, Head of Economic Development at Comhairle nan Eilean Siar, commented: "The Comhairle is committed to supporting the creative and cultural industries and values their contribution to the economy and the social fabric of the Outer Hebrides. We welcome the findings of this useful and comprehensive study which highlights the diversity of the sector and its impact across the Outer Hebrides".

Andrew Dixon, Chief Executive, Creative Scotland welcomed the report and said: "This report confirms the strength of talent in the Outer Hebrides, already recognised for world-famous brands such as Harris Tweed, or the hugely successful Hebridean Celtic Festival and now, for the first time, its impact on the islands' economic well-being can be set alongside the joy that a vibrant cultural life brings to those communities. It is further proof that all of Scotland thrives on creativity."

The study is available to download at: http://www.creativescotland.com/resources/research


Gnìomhachasan Cruthachail a' Cur £33m dhan Eaconamaidh an Innse Gall

Tha na gnìomhachasan cruthachail agus na h-ealain an Innse Gall a' cur taic ri ma 500 cosnaidhean agus a' cur barrachd air £33 millean dhan eaconamaidh ionadail, a-rèir rannsachadh ùr a chaidh fhoillseachadh an-diugh.

Bha an rannsachadh buaidh eaconamach ga chur air dòigh le Iomairt na Gàidhealtachd agus nan Eilean (IGE), Alba Chruthachail, Leasachadh Sgilean na h-Alba agus Comhairle nan Eilean Siar. Tha e na phàirt de rannsachadh nas fharsainge a tha ag amas air tuigse fhaighinn tarsainn na h-Alba air buaidh eaconamach nan gnìomhachasan cruthachail agus na h-ealain.

Sheall an rannsachadh gu bheil ma 390 gam fastadh gu dìreach anns na gnìomhachasan cruthachail agus na h-ealain an Innse Gall. Dhiubh seo, tha a' mhòr-chuid gam fastadh ann an TbH agus Rèidio, Fasan agus Obair Aodaich (a' toirt a-steach a' Chlò Hearaich), roinn an dualchais, foillseachadh agus ailtireachd.

Cho math ri seo tha an rannsachadh ag ainmeachadh àireamhan àrda de mhion-ghnìomhachasan agus luchd-malairt nan aonar ag obair anns na gnìomhachasan cruthachail agus na h-ealain, agus gu bheil is dòcha barrachd air 500 ag obair san roinn. Nuair a thathar a' toirt a-steach cosg neo-dhìreach (tron t-sèine solair) agus buaidhean ceangailte (cosg le feadhainn ag obair sna gnìomhachasan cruthachail agus na h-ealain), tha buaidh iomlan na roinne tarsainn air £33m làn luach leasaichte (LLL) agus £67m ann an luach-malairt.

Tha mòran a tha ag obair anns na gnìomhachasan cruthachail agus na h-ealain a' toirt iomradh air luach bhuidhnean coimhearsnachd agus bhuidhnean cultarach, agus air lìonraidhean proifeiseanta. A-measg ghoireasan cultarach Innse Gall tha diofar thaighean-thasgaidh, comainn eachdraidh, tasglannan agus arc-eòlas, cho math ri cothroman trèanaidh ann an cuspairean cruthachail agus cultarach. Tha diofar thachartasan agus ghoireasan a' cur ri beatha cultarach sònraichte nan eilean, nam measg Fèis Cheilteach Innse Gall, ionadan ealain An Lanntair agus Taigh Chearsabhagh, agus Ionad nam Meadhanan agus nan Gnìomhachasan Cruthachail ùr Steòrnabhaigh.

Tha an rannsachadh a' dearbhadh cho cudromach 's a tha fèin-aithne ionadail agus cultar Gàidhlig airson gnìomh cruthachail ann an Innse Gall, agus mar a tha na gnìomhachasan cruthachail agus na h-ealain a' cur ri imrich a-steach agus turasachd. Lorg an aithisg gu bheil na gnìomhachasan cruthachail agus na h-ealain cudromach ann a bhith a' tarraing luchd-tadhail, a tha a' cosg ma £6 millean uile gu lèir le ma £2.5m LLL, anns a' mhòr-chuid air àiteachan-fuirich agus solarachd.

Thubhairt barrachd air leth chuid (53%) den 100 gnìomhachasan a ghabh pàirt san aithisg gun robh am margaidh as motha aca ann an Innse Gall. Thubhairt ma thrì chairtealan (74%) gu bheil atharrachaidhean air a bhith man coinneamh ann an cosnadh/luach-malairt o chionn ghoirid. Fhads a tha mòran dhen a seo ceangailte ri buaidhean shuidheachaidhean eaconamach nas fharsainge agus cothroman maoineachaidh, tha leasachaidhean dòchasach air a bhith ann cuideachd, ga spionnadh le ùidh anns a' Chlò Hearach.

Thubhairt Mairi Bhochanan, Àrd Manaidsear Leasachaidh le HIE: "Tha an rannsachadh buaidh eaconamach air dearbhadh iomadachd na roinne agus a bhuaidh ann an Innse Gall.

"Tha an rannsachadh a' sealltainn a' bhuaidh a th' ann aig gach ìre agus gach meud de dh'iomairt, bho na gnìomhan mòra ceangailte ris a' Chlò Hearach, dualchas agus craobh-sgaoileadh, gun fheadhainn a tha fèin-fhastaichte agus na mion-ghnìomhachasan. Tha gach aon dhiubh cudromach a thaobh coimhearsnachd agus cultar, agus còmhla tha iad a' cur gu mòr ri eaconamaidh nan eilean.

"Anns a bhliadhna seo de dh'Alba Chruthachail, tha e math a bhith ag aithneachadh an dòigh seo anns a bheil Innse Gall ann a' cur ri cultar agus eaconamaidh na h-Alba."

Thubhairt Joe Mac a Phì, Ceannard Leasachadh Eaconamach aig Comhairle nan Eilean Siar: "Tha a' Chomhairle dealasach ann a bhith a' cur taic ri na gnìomhachasan cruthachail agus cultarach agus tha fhios againn mar a tha iad a' cur ri eaconamaidh agus comann-sòisealta Innse Gall. Tha sinn a' cur fàilte air an sgrùdadh fheumail, fharsaing seo a tha a' comharrachadh iomadachd na roinne agus a bhuaidh ann an Innse Gall."

Chur Anndra Dixon, Àrd Oifigear, Alba Chruthachail, fàilte air an aithisg agus thubhairt e: "Tha an aithisg seo a' dearbhadh neart tàlant Innse Gall, a tha mu thràth cliùiteach airson bathar a tha ainmeil tron t-saoghail leithid a' Chlò Hearach, no Fèis Cheilteach Innse Gall, agus a-nis, airson a' chiad uair, faodar a bhuaidh air mathas eaconamach nan eilean a chur taobh ri taobh le beatha cultarach beòthail choimhearsnachdan. Tha seo na dhearbhadh eile gu bheil Alba air fad a' soirbheachadh bho innleachd."

Gheibhear an sgrùdadh aig:

http://www.creativescotland.com/resources/research

 


Leave a comment

 
Back to top