News and media

Archive

Cothroman Cosnaidh Ùr Do Luchd Ceumnachaidh Na Gàidhlig

20 March 2012

Tha Comunn na Gàidhlig (CnaG) a' sireadh iarrtasan bho luchd ceumnachaidh a tha fileanta sa Ghàidhlig agus bu mhiann obair fhaighinn ann an roinnean leasachaidh Gàidhlig. Tha CnaG cuideachd a' sireadh iarrtasan bho bhuidhnean an sàs an leasachadh Gàidhlig a bhiodh airson neach ceumnachaidh fhastadh airson bliadhna.

Tha an Sgeama Luchd Ceumnachaidh, a th' air a mhaoineachadh le Bòrd na Gàidhlig, a' leigeil le Ghàidheil òga a' chiad cheum a ghabhail ann an saoghal na h-obrach le bhith a' toirt obair fad bliadhna dhaibh, a' toirt cothrom dhaibh a bhith an sàs ann an raon fharsaing de dhreuchdan Gàidhlig agus a bhith ag obair ann an àrainn Ghàidhlig. Tha an Sgeama a' tabhann tuarastal de £17k sa bhliadhna don luchd ceumnachaidh agus bidh iad cuideachd a' faighinn cothrom cùrsa fèin leasachaidh a fhrithealadh a bhios feumail dhaibh agus cuideachd a chuireas rin cunntas-beatha. Tha an Sgeama feumail do na buidhnean leis gu bheil iad a' faighinn daoine òga, làn misneachd is spionnadh, le sgilean sònraichte a' toirt cothrom don bhuidhnean a bhith a' leudachadh an cuid obrach agus na seirbheisean a tha iad a' tabhann. Bidh CnaG cuideachd a' toirt taic-airgid dhaibh airson cuideachadh le cosgaisean fastaidh.

Thuirt Dòmhnall MacNèill, Ceannard ChnaG: "Tha mi uamhasach toilichte a bhith a' cur sgeama na bliadhna sa air bhog agus taingeil do Bhòrd na Gàidhlig airson an Sgeama a mhaoineachadh. Ann a bhith cur air chois gnìomhan eaconamach an lùib na Gàidhlig, tha àite cudromach aig an sgeama ann a bhith a' ceangal cùrsaichean oilthigh ris an àite-obrach agus ann a bhith a' fosgladh suas chothroman cosnaidh do luchd ceumnachaidh ùra. 'S e seo an ochdamh bliadhna a tha an Sgeama air a bhith a' ruith agus thairis nam bliadhnachan sin tha 35 luchd ceumnachaidh air compàirteachadh innte. Leis a' chrìonadh a tha sinn a' fulang san eaconamaidh an-dràsta, tha mi cinnteach gum bi iarrtas mhòr air àitean air sgeama na bliadhna sa agus dh'iarrainn air luchd ceumnachaidh agus buidhnean fios a chuir thugainn ma tha uidh aca pàirt a ghabhail innte."

Thuirt Leasaiche Cànain Bhòrd na Gàidhlig, Daibhidh Boag: "Tha Bòrd na Gàidhlig a' cur luach mhòr air an Sgeama Luchd Ceumnachaidh. Tha e cudromach gu bheileas a' cruthachadh chothroman don òigridh cosnadh fhaighinn a chuireas ris an obair a tha dol air adhart gus a' chànan a neartachadh, chan ann a-mhàin air Ghàidhealtachd 's nan eilean, ach air feadh Alba. Tha mòran aig an òigridh a th' air ùr cheumnachadh ri thabhann agus tha e cudromach gun tèid na sgilean, misneachd is lèirsinn aca a chur gu feum gus piseach a thoirt air cor na Gàidhlig."

Gheibh luchd ceumnachaidh aig am bheil ùidh san Sgeama tuilleadh fiosrachaidh agus Foirm Iarrtais aig www.cnag.org.uk Bu choir do bhuidhnean aig am bheil ùidh

san Sgeama fios a chuir gu Calum Iain MacLeòid, Oifis ChnaG, Steòrnabhagh (Fòn) 01851 701802 no calumiain@cnag.org.uk

Nota do Luchd-Deasachaidh

  • Tha luchd ceumnachaidh a' faighinn pàigheadh de co-dhiù £17,000 sa bhliadhna, le CnaG a' toirt taic-airgid de £6,800 mu choinneamh seo don buidhnean fastaidh.
  • Chaidh Comunn na Gàidhlig a stèidheachadh ann an 1984 gus leasachadh na Gàidhlig a cho-òrdanachadh, agus 's e companaidh earranta le inbhe charthannais a th' innte. Anns an latha 'n diugh tha a' chompanaidh a' lìbhrigeadh dà chùmhnant sònraichte le Iomairt na Gàidhealtachd agus Bòrd na Gàidhlig gus a' Ghàidhlig a leasachadh air Ghàidhealtachd agus air feadh Alba.
  • Tha an uallach seo ga choileanadh tro obair aig ìre coimhearsnachd, cuide ri gnìomhachasan agus aig ìre poilitigeach. Tha oifisean aig CnaG ann an Inbhir Nis, Steòrnabhagh agus Glaschu agus luchd-obrach a bharrachd ann an Uibhist, An Eilean Sgitheanach, Ìle is Loch Abair.
  • Airson an tuilleadh fiosrachaidh mun sanas naidheachd seo cuiribh fòn gu, Dòmhnall MacNèill; Ceannard, 01463 234138.
     

 


Leave a comment

 
Back to top