News and media

Archive

Co-labhairtean saor an asgaidh thairis air an eadar-lìon airson gnìomhachasan turasachd

29 April 2013

Tha luchd-eòlaich ann an turasachd a’ gabhail pàirt ann an sreath de cho-labhairtean thairis air an eadar-lìon (webinars) airson companaidhean tarsaing an sgìre fhàs agus leudachadh.

‘Se seo an darna sreath de taisbeanaidhean beò aig Iomairt na Gàidhealtachd ‘s nan Eilean (HIE), a bheireas còmhla cuid den ghnìomhachasan as fhèarr ann an turasachd a tha dèonach an lèirsinn aca agus beachdan practaigeach air ciamar is urrainn dhuibh buannachd fhaighinn bho na margaidean a tha a’ sìor fhàs.

Tha a’ chiad taisbeanadh a’ gabhail àite air Diciadain 1mh den Chèitean agus bi e a’ coimhead air turasachd sinnsireil. Bi Cameron Taylor ga libhrigeadh, sgrìobhadair agus neach-comhairliche air turasachd sinnsireil agus Jacquie Aitken, Oifigear Dualchais bho Timespan ann am Bun Ilidh.

Air an 8mh den Chèitean, bi taisbeanadh air Cultar agus Dualchas: Gàidhlig, far an toirt Ruairidh MacIlleathain, sgrìobhadair, craoladair agus neach-trèanaidh na Gàidhlig seachad taisbeanadh air mar a tha Gàidhlig ga chleachdadh mu thràth anns an sgìre agus bheir e seachad beachdan air mar is urrainn gnìomhachasan a’ chànan a chleachdadh airson buannachd fhaighinn. Bi Katie Boal bho Ionad Luchd-turais Blàr Chùil Lodair a’ taisbeanadh cuideachd.

Thèid an treas co-labhairt a chumail air an 15mh den Chèitean air turasachd seasmhachd agus air Riaghailtean air Sgudal (Alba) a bhitheas air a’ libhrigeadh le Ryan James, Cathraiche aig Glasgow Restaurant Association agus Denise Connelly, a tha na Oifigear Turasachd agus Tachartasan aig Gun Ana-caitheamh Alba (Zero Waste Scotland).

Air an 22mh den Chèitean, bi an co-labhairt air a’ margaid airson turasachd dàn’-thuras (Adventure Tourism) air a’ libhrigeadh le Petter Thorsen bho Hotel Spruce, taigh-òsta air a’ bhlàr a-muigh a bhitheas a’ gluasad mun cuairt an Nirribhidh. Bi Christopher Doyle bhon Adventure Travel Association a’ bruidhinn mun t-eòlas aige air a’ leasachadh turasachd dàn’-thuras, a’ margaideachd sin agus a’ cruthachadh bathair.

Cluinnidh an fheadhainn a ghabhas pàirt anns a’ cho-labhairt air an 29mh den Chèitean, bho Ross Tuffee mu Teicneòlas agus gu h-àraidh an obair aig a’ chompanaidh DOGFI.SH MOBILE Ltd. Bheir esan seachad sealladh air na buannachdan a dh’ fhaodadh seirbheisean fòn-làimhe a thoirt seachad do gnìomhachasan. Bi Prof. Jon Oberlander bhon phrògram Tourism Smart, a’ bruidhinn mun t-eòlas a th’aige air na gluasadan a thaobh teicneòlas an latha an-diugh agus na cothroman a th’ann airson gnìomhachasan.

Bi an t-sreath de cho-labhairtean air fad beò air an eadar-lìon gach Diciadain bho 09:30m airson còig seachdainean. Bi cothrom aig an fheadhainn a chlàras airson na co-labhairtean ceistean a chur a-staigh ron àm, a thèid a fhreagairt an uairsin tron seisean beò.

Thuirt Àrd-mhanaidsear Turasachd aig HIE, Audrey Nic IllFhinnein:
“Ghabh còrr is 2000 neach pàirt ann an t-sreath mu dheireadh againn. Bha e cho soirbheachail, tha sinn air sreath eile de luchd-eòlaich a chur air dòigh airson an t-eòlas agus beachdan aca a’ sgaoileadh. Tha sinn airson gun gabh companaidhean na cothroman a tha seo agus pàirt a ghabhail anns na co-labhairtean thairis air an eadar-lìon airson buannachd fhaighinn agus a bhitheas làn beachdan feumail. ‘Se deagh chothrom a th’ann barrachd fhaighinn a-mach bho gnìomhachasan eile agus mar a tha iad air a bhith soirbheachail air barrachd luchd-cleachdaidh a thàladh thuca agus barrachd teachd-a-steach fhaighinn.

Tha HIE a’ maoineachadh an t-sreath seo de cho-labhairtean thairis air an eadar-lìon mar phàirt den t-seirbheis Tourism Intelligence Scotland – iomairt a tha eadar VisitScotland, Iomairt na h-Alba agus HIE.


Leave a comment

 
Back to top