News and media

Archive

Barraigh is Bhàtarsaigh air an ainmeachadh mar Coimhearsnachd Ghàidhlig na Bliadhna airson 2012.

08 October 2012

'S iad Barraigh is Bhatarsaigh, na h-eileanan is fhaide deas an Innse Gall air am bheil daoine, a ghlèidh duais Gleus 2012 agus an tiotal, Coimhearsnachd Ghàidhlig na Bliadhna, sna h-Eileanan agus a' Ghàidhealtachd.

A-nis san treas bliadhna, tha an fharpais, Gleus a' toirt aithne don obair a tha coimhearsnachdan a' dèanamh gus piseach agus fàs a thoirt air a' Ghàidhlig aig ìre ionadail. A thuilleadh air an inbhe fhèin tha duais de £3,000 a' tighinn na chois.

Tha an fharpais air a ruith le Comunn na Gàidhlig (CnaG) mar phàirt den chùmhnant leasachaidh a th'aca le Iomairt na Gàidhealtachd's nan Eilean (HIE).

Chaidh an tagradh airson coimhearsnachd Bharraigh is Bhatarsaigh a chuir air adhart le Comunn Eachdraidh Bharraigh is Bhatarsaigh agus bha Eairdsidh Dòmhnallach, Manaidsear HIE airson Innse Gall agus Calum Iain MacLeòid, Stiùiriche Leasachaidh ChnaG an làthair aig tachartas am Bagh a' Chaisteal gus na duaisean a thoirt dhan choimhearsnachd.

Ann a bhith a' toirt seachad na duais, thuirt Mgr Dòmhnallach: ''Anns an aon dhòigh sa tha pròiseactan coimhearsnachd co-cheangailte ri oighreachd is cumhachd ag ath-bheothachadh coimhearsnachdan, gabhaidh a' Ghàidhlig agus an dualchas Ghaidhealach a chleachdadh gus ath-bheothachadh a thoirt air a' Ghàidhealtachd sna h-Eileanan. 'S e stòras phrìseil a th'annta as urrainn neartachadh agus spionnadh a thoirt seachad gus fèin-aithneachaidh, dualchas cultarail agus beathalachd cultarail a bhrosnachadh ann an coimhearsnachdan.

"Chaidh na tagraidhean am measadh a thaobh cleachdadh na Gàidhlig, gu sònraichte am measg òigridh, follaiseachd na Gàidhlig sa choimhearsnachd agus cothroman foghlam agus cùram chloinne fhaighinn tro mheadhan na Gàidhlig. Rinn tagradh Bharraigh is Bhatarsaigh follaiseach gu robh a' choimhearsnachd làidir a thaobh cleachdadh làitheil na Gàidhlig, le mòran thachartasan Ghàidhlig a tha a' cur gu mòr ri beatha chultarail an eilein, gach cuid airson muinntir an àite fhèin agus luchd-turais.''

Thuirt Murchadh MacFhionghain, Cathraiche a' Chomunn Eachdraidh, "Tha Barraigh beò air tachartasan coimhearsnachd a tha gu mòr stèidhte agus air an cumail sa Ghàidhlig. Tha Fèis Bharraigh, a' chiad fheis a chaidh a cumail, air a bhith a' ruith o 1980, tha Mòd ionadail againn agus an fheis, Barrafest, a tha a' tarraing neart o chomhlain mar Balaich Bhatarsaigh is Skippinish. Tha iad sin uile a' tarraing an òigridh chun chànan. Tha a' Ghàidhlig aig cridhe gnòthachan anns a' choimhearsnachd - tha seo bho ìre cròileagan, gu sgoil, chun àite-obrach agus chun na seirbheisean poblach mar ughdarras ionadail is seirbheisean slàinte a thuilleadh air eaglaisean, bùthan, àiteachan-fuirich is bidhe agus gnìomhachas an t-iasgach.

"Tha cuideachd follaiseachd a' chànan tron choimhearsnachd, le soidhnichean rim faicinn air feadh an àite, air bùthan, oifisean, taighean-òsta, àiteachan-bidhe agus fiù's air an raon goilf."

Thuirt Calum Iain MacLeòid, bho CnaG: "Se a tha sinn a' coimhead air a shon nuair a tha sinn a' measadh thagraidhean ach coimhearsnachdan a tha a' dèanamh dìcheall airson ùrachadh a thoirt air a' Ghàidhlig, agus a tha a' cur an làn thaic ris an obair leasachaidh a tha a' gabhail àite an ceartuair. Bha sinn glan air ar dòigh leis na tha a' tachairt am Barraigh agus Bhatarsaigh, agus ro thoilichte a bhith a' buileachadh an duais sa orra. Tha sinn an dòchas gum misnich seo sgìrean is coimhearsnachdan eile gus a bhith a' feuchainn ri piseach a thoirt air cor na Gàidhlig nan coimhearsnachdan fhèin."

Se sgìre Shlèite san Eilean Sgitheanach a ghlèidh an dàrna àite san fharpais, luach £1,500, agus Ceann a Deas na Loch, an Leòdhas an treas duais de £500.


Leave a comment

 
Back to top