News and media

Archive

Cothrom do chompanaidh cartùin ainmeil a bhith stèidhte anns an Eilean Sgitheanach

16 November 2015

Tha an sgioba chruthachail air cùl cuid dhe na caractaran cartùin as ainmeile san t-saoghal airson stiùidio ùr a chruthachadh san Eilean Sgitheanach.

Airson còrr is deich bliadhna air fhichead tha King Rollo Films - stèidhte an Sasainn - air grunn sreathan chartùnaichean ro-sgoile a chruthachadh, leithid Poppy Cat, Maisy agus Spot the Dog.
Chaidh an sreath aca Humf a chur air adhart airson duais BAFTA, is e am measg nam prìomh phrògraman air Nick Jr. Tha e ga shealltainn ann an còrr is ceithir fichead dùthaich air feadh an t-saoghail.

Tha a-nise àrd-stiùiriche King Rollo Films, fear Leo Nielsen (aig a bheil taigh san Eilean Sgitheanach), ag amas air stiùidio a shuidheachadh san Eilean le a chompanaidh ag obair air a ciad sreath de chartùnaichean Gàidhlig.

Tha iomairt King Rollo chum stiùidio a thogail san Eilean a’ faighinn taic bho Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean (HIE), bhon bhuidhinn chraolaidh ScreenHI (fo sgèith XpoNorth) agus bho MG ALBA. 

A-chum an stiùidio a thoirt gu bith, tha an com-pàirteachas seo a’ tabhainn dà chnap de thrèanadh saor is an-asgaidh do dhaoine sam bi aig a bheil ùidh ann am beatha a’ dealbhadh chartùnaichean aig Sabhal Mòr Ostaig san Eilean Sgitheanach.

Tha a’ chiad chùrsa cola-deug, a’ coimhead ri dealbhachadh dhealbhan-cùil airson chartùnaichean, a’ gabhail àite eadar 7-18 Dùbhlachd, leis an dàrna chùrsa – a’ coimhead ris a’ bhathar-bhog 2D CelAction – a’ tòiseachadh air 11 Faoilleach.

Tha an fheadhainn air cùl a’ chùrsa a’ cur fàilte shònraichte air daoine le Gàidhlig, ged as urrainn do dhaoine sam bith le ùidh ann am beatha san obair seo cur a-steach air a shon.

Thèid a’ chiad sheisean ga thoirt seachad leis an stiùiriche-ealain aig King Rollo Films Paul Dowling, leis an ‘lead animator’ Matt Dame, a’ ruith a’ chùrsa CelAction 2D. 

Tha Matt eòlach gu leòr air an Eilean Sgitheanach. Bha a sheanmhair is a sheanair, a bha na iasgaire, a’ ruith B&B an Lios Mòr ann am Bhatarnais fad bhliadhnachan mòra agus chuir e fhèin seachad samhraidhean na òige air an Eilean. 

Tha Leo Nielsen an dòchas gum faigh luchd-ealain na seòrsa sgilean ùra a dh’fheumas iad às an trèanadh seo chum sreath-cartùin ùr air leth a chruthachadh. “Chan e seo ach toiseach-tòiseachaidh,” thuirt Leo. “Tha sinn an dòchas ionad a chruthachadh air an tig fàs agus leasachadh thar nam bliadhnachan ri teachd, a’ dèanamh filmichean agus a’ toirt tlachd do theaghlaichean air feadh an t-saoghail. Tron a’ phròiseas seo, thèid deagh obraichean ùra, seasmhach a chruthachadh air a’ Ghàidhealtachd.”

A rèir Leo, is e amas King Rollo Films gum bithtear air sreath chartùnaichean a chruthachadh san Eilean Sgitheanach taobh a-staigh trì bliadhna. 

“Tha sinn airson is gun tig am bun-bheachd, an sgrìobhadh, ealain, obair-dealbhachaidh, ceòl agus fuaim uile bho dhaoine stèidhte air a’ Ghàidhealtachd is na h-Eileanan. Tha sinn ag amas air sreath a chruthachadh ann am Beurla is Gàidhlig bhon fhìor thoiseachd, ach gum bi e na shreath a fhreagras air buidhnean-craolaidh air feadh an t-saoghail.”

Thuirt Amanda Millen, stiùiriche na lìonra XpoNorth a tha a’ cur taic ris a’ phrògram-thrèanaidh: “Is e seo an dearbh seòrsa phròiseact as còir a bhith a’ tighinn gu bith san Eilean Sgitheanach. Tha sinn air leth toilichte a bhith an sàs aig an ìre seo, is ga thoirt gu buil.”

Thuirt Iseabail Nic an t-Sagairt, Stiùiriche Leasachaidh agus Com-pàirteachais aig MG Alba, a tha a’ ruith na seanail BBC Alba an co-bhuinn ris a’ BhBC, “Tha sinn toilichte dha-rìribh am pròiseact iomairteach togarrach seo a thoirt gu bith.”

“Tha sinn ag obair chum leasachadh chomasan ‘animation’ na sgìre, a’ cruthachadh phrògraman eadar-nàiseanta le freumhaichean domhainn san Eilean Sgitheanach agus sa Ghàidhlig. Is e deagh naidheachd a th’ ann do choimhearsnachd chruthachail na Gàidhealtachd is nan Eilean agus don Ghàidhlig fhèin.”

Thuirt Caroline Forsyth, Stiùiriche Leasachaidh aig HIE: “Tha an sgìre seo a’ coisinn barrachd is barrachd cliù a thaobh thàlantan cruthachail agus tha sinn air ar dòigh taic a chumail ri King Rollo Films is iad a’ tabhainn trèanadh do dhaoine sam bith sa sgìre aig a bheil ùidh ann an obair ‘animation’.

“Tro bhith a’ cruthachadh stiùidio da leithid sna Eilean Sgitheanach bidh cothrom aig a’ chompanaidh iomairtean a thoirt air adhart is iad aig an aon àm a’ cruthachadh chothroman air obraichean Gàidhlig, agus obraichean inntinneach seasmhach dha muinntir an àite.” 

Aon uair is gu bheil an trèanadh seachad, tha dùil aig King Rollo pròiseact a leasachadh a bhios deiseil taisbeanadh do bhuidhnean-craolaidh. Thèid an leasachadh a thoirt air adhart le King Rollo, ach thèid an obair gu lèir a dhèanamh san Eilean Sgitheanach leis an trèilear agus am ‘pitch’ gan dèanamh an Gàidhlig agus Beurla.

Tha àitean fhathast ri fhaighinn air an dà chùrsa. Tha cuideachd grunn tachartasan-coinneachaidh gu bhith ann air feadh na Gàidhealtachd is nan Eileanan thar nan seachdainean ri teachd.


Leave a comment

 
Back to top