News and media

Archive

Capgemini a’ cruthachadh suas ri 500 obraichean ùra ann an IT air a’ Ghàidhealtachd

26 April 2013

Thèid suas ri 500 obair ùr a’ chruthachadh air a’ Ghàidhealtachd le Capgemini, fear de na companaidhean as motha air an t-saoghal a tha a’ toirt seachad seirbheisean gnìomhachais mar goireasan taobh a-muigh airson companaidhean eile leithid taic teicneòlas agus comhairle. Mar phàirt den phlana, bi Inbhir Nis na phrìomh aonad eadar-nàiseanta airson IT adhartach.

Tha an leasachadh air taic làidir fhaighinn bho Riaghaltas na h-Alba, Iomairt na Gàidhealtachd ‘s nan Eilean (HIE) agus Leasachadh Eadar-nàiseanta na h-Alba a tha a’ leantail còmhraidhean a bh’ ann eadar na h-oifigearan na buidhnean seo agus luchd-gnìomhaichean aig Capgemini UK.

Tha Capgemini a’ sireadh daoine aig a bheil eòlas air obair IT, luchd-ceumnachaidh a tha airson obair fhaighinn air a’ Ghàidhealtachd agus sgoilearan òga a tha air an sgoil fhàgail aig a bhiodh ùidh tòiseachadh air an sgeama ‘Highland Apprenticeship’ aig Capgemini. Tha a’ chompanaidh an dùil bruidhinn ri fo-cheumnaich a tha ag iarraidh dreuchd ann an IT agus tha iad air ceanglaichean làidir a’ stèidheachadh le Oilthigh na Gàidhealtachd agus na h-Eileanan ann an Inbhir Nis.

Thuirt a’ Phrìomh Mhinisteir, Mgr Ailig Salmond:
“ ‘Se deagh naidheachd a tha seo bho Capgemini agus ‘s iad a’ cruthachadh suas ri 500 obair ann an Inbhir Nis, chan ann a-mhàin airson a’ Ghàidhealtachd ach airson Alba air fad. Tha tòrr ga chur a-staigh, chan e dìreach dhan eaconamaidh ach cuideachd airson an àm ri teachd aig ar daoine òga.

Tha na 500 obraichean seo, thairis air an ath trì bliadhna a’ ciallachadh gu bheil Capgemini a’ dùblachadh an àireamh de luchd-obrach aca air a’ Ghàidhealtachd agus a’ ciallachadh gum bi Inbhir Nis na aonad airson sàr-mhathais a thaobh IT adhartach.

Gu h-iomlan, tha seo a’ ciallachadh gum bi 1000 luchd-obrach aig Capgemini ann an Inbhir Nis ro 2016 – tha seo a’ cur ri cliù a tha aig Alba mu thràth gu eadar-nàiseanta airson innleachdach, ùr-ghnàthachadh, iomain agus gnothachais.

Tha an gealltanas aig a’ chompanaidh eadar-nàiseanta seo a’ sealltainn an neart a tha iad a’ cur a-staigh ann an Alba.”

Thuirt Paul Soutter, Àrd-oifigear aig Capgemini a thaobh Seirbheisean Bun-structar UK:
“Tha naidheachd an latha an-diugh a’ sealltainn an gealltanas againn airson deagh obraichean seasmhachd a chruthachadh, gu h-àraidh airson luchd-ceumnachaidh colaiste. Tha sinn air fhaicinn airson ùine mhòr a-nis gu bheil Alba ann an deagh suidheachadh dinimig, torrach airson gnìomhachais, mar sin tha sinn a’ leudachadh le làn fhios den soirbheachas a tha air a bhith againn mu thràth. Bi na h-obraichean ùra a tha sinn a’ cruthachadh air a’ Ghàidhealtachd an deas meadhan an eaconamaidh stèidhte air eòlas agus cuidichidh seo Alba gus an urrainn i a bhith nas fharpaiseach agus margaidean eadar-nàiseanta a’ bhuannachadh.”

Thuirt Àrd-oifigear Iomairt na Gàidhealtachd ‘s nan Eilean, Alex Paterson:
“ ‘Se seo fear de na companaidhean eadar-nàiseanta as motha a tha air na h-uiread seo de obraichean a thoirt dhan sgìre airson bliadhnachan. Cuiridh seo Capgemini a measg na companaidhean as motha a th’againn mar fhastaidhearan. Tha an co-dhùnadh gus aonad sàr-mhathais a chruthachadh air a’ Ghàidhealtachd ‘s nan Eilean na fhianais air an luchd-obrach sgile th’ againn mu thràth ann an seirbheisean gnìomhachais. Tha sinn a’ cur fàilte air na h-obraichean math seo, a’ neartaichais an luchd-obrach a th’againn mu thràth agus an ath ghinealach de dhaoine òga a tha a’ coimhead airson dreuchd làn-ùine.

Tha sinn toilichte an companaidh seo a chuideachadh leis an leasachadh còmhla ri buidhnean mar Leasachadh Eadar-nàiseanta na h-Alba (SDL) agus Leasachadh Sgilean na h-Alba (SDS) a thaobh maoineachadh agus le ar cuid eòlas agus ceanglaichean le sgoiltean agus oilthighean. Tha sinn a’ guidhe Capgemini agus an luchd-obrach aca a h-uile soirbheachas leis an fhàs aca air a’ Ghàidhealtachd.”

Tha HIE còmhla ri Taic Taghadh Roinneil (RSA) a’ toirt seachad £5.25m de mhaoineachadh dha Capgemini agus taic trèanaidh cuideachd airson an iomairt aca a thoirt dhan Ghàidhealtachd.

Thuirt Anne MacColl, Àrd-oifigear Leasachadh Eadar-nàiseanta na h-Alba:
“Tha sinn air leth toilichte gu bheil RSA agus maoineachadh airson trèanadh air cuideachadh gus an t-aonad seo a thoirt gu Alba. Tha Capgemini stèidhte an seo mu thràth agus tha fhios aca mun bun-structar gnìomhachais agus an luchd-obrach sgile againn. Tha seo na fhianais gu bheil iad a’ cur luach air na feartan seo agus gur e sin a thug orra an iomairt seo a thoirt gu Inbhir Nis. Tha sinn a’ coimhead air adhart obrachadh còmhla riutha agus na buidhnean eile, mar HIE agus SDS a tha air a bhith ag obair gu dlùth ron a seo, airson an leasachadh seo a thoirt gu buil.”

Tha Capgemini a’ planadh airson seirbheisean taic IT farsaing agus leasachadh à Inbhir Nis, a’ stèidheachadh an t-àite mar aonad eadar-nàiseanta de sàr-mhathais as leth companaidhean eadar-nàiseanta dha bheil iad ag obair air a shon. Thèid a h-uile neach-obrach ùr am bogadh ann an trèanadh agus foghlam aig an toiseach agus a’ leantainn orra tro na dreuchdan aca aig a’ chompanaidh. Tha an trèanadh airson luchd-obrach Capgemini ga dhèanamh ann an diofar àiteachan air feadh Alba agus Sasainn agus cùrsaichean còmhnaidheach aig oilthigh Capgemini anns an Fhraing.

Tha Capgemini a’ faicinn gur e deagh taghadh soirbheachail a th’ann an Inbhir Nis airson an Rìoghachd Aonaichte agus airson luchd-cleachdaidh a’ chompanaidh bho thall-thairis a tha a’ coimhead airson roghainn Eòrpach eile.

An dràsta, tha mu 8,000 neach ag obair airson Capgemini anns an Rìoghachd Aonaichte, le 1000 dhuibh sin ann an Alba, còrr is 500 dhuibh ann an Glaschu, Dùn Èideann agus Obar Dheathain agus còrr is 470 mu thràth ann an Inbhir Nis agus Inbhir Narann. Tha an companaidh ag aithris fàs gu math làidir gu eadar-nàiseanta agus san Rìoghachd Aontaichte a dh’ eadhon crìonadh na eaconamaidh.


Leave a comment

 
Back to top