News and media

Archive

Cothroman do ghnìomhachas is choimhearsnachd còmhradh le HIE an Uibhist is Barraigh

20 August 2012

Tha cuireadh ga thoirt do chompanaidhean is do bhuidhnean coimhearsnachd air feadh Uibhist is Bharraigh a thighinn gu tachartasan sònraichte far am faigh iad fiosrachadh air an dòigh sa bheil Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean (HIE) a' cumail taic ri fàs ann an eaconamaidh nan eilean.

Tha e na phàirt bunaiteach do dh'obair na buidhne iomairt gun cumar taic ri coimhearsnachdan is gnothachasan anns na ceàrnaidhean far a bheil as motha na dùbhlain.

Thèid na tachartasan còmhraidh seo a chumail air Diluain 27 Lùnastal an Ionad Foghlaim Bharraigh, agus Dimàirt 28 Lùnastal aig Ionad Chladach Chircebost, Uibhist a Tuath. Tòisichidh na dhà thachartas aig 7.30f.

Gheibh muinntir an àite fìor chothrom thairis air an dà latha seo bruidhinn air na tha anns an dàn dha eaconamaidh nan eilean. Gheibhear fiosrachadh mar an ceudna air obair HIE ann a bhi a' cumail taic ri leasachadh choimhearsnachdan sgairteil, seasmhach; agus air mar a gheibh companaidhean taic bho HIE a chum fàs nam meud is nam buaidh.

Thuirt Manaidsear Sgìreil HIE son nan Eilean Siar, Eardsaidh Dòmhnallach: "Tha sinn a' coimhead air adhart ri coinneachadh ghnothachasan, choimhearsnachdan agus bhuidhnean às gach phàirt dhe na h-Eileanan a Deas. Tha dòigh-obrach shònraichte HIE, agus i a' snìomh leasachadh eaconamach agus leasachadh coimhearsnachd am measg a chèile, gar fàgail comasach a bhi a' gabhail chothroman agus dèiligeadh ri duilgheadasan gu h-àraidh far a bheil iad seo a' togail cheann sna sgìrean dùbhlanach againn.

"Gheibh an fheadhainn an làthair aig na tachartasan sealladh farsaing thar obair-ghnìomha HIE a chum fàs seasmhach san eaconamaidh, agus fiosrachadh air mar a gheibhear taic bhuainn gus spiorad iomairteach, àrd-amasach a bhrosnachadh sna ceàrnaidhean aca fhèin."

Gheibhear cuideachd cothrom coinneachadh ris an àrd-mhanaidsear leasachaidh ùr, Joanna Peteranna - a tha stèidhichte aig oifis HIE an Lionacleit, Beinn a' Bhadhla - airson barrachd fhaighinn a-mach air mar as urrainn do HIE co-obrachadh a dhèanamh le muinntir nan eilean, agus air na tha ri fhaighinn de thaic dha coimhearsnachdan mu choinneamh chothroman sam bith às an tig buannachdan mòra sòisealta, eaconamach agus cultarail.

 


Leave a comment

 
Back to top