News and media

Archive

Cothroman cosnaidh gan tabhann do dh'oileanaich

18 February 2014

Tha co-dhiù 25 cothroman cosnaidh rim faotainn do Ghàidheil òga as t-samhradh, mar thoradh air compàirteachas leantainneach eadar Comunn na Gàidhlig (CnaG) agus Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean (HIE).

Tha na cosnaidhean a' tighinn tro sgeama Greis Gnìomhachais samhraidh, far am bheileas a' toirt cothrom do oileanaich le Gàidhlig greis gnìomhachais a dhèanamh còmhla ri gnìomhachasan a tha a' cleachdadh a' Ghàidhlig mu thràth, neo a tha deònach feuchainn air.

Tha an Sgeama son 2014 ga cuir air bhog an diugh (Dimàirt 18mh Gearran) agus tha i fosgailte do ghnìomhachasan, buidhnean san treas roinn agus oileanaich compàirteachadh innte.

Tha an sgeama air a bhith a' ruith gu soirbheachail airson 14 bliadhna, le na ceudan is ceudan de dh'oileanaich is buidhnean air buannachd a thoirt aiste. Tha a' mhòr chuid den mhaoin a’ tighinn bho HIE, ach tha taic chudromach cuideachd air a thighinn bho Chomhairle na Gàidhealtachd, Comhairle nan Eilean Siar agus Bòrd na Gàidhlig. Am bliadhna sa bheir an sgeama cothrom do oileanaich aig a bheil Gàidhlig, 10 seachdainean a chuir seachad ag obair còmhla ri gnìomhachasan is buidhnean a tha an sàs ann an leasachadh Gàidhlig agus leasachadh coimhearsnachd. 

Chan e a-mhàin gu bheil an sgeama a' toirt cosnadh do na h-oileanaich, tha i cuideachd a' toirt a' chothrom dhaibh eòlas a thogail air a bhith an luib àite-obrach, na sgilean Gàidhlig aca a leasachadh, eòlas fhaighinn air an seòrsa obair a tha na gnìomhachasan is buidhnean ris agus cuideachd a' toirt a' chothrom dhaibh na tha seo a dhèanamh nan coimhearsnachdan fhèin.  Tha na greisean gnìomhachas rim faighinn còmhla ri gnìomhachasan is buidhnean air feadh a' Ghàidhealtachd agus na h-eileanan.

Mar phàirt de sgeama na bliadhna sa, tha am pàigheadh a bhios na h-oileanaich a' faighinn air a dhol an àirde gu £225 gach seachdain agus, airson a' chiad uair, thathas a' tabhann diofar chùrsaichean fèin leasachaidh do na h-oileanaich.  Bidh na cùrsaichean fèin leasachaidh air am pàigheadh agus air an stiùireadh le HIE. 

A thuilleadh air na buannachdan a th'ann do na h-oileanaich, tha buannachd san sgeama do luchd fastaidh, leis gu bheil an cothrom aca oileanaich aig am bheil sgilean sònraichte fhastadh airson mìosan an t-samhraidh gu buannachd na buidhne.  Tha e cuideachd a' toirt a' chothrom dhaibh sùil a thoirt air oileanaich a bhios a' ceumnachadh ann an ùine nach bidh ro fhada, le sùil air dreuchdan a bhios iad airson a lìonadh sna bliadhnachan ri teachd.

Thuirt Agnes Rennie, Manaidsear Acair, a' chompanaidh foillseachadh leabhraichean Gàidhlig, a tha air a bhith a' compàirteachadh an sgeama greis gnìomhachais nan oileanach airson iomadh bliadhna, "Se cothrom mhìorbhailteach a tha seo airson leigeil do dhuine òg pàirt a ghabhail anns gach raon obraich tha co-cheangailte ri foillseachadh leabhraichean.  Ma tha sgilean sònraichte aig oileanach m.e. sgilean cànain no sgilean dealbhachaidh, bidh sinn cuideachd a toirt cothrom dhaibh pròiseact a thoirt air adhart anns an da-rìribh.  Tha an sgeama cuideachd a' toirt a' chothrom dhuinn, mar buidheann fastaidh, air sgilean nan oileanach. "

Thuirt Mairead NicLeòid, oileanach air an treas bliadhna an Colaisde a' Chaisteil, agus a bh' air greis gnìomhachais aig Acair an uirigh, "Chòrd an ùine a bha mi aig Acair an uirigh rium gu mòr agus fhuair mi deagh bhuannachd às.  Càidh iomadh dùbhlan a chuir mum choinneamh agus chaidh uallach a chuir orm.  Fhuair mi misneachd bho bhith a' coileanadh na h-obrach agus tro bhith ag obair mar phàirt de sgioba.  Le bhith a' gabhail pàirt san sgeama fhuair mi eòlas air saoghal obrach Gàidhlig agus thàinig leudachadh air mo sgilean cànain, gu sònraichte a thaoibh briathrachas co-cheangailte ri gnìomhachas. Thug an sgeama sealladh dhomh cuideachd air an raon farsaing de chothroman obrach a dh' fhaodadh a bhith ann dhomh - agus iad uile air mo stairseach!"

Thuirt Dòmhnall MacNèill, Ceannard ChnaG, "Se sgeama air leth chudromach a tha seo bho thaobh gach cuid a' Ghàidhlig agus ag ullachadh oileanaich airson cothroman obrach aon uair agus gun ceumnaich iad.  Sa chiad dol a-mach, tha an sgeama a' toirt cothrom do na h-oileanaich an cuid Gàidhlig a neartachadh an àrainneachd far am bheil iad mun cuairt a' Ghàidhlig fad an latha, ach cuideachd, tha na h-oileanaich a' faighinn eòlas air na seòrsa obraichean a tha ri fhaighinn do dhaoine òg aig am bheil deagh Ghàidhlig."

Thuirt Niall Ros, Ceannard Fàs Coimhearsnachd aig HIE, "Tha sinne aig HIE airson taic a chuir ri iomairtean san àite-obrach a ghleidheas sgilean san sgìre againn.  Tha an sgeama a tha seo na buannachd do gach cuid gnìomhachasan agus oileanaich, a' toirt dòighean-obrach ùra gu gnìomhachasan ùr-gnàthachail agus eòlas obrach agus cothroman cosnaidh do na h-oileanaich, da rud air am bheil cruaidh fheum."

Thuirt Hamish Friseal, Cathraiche Buidheann Buileachaidh na Gàidhlig aig Comhairle na Gàidhealtachd, "Tha sinn air leth toilichte a bhith a' toirt taic don Sgeama Greis Gnìomhachais oir bidh cothrom aig an fheadhainn a bhios na lùib an cuid Gàidhlig a chleachdadh agus a leasachadh ann an àrainneachd Ghàidhlig.  Bidh iad cuideachd a' faighinn eòlas ann a bhith ag obair mar phàirt de sgioba Gàidhlig ann an raointean poblach no prìobhaideach."  Thuirt e cuideachd, "'S e rud air leth feumail a bhios ann airson a chur ri CV agus dh'fhaodadh gun tig cothroman a bharrachd san àm ri teachd còmhla ri na buidhnean a thug aoidheachd dhan na h-oileanaich."

Bu chòir do dh' oileanaich a tha airson pàirt a ghabhail ann an sgeama na bliadhna-sa iarrtas a chuir gu Comunn na Gàidhlig, 5 Caolshràid Mhìcheil, Inbhir Nis, IV2 3HQ, ro 14 Màrt 2014.  Airson tuilleadh fiosrachaidh agus Foirmean Iarrtais, thigibh gu làrach-lìn ChnaG aig http://www.cnag.org.uk

Bu chòir do ghnìomhachasan is buidhnean, a tha a' stiùireadh an gnìomhachas tro mheadhan na Gàidhlig, a tha airson pàirt a ghabhail san sgeama, foirm iarrtais a chuir gu Comunn na Gàidhlig, 5 Caolshràid Mhìcheil, Inbhir Nis, IV2 3HQ, ro 14 Màrt 2014.  Airson tuilleadh fiosrachaidh agus Foirmean Iarrtais, thigibh gu làrach-lìn ChnaG aig www.cnag.org.uk

Tha Sgeama Greis Gnìomhachais nan Oileanach 2014 air a mhaoineachadh le Iomairt na Gàidhealtachd's nan Eilean, Comhairle na Gàidhealtachd agus Comhairle nan Eilean Siar agus air a stiùireadh le Comunn na Gàidhlig.

CRÌOCH

Airson an tuilleadh fiosrachaidh mun sanas naidheachd seo cuiribh fòn gu, Dòmhnall MacNèill; Ceannard, 01463 234138.

Nota do Luchd-Deasachaidh

Bidh na gnìomhachasan/buidhnean a' toirt pàigheadh do na h-oileanaich aig ìre £225 gach seachdain, le CnaG a' toirt taic-airgid de £112.50 air ais don gnìomhachasan/buidhnean.  Mas e agus gu bheil oileanach air a bhith aig an aon ghnìomhachas/buidheann roimhe, se taic-airgid de £56.25 a gheibh iad.

Tha an sgeama fosgailte do oileanaich aig am bheil Gàidhlig, fileanta no luchd-ionnsachaidh, a tha an sàs ann an cùrsa an oilthigh no colaiste agus a bhios a' dol air ais 's t-fhoghar.  Ann an sgìrean dùbhlanach, far am bheil e duilich do ghnìomhachasan is buidhnean oileanaich aig am bheil Gàidhlig fhastadh, gabhaidh sinn iarrtasan bho sgoilearan a th' air an t-siathamh bliadhna san àrd-sgoil fhàgail agus a' dol dhan oilthigh no colaiste 's t-fhoghar.  Bidh ged-tà prìomhachas aig oileanaich a tha mu thràth an sàs an cùrsaichean an oilthighean is colaistean.  Am measg na sgìrean dùbhlanach tha Na h-Eileanan an Iar (ach a-mhàin Steòrnabhagh is Loch a-tuath), Ceann a tuath is Iar-thuath an Eilean Sgitheanaich, Taobh an iar Loch Abair, Tiriodh agus Ìle.

Chaidh Comunn na Gàidhlig a stèidheachadh ann an 1984 gus leasachadh na Gàidhlig a cho-òrdanachadh, agus 's e companaidh earranta le inbhe charthannais a th' innte. Anns an latha 'n diugh tha a' chompanaidh a' lìbhrigeadh dà chùmhnant sònraichte le Iomairt na Gàidhealtachd agus Bòrd na Gàidhlig gus a' Ghàidhlig a leasachadh air Ghàidhealtachd agus air feadh Alba.

Tha an uallach seo ga choileanadh tro obair aig ìre coimhearsnachd, cuide ri gnìomhachasan agus aig ìre poilitigeach. Tha oifisean aig CnaG ann an Inbhir Nis, agus Steòrnabhagh agus luchd-obrach a bharrachd ann an Uibhist, an Eilean Sgitheanach, Ìle, Loch Abair, Glaschu is Dùn Èideann..


Leave a comment

 
Back to top