News and media

Archive

Comann Eachdraidh Uibhist a Tuath a’ buannachadh duais Ghàidhlig HIE

21 November 2015

Bhuannaich Comann eachdraidh Uibhist a Tuath duais ‘Eaconamach na Gàidhlig le taic bho Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean (HIE) aig Duaisean na h-Alba 2015 aig taigh-òsta St Andrew’s in the Square, Glaschu, Diciadain 19 Samhain.

Bha sreath de dhuaisean air an oidhche ag aithneachadh sàr oidhirpean is soirbheachadh ann an saoghal is cultar na Gàidheal, agus iad a’ dèanamh follaiseach na h-obrach a thathar a’ dèanamh gus cor is dualchas a’ chànain a chumail suas.

Thug Dòmhnall Dòmhnallach, ball bòrd HIE, an duais seachad do Chomann Eachdraidh Uibhist a Tuath agus thuirt e: “Tha HIE agus ar compàirteachas air leth toilichte a bhith cuir air adhart pròiseactan a tha moladh daoine a bhios a’ lorg dòighean ùr ann a bhith a’ cleachdadh Gàidhlig mar so-mhaoin eaconamach. Tha sinn a’ cur meal a naidheachd air a h-uile duine a chaidh a-steach airson an duais, agus gu h-àraid Comann Eachdraidh Uist a Tuath air an soirbheachadh aca.”

B’ e neach-craolaidh Cathie NicDhòmhnaill bean-an-taigh air an oidhche, agus fhuair an tachartas taic bho an Daily Record, HIE, Bòrd na Gàidhlig, Foghlam Alba, agus MG Alba.

’S e taigh Chearsabhagh ann an Uibhist a Tuath a chruthaich an taisbeanadh Sgeulachd Hiort airson fiosrachadh a sgaoileadh mun innis-mhara iomallach air a bheil Hiort. Tha 15 clàir anns an taisbeanadh agus a’ Ghàidhlig mar an cànan as follaiseache. Chaidh an àireamh luchd-tadhal air Taigh Chearsabhagh suas bho 24,193 ann an 2013 gu 28,974 ann an 2014.

Tha an taisbeanadh air a bhith air shiubhal gu Taigh-tasgaidh Sgoil Lionacleit ann an Beinn na Faoghla agus gu Ionad an Bhlascaoid Mhóir ann an Contae Chiaraí, Éirinn.

Dh’obraich Taigh Chearsabhagh cuideachd ann an co-bhuinn ri oilthigh Chill Rìmhinn airson Hiort Mas-fhìor (Virtual St Kilda) a chruthachadh agus anns a bheil dà uair a thìde gu leth de dh’fhiosrachadh mu na h-eileanan agus a chaidh a dhealbh gus a bhith na thàladh do ghinealach nas òige, cho math ri bhith ri fhaotainn air an eadar-lìon gus am bi an stòras ri fhaighinn le barrachd dhaoine.

Deireadh.


Leave a comment

 
Back to top