News and media

Archive

Co-chomhairle air Plana Gàidhlig 2012-15 ga cur air bhog

08 May 2012

Chuireadh air bhog an-diugh (Dimàirt 08 Cèitean) co-chomhairle phoblach air dreachd Plana Ghàidhlig aig Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean (HIE).

Tha an ùrachadh den Phlana Ghàidhlig seo, airson 2012-15, le fiosrachadh air amasan is àrd-amasan HIE a-thaobh na Gàidhlig tharais air an ath thrì bliadhna; agus mar a thèid an coileanadh. Tha e a' togail air an adhartas a rinneadh sa chiad phlana airson 2009-12.

Faodaidh buill a' phobaill an dreachd Plana a leughadh agus beachdan a thoirt seachad air aig www.hie.co.uk/gaelicplanconsultation suas gu Dihaoine 15 Ògmhios. Thèid an dreachd deireannach a chur a-steach gu Bòrd na Gàidhlig, airson beachdachadh air leis a' Bhòrd, air 29 Ògmhios.

Tha neartachadh na Gàidhlig aig cridhe obrach HIE a chum leasachadh sòisealta agus eaconamach air a' Ghàidhealtachd is na h-Eileanan. Tha am plana a' cur prìomhachas air na cothroman mòra an lùib na Gàidhlig ann a bhith a' toirt obair-leasachaidh na sgìre air adhart.

Tha taic bho HIE air cuideachadh ann an cruthachadh grunn dhe na buidhnean a tha a' toirt cothrom don Ghàidhlig a bhith fàs, agus tha an taic seo cuideachd a' gleidheadh buaidh nam buidhnean seo - bho bhuidhnean compàirteachais a leithid Comunn na Gàidhlig agus an Comunn Gàidhealach, gu Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean agus Sabhal Mòr Ostaig, gu Fèisean nan Gàidheal is eile.

Tha na gealltanasan sa Phlana nan dearbhadh air cudrom na Gàidhlig do HIE, agus ga toirt gu ìre ùr taobh a-staigh na buidhne agus ann an lìbhrigeadh sheirbheisean do luchd-dèiligidh.

Tha HIE ag aithneachadh luach na Gàidhlig; le cleachdadh a' chànain ga bhrosnachadh taobh a-staigh na buidhne. Le seirbheisean, fiosrachadh, goireasan agus cothroman rin toirt seachad ann am meadhan na Gàidhlig, 's ann a thathas airson luchd-labhairt na Gàidhlig a frithealadh na chànan fhèin.

Tha Riaghaltas na h-Alba a' cur dleastanas air HIE plana a dheasachadh agus a chur an gnìomh a chuireas ri seasmhachd a' chànain san àm ri teachd.

Tha an dreachd Plana Gàidhlig ag amas air àrdachadh a thoirt air dearbh-aithne Gàidhlig na Gàidhealtachd is nan Eileanan air fad, le spèis cho-ionnan ga toirt don Ghàidhlig is Bheurla - prionnsabal a tha aig cridhe an lagha a tha a' dìon a' chànain agus chòirichean a luchd-labhairt.

Bheiridh am Plana Gàidhlig ùraichte seo brosnachadh agus neartachadh dha mar a tha dearbh-aithne agus cultar na Gàidhlig a' cur ri cruthachadh choimhearsnachdan neartmhor, beothail agus fàs seasmhach san eaconamaidh.

Nuair a thathas a' cur freagairt thugainn, feuch is innse dhuinne a bheil thu airson is gun tèid d' ainm a chumail dìomhair nuair a thèid na freagairtean uile a chur gu Bòrd na Gàidhlig an cruth aithisg a bhios ri leughadh leis a' phoball.

Cuir na freagairtean gu:

Bria Mason
Oifigear Leasachaidh na Gàidhlig
Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean
9 Sràid Sheumais
Steòrnabhagh
Eilean Leòdhais
HS1 2RN

bria.mason@hient.co.uk tel: 01851 707 341

Leughar dreachd Plana Gàidhlig HIE aig Air ar làrach-lìn 

air neo

Gheibhear am Plana an cruth pàipeir bho Bria Mason, Oifigear Leasachaidh na Gàidhlig HIE (fiosrachadh gu h-àrd)

 

 


Leave a comment

 
Back to top