News and media

Archive

“Coimhearsnachd Ghàidhlig na Bliadhna” air ainmeachadh

27 September 2011

Tha coimhearsnachd Uibhist a Deas agus Èirisgeigh ga ainmeachadh an diugh (Dimàirt 27mh Sultain) mar 'Coimhearsnachd Ghàidhlig na Bliadhna 2011'.

Tha am farpais air a stiùireadh le Comunn na Gàidhlig, le taic bho Iomairt na Gàidhealtachd's nan Eilean.

A bharrachd air cliù na tiotal fhèin, tha luach trì mìle not (£3,000) anns a' chiad duais dhan choimhearsnachd soirbheachail, airson a chleachdadh mar thogras iad fhèin.

Chaidh tagraidhean na farpais a mheasadh le pannal bhritheamhan, a' cunntas riochdairean bho Chomunn na Gàidhlig; Iomairt na Gàidhealtachd's nan Eilean; agus Bòrd na Gàidhlig. Bhathar a' lorg fios mu cleachdadh na Gàidhlig aig ìre ionadail, cho follaiseach 's a tha i san sgìre agus cho tric 's a chluinnear i a measg muinntir na sgìre - le cuideam sònraichte ga chuir air cleachdadh Gàidhlig a measg an òigridh.

Bha na britheamhan aontaichte gun robh Uibhist a Deas is Èirisgeigh airidh air a' chiad duais airson am fianais a thugadh seachad air mar a bha a' Ghàidhlig ga fighe a-steach, agus mar phàirt chudromach de bheatha làitheil na sgìre.

Thuirt Ceannard ChnaG Dòmhnall MacNèill: "Tha fios againn gum bheil gu leòr a dhaoine, air feadh na Gàidhealtachd is Alba air fàd, a' dèanamh an dìcheall às leth na Gàidhlig, is tha e a' toirt toileachas mòr dhuinne a bhith ann an comas an saothair seo aithneachadh tron fharpais seo. Mhìnich Uibhist a Deas is Èirisgeigh dha na britheamhan mar a tha a' Ghàidhlig ga cleachdadh a measg seann is òg, agus aig a h-uile ìre de bheatha na coimhearsnachd, bhon àit'-obrach, chun sgoil, is clubaichean-òigridh."

Tha Uibhist a Deas is Èirisgeigh na aon de na sgìrean far am bheil Iomairt Ghàidhlig an sàs, agus a rèir Lèna Nic'Illfhiallainn, a th'air a bhith an luib an Iomairt bhon toiseach, bha iad moiteil dha rìreabh an duais a ghlèidheadh: "Bhitheadh fios aig mòran gum bheil a' Ghàidhlig làidir san sgìre a tha seo, ach cha b'ann air an sin a steidhich sinn ar tagradh chun an fharpais seo idir. Thog sinne fianais air a h-uile obair a tha ga dhèanamh an dràsta gus àite na Gàidhlig a neartachadh aig an àm a tha seo, agus gus cothroman ùra chruthachadh dha na Gàidheil thighinn còmhla is a' chànan chleachdadh.

"Chan eil teagamh sam bith nach dèan sinn feum leis a' chiad duais a tha seo, tha dùil againn mu thràth an airgead a chuir an sàs gus feadhainn eile bhrosnachadh às leth na Gàidhlig - mar tabhartasan bheaga dha buidhnean eile gus an cuideachadh gu bhith cleachdadh na cànain.

"'S dòcha cuideachd gun toir seo dìreach togail bheag eile dha muinntir na sgìre a bhith a' measadh a' Ghàidhlig mar rud prìseil a tha fhathast làidir nam measg."

A bharrachd air a' chiad àite, tha dà dhuais eile gan toirt seachad dha na sgìrean a shaoil na britheamhan a bha anns an dàrna is treasaibh àite sam farpais. Am bliadhna 's e sgìre Urras Oighreachd Ghabhsainn air taobh siar Leòdhais a ghlèidh an dàrna àite, agus sgìre Bhreascleit a ghlèidh an treas àite. Tha duaisean de £1,500 agus £500 a' tighinn nan cois.

Thuirt Dòmhnall MacNèill: "Bu mhath leinn duais is aithne a thoirt dhan h-uile sgìre a tha a' tagradh san fharpais seo airson 's na tha iad a' dèanamh às leth na Gàidhlig, ach a rithist dhearbh sgìrean Ghabhsainn is Bhreascleit dhuinn gun robh iad airidh thar chàch airson na tha tachairt annta bho latha gu latha, is gu h-àraidh a-measg an òigridh."

Bithidh farpais cuideachd ga ruith airson "Gnìomhachas Gàidhlig na Bliadhna", is thathar an dùil toraidhean farpais 2011 fhoillseachadh a dh'aithghearr.
 


Leave a comment

 
Back to top